XLIX MÓR NICLEÒID
Ged bha mi ’n raoir an tigh leam fhìn
’S mo chridhe tinn fo leòn,
Gum bheil mi ’n nochd a’ togail fuinn
Glé inntinneach gu ceòl;
Bho’n chuir a’ chuibhle car mu’n cuairt, 5945
Chaidh fuadach air gach bròn,
’S tha cridh’ a’ bhàird air dìreadh àrd
Bho’n thàinig Mór NicLeòid.
Ged dh’fhàg i mis’ an so fad shìos
Fo chianalas is bròn, 5950
Gun facal tighinn as mo bhial,
Gun chrìosdaidh tighinn ’nam chòir,
’S ged chaidh an tigh ’na chulaidh-sgràth,
Gun tàinig e gu dòigh,
’S cha mhór gun aithnichinn fhìn e ’n dràsd 5955
Bho’n thàinig Mór MacLeòid.
Nuair chì mi’n t-ùrlar air a sgùradh
Glan, gun smùr, ’na chòir,
Gun bhotul liunn bhith thall an niùc,
Gun mheirg mu chùl an stòbh; 5960
Gach nì cho cùbhraidh ris na h-ùbhlan,
’S cuibhrig ùr air bòrd;
Gum faod mi ràdh is léir a’ bhlàth
Gun tàinig Mór NicLeòid.
Nuair chì mi chlann a-muigh ’s an trannsa 5965
A’ ruith le ball ’nan dòrn,
’S a dh’fhalbh gach poll a thug mi ann
’Ga stampadh fo m’ dhà bhròig,
’S a chìtear m’ainm a-muigh air clàr
’S e deàrrsadh mar an t-òr; 5970
Gum bi na nàbaidhean ag ràdha,—
“Thàinig Mór NicLeòid.”
Nuair thig mi dhachaigh oidhche Luain
Cha bhi am fuachd ’gam leòn,
’S chan fhaigh mi pìos do dh’aran cruaidh 5975
Is cupa ruadh ’nam dhòrn,
Ach bidh a’ phoit ’s i loma-làn
Le brot is càl is feòil;
Gum faigh mi sàth dhe ’n bhiadh as fheàrr
Bho’n thàinig Mór NicLeòid. 5980
Chì mi teine mór do ghual,
’S bidh fuaim aige ri m’ shròin;
Cha dean mi sìon ach suidhe sìos,
Bhith fuasgladh dhìom nam bròg.
Cha ruig mi leas ma bhios mi sgìth, 5985
A’ phìob thoirt as mo phòc’;
Bidh h-uile càil g’a chur ri m’ làmh
Bho’n thàinig Mór NicLeòid.
Chì mi h-uile nì ’na àit’
Air fhàgail mar bu chòir; 5990
Gun fiach an t-snàthlainn a’ dol ceàrr,
’S an tigh cho blàth ri còs.
Bidh am bocsa luathadh a bhiodh cruachadh
Suas os cionn a’ bheòil,
Gun làn na spàinneadh air a’ mhàs 5995
Bho’n thàinig Mór NicLeòid.
An oidhch’ a thill i thuirt mi fhéin
Gun cuirinn féisd air dòigh
Is thug mi iasg a-steach á bùth
’S bha h-uile pùnnd dheth gròt 6000
Is fhuair mi botul beag a-nall
Dhe ’n dram aig Mac-an-Deòir,
Bho’n bha mi ’g ràdh ’s tu tighinn o’n bhàt’,
Cha mhisd’ thu làn do bheòil.
’S ann thuirt i rium ’s i car cho diùmbach, 6005
“Till a-nunn an còrn,
Tha’n t-àm agad bhith nis dheth stad;
Gun d’rinn thu sgaid gu leòr.
Chan fhaca mise sgillinn ruadh
A fhuair thu ann ’nad dhòrn; 6010
Chaidh ceithir punnd a chur ’s a’ mhàl,
Ach c’àit an deach an còrr?”
Gun duirt mi, “ ’Ghalghad, bho’n a dh’fhalbh thu,
Tha mi searbh gu leòr;
Gach nì cho gann ’s an t-sìd a bh’ann, 6015
Bha steall aic’ as na lòin.
Nach robh mi co’ -là-deug ’nam thàmh,
Gun fhàirdean bhith ’nam phòc’?
Bu chòir dhut ùrnuigh a chur suas
Bho’n fhuair thu g’eil mi beò.” 6020
Nuair thig Di-Sathuirne mu’n cuairt,
Cha ghluais mi dha’n tigh-òsd’,
Ach tilleadh dhachaigh aig an uair
’S mo thuarasdal ’nam dhòrn.
Chan fhaod mi gloine chur ri m’ bhial, 6025
No làn a’ mhiarain òl;
’S gur léir a’ bhlàth dhomh fhìn ’s do chàch—
Gun tàinig Mór NicLeòid.
title | XLIX |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |