[203]

XLVIII GAOTH AN IAR

Gaoth an iar, gaoth an iar,
Gaoth an iar thar na mara;
Gaoth an iar thar abhàigh
Steach gu tràigh, fionnar, fallain.

Gaoth an iar thar nan stuadh, 5905
Tighinn bhon chuan chun an fhearainn;
Oiteag analach nan tonn,
Tighinn á com tha gun ghalair.

Gaoth an iar asguabadh fraoich
Suas ri aodann nam beannaibh. 5910
S binn a ceilearadh ri tràigh,
Rogha tàladh nan leanabh.

Gaoth nach adhbharaich dhan t-sluagh
Feum air cuaran no barran;
Cha bionnans an crannadh fuar 5915
Thig bho thuath no bhon ear oirnn.

Gaoth is buige thig á speur,
S blàithe shéideass is taise;
Cha tig anacairna lorg,
Gaoth nan gorm-thonnan casa. 5920

Anail chùbhraidh chùl nan stuadh,
S fallain fuar-ghlan a deathach;
Séideadh sèimh air tìr an fhraoich,
S grad a sgaoileas i ceathach.

Gaoth na seilge, gaoth an éisg, 5925
Gaoth na spréidhe mun mhainnear;


[204]

Gaoth na feamann anns gach cròic,
Gaoth an eòrnair gach machair.

Gaoth an t-sealgair taobh achùirn,
Dheanadh fùdar a lasadh, 5930
Toirt na h-eunlaith thar na sgéithe,
S gun an speur ach aglasadh.

Gaoth an iasgair aig na cléibh,
Fairge réidh is cuan farsuinn;
S ann leam fhìn bu bhinn a ceòl 5935
Tighinn gu seòl air a tarsuinn.

Nuair nach bàirde mi na ghlùn
Bi mo dhùsgadhs mo chadal,
S i ni tuiream aig mo chill,
Nuair thig moidhche bhios gun mhadainn. 5940

titleXLVIII
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page