XLVII AN COILEACH A CHAIDH AIR CHALL ’S A’ PHOSTA
’S e latha Nollaig tha’n diugh ann,
’S cha d’fhuair mi guth as na Hielans;
Cha d’fhuair mi ràcan, no tunnag,
No cearc, no culag, no criomag, 5760
Ach, mur an tàinig, chan airc leam,
Nach cùm iad ac’ ’s nach ith ’ad e;
Is ioma molt ann an crochadh
Aig Mac-an-Rothaich ’s an uinneig,
’S gum faigh mi cas. 5765
A rìgh! gur mise bhios ròiceil,
A’ faicinn ròsd’ anns an àmhuinn
Is làn na poiteadh do dh’eanraich
A b’fhiach a thairgse dha’n bhàn-righ.
Faodaidh mise bhith buidheach, 5770
Ged dh’òlainn urad ri càmhal;
’S ann bhios mi ’g imlich mo chorrag
Nuair chì mi lodar aig Màiri
’Ga thoirt a-mach.
’S e sgailc do shùghadh na déiseadh 5775
A chuireas gleus air mo stamaig
Mu’n suidh mi sìos gu buntàta,
Cho math ’s a dh’fhàs ann am feannaig.
An uair a chì mi ’s a’ phoit e,
’S am maide plocaidh ’ga phrannadh, 5780
’S ann tha mo cheist-sa air an spàinnidh
A thug an cèard thar na slabhaig
G’a cur a-steach.
Ach nan tigeadh Bean Uilleim
Is mis’ am mullach mo shòlais, 5785
I ’gam choimhead a’ sgealbadh,
Gun stob a dh’arm ach na meòirean
An rud a bhuaileadh ’na h-inntinn
Is gum faighinn dìreach mu’n t-sròin e;
“ ’S e crois Chrìosda air gach crìosdaidh; 5790
’S ann orra bhialaibh-sa, Dhòmhnaill,
Tha cuid an daimh.”
Ach ged nach tàinig an coileach,
Chan eil mi coireachadh Màiri;
Tha fios nach deanadh i dearmad 5795
A chur air falbh mar a b’àbhaist
Is ma chaidh e ceàrr anns an t-slighe
’S cho math bhith nigheadh mo làmh as,
Ach smaointich thusa air na h-oscair
A ghabh a’ phostage ro-làimh air 5800
Gun thoirt gu srath.
’S ioma cugainn bliadhn’ -ùire
A chaill a cùrsa anns a’ cheò so,
’S a’ chuid a dh’fhalbh dhiubh á Uibhist,
Cha tàinig fuigheall dhiubh dòigheil, 5805
’S ge b’e trusdar gun ionchainn
A chuir iomrall ’s an ròd ud,
Gun chuir e an coileach a dhìth orm:
’S mór an dìobhail sud oirnne,
’S e bhith cho math. 5810
Chaill mi’n coileach ’s b’e an call e;
’S e dh’fhàg ’s an àm so mi tùrsach
Is ged a shiùbhlainn a’ Ghalldachd
Nach fhaic mi shamhla ann am bùthaibh.
’S ann tha mi fhìn ann an amharus 5815
Gun chuireadh sanntach an t-sùil ris;
Gur fhad’ o chunnaic mi banntrach,
’S i gabhail rann air a glùinean
Bhiodh ac’ o shean.
Bu mhath a b’aithne dhomh àrmunn 5820
Nuair bha mi tàmhachd an Uibhist
Is bhiodh e daonnan ’na dhorruinn
Le daoine gonadh a’ chruidh air.
Bu tric bhiodh Anna Nic Suain aige,—
Té bha uamhasach sgilear; 5825
’S an àm bhith deanamh an t-snàthain
Bhiodh dath a’ bhàis air a bilean
Gus e bhith ceart.
Nuair bhiodh na h-eich aig’ air thogail
Nach dean ’ad obair an fheamnaidh, 5830
Ged tha mi cinnteach gu leòr ann
Gu leighiseadh eòrna air a’ chalg ’ad.
Cha chuireadh neach as a chlaigionn
Nach deach am bragadh le farmad
Is dh’fhàg sud esan ’na amadan 5835
Eadar Anna ’s an t-sealbhach
’Na thiopa-taip.
Ach ’s fheàrr dhomh tilleadh ri m’ choileach,
Ma faightear coire dha m’ bhàrdachd;
O ’s e bu chuspair an tùs dhomh 5840
Nach lean mi dh’ionnsaigh a’ bhàis e
Is ged nach d’fhuair mi dheth caiteag
Air son a chagnadh fo m’ chàirean;
Gur fhad’ o gheall mi dhomh fhìn e
’Na rud beag bìodach fo a mhàthair 5845
’S b’e sin an speach.
Bu tric a shuidh mi ’ga shealltainn
Nuair bha mi ’s t-samhradh ’s an dùthaich,
’S mi ’ga fhaicinn cho tapaidh
A-mach ’s a-steach feadh an ùrlair, 5850
’S bha fios ’am fhìn nuair a dh’fhàsadh e
Gur ann tàbhachdach, dùmhail,
Cho glan ’s a thogadh e ’n gràinnean
Nach fhaiceadh càch ’s e fo’n sùilean
Gun ghabh mi beachd. 5855
Bu tric a sheachainn e ’n spitheag,
Ged chaill e ’n diog aig a’ Nollaig
O bhiodh e daonnan ’na spriolag
A-muigh mu’n iodhlann a’ sgrobadh,
’S an donas ite chaidh riamh as 5860
A dh’aindeòin fiadhachas bhodach,
Cho grad ’s a sgaoileadh e sgiathan
Nuair bhiodh té fiachainn le mollaig air
Aig an dais.
Ach, ’fhir, tha ’n toiseach do réise, 5865
’S tu an nochd ag éisdeachd nan rann so,
Na leig ’nad àbhachd air dìochuimhn’
Gum faod do chrìoch a bhith teann ort.
Tha ioma sgiorrag dhuinn buailteach,
Nach tric tha ’n uair a’ tighinn meallt’ oirnn; 5870
Ged tha thu ’n diugh air an làrach,
Tha latha màireach gun ghealltanas
Air aig neach.
Nach beag, a choilich, a shaoil thu
Gun robh do chaochladh a’ sealg ort, 5875
’S tu ann an toiseach do latha,
Gun chnead, gun ghalair, gun anacair;
Ach ann an òige ’s an spionnadh,
Gur minig a chuireadh an earbsa,
Chan eil an saoghal-s’ ach tuisleach, 5880
Gur cinnteach ’s duslach na talmhanna
Sinn air fad.
Ma bha do shaoghal dhut sglàmhal,
’S tu ioma là fo na buillean,
’S gum bheil e nis aig a dheireadh; 5885
’S e sin an dreag againn uile.
’S e ceann gach rathaid a’ chill dhuinn,
Cha d’fhuair sinn innleachd air fuireach,
Ach ’s buidhe dhut-sa tha gun chionta
Seach mise, duin’ a bhios an cunnart 5890
Nuair thig am brath.
Chaidh do cholann a dh’Ìle
Is mu’n a thill i thar bhòidse
Cha robh cnoimheag ’nad amhaich
Nach robh cho reamhar ri m’ òrdaig 5895
Is nam biodh am post’ a chuir ceàrr thu
Is té no dhà dhiubh ’na sgòrnan,
O, ’s e mo ghuidhe-sa dhà-san
Gun toir am fàileadh air òrrais,
’S nach tig i dheth. 5900
title | XLVII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |