[17]

V GÉIDEABHAL

A Ghéideabhal chreagach!
Gur lìonmhor sgòrr agus eag tha
nad aodann. 395
S lìonmhor sgoltadh is beàrna,
Sgailc is sgapadh is sgàineadh
ri fhaotainn,
S nach e do choltas tha beannach,
Tha gruamach, gnù-shùileach, greannach, 400
neo-aoidheil.
S mi nach iarradh do choibhneas
Nam bithinn seachran oidhche
s mi maonar.

Ar leam gur sgoinneil a màm thu! 405
Be bean na buanair abhlàr thu
ri dfhaicinn;
Cho leathann, cruachanach, màsach,
Cho balgach, bàghanach, màgach,
trom, taiceil, 410
Agus taghaidh neo-sgàthach,
Gu lusach, bathaiseach, blàrasach,
bàn, bailceach,
S ged tha thu ann bho linn Àdhaimh,—
Cha dean thu dfhaosaid air àireamh 415
nan lapach.

Cha chuir aois unnad gaiseadh,
Cha toir tiormachd no taiseach
a-nuas thu,
Geds ioma Faoilteach a bhlais ort 420
Agus caochan thug claise
nad ghruaidhean,


[18]

Agus beithir thug allt ort,
Agus tuil thug tràth as
do bhruachan, 425
Agus fairge mhór bhaobhail
Bhrist a bathais mu dladhran
abualadh.

Ach ged tha neart ann ad bhodhaig
Chan eil taom tighinn fodhad 430
gu tuasaid;
Ris na dhiarradh do chobhair
Be do bhriathran-saTrobhad
a thruaghain!”
Chan eil diùchairt air creutair 435
A tha fo chùrsa na gréine
agluasad;
Tha iad ionnan dhut càirdeach
Ann an duslach an làir as
do ghluaisad. 440

Chan eil sgeula ri luaidh ort
Gun do nochd thu cion truais no
cion tròcair,
Nuair a dhéireadh Clann Ruairidh
A chumail reubairean-cuain thar 445
an còrsa.
S tric mu dheireadh an tuasaid,
Ge be bhristeadh an cruaidhchàs
na còmhraig,
Thug thu fasgadh bhon ruaig 450
Is deoch dhe tuisgas an fhuaran
ri òl dhaibh.

Chan eil foill ann ad nàdur,
Chan eil cruinneachadh no càrnadh
air taire; 455
Tha thun diugh air an làrach,
S chan eil guth air am màireach,
non earar.


[19]

Chuir thu tearbsa gu làidir,
Masa h-iomchuidh le nàdur 460
gu mair thu.
Dhfhàg achreud sin gun fhiamh thu
Ge be thig bhon iar no
bhon ear ort.

S math a dhinnseadh tu dhòmh-sa 465
Nam faighinn fios bhuat le feòraid
no farraid
Am facas riamh fearann àitich
Eadar h-Irt agus Beàrnaraidh
m Barraidh? 470
Am facas raontan fo eòrna
Le corrain bhuanaig fir òga
gan gearradh;
Far nach fhaicears an àm so
Ach cìrein-mullaich nan tonn tha 475
gam falach.

Ach ma dhéirich na cuantan,
Ma bha tìr air a buain as
a h-ionad;
An ann le sgiorradh a bhuail oirre 480
Thuit na bunaitean bhuaipe
mun mhionaid?
Neon e marannan gorma
Tromh na linntean acorbadh
s acriomadh 485
Len teanga deoghal mun cirbean
A thug a-mach e le imlich
mu h-iomall?

Ach thusa Ghéideabhal chalma,
Chum thu gleac ris gach gailbheinn 490
a thàinig
Nach robh adol gun bhith mairbhteach.
Innseadh mol agus gainmheachd
do thràghad,


[20]

Ach bhon iar no bhon ear-dheas, 495
Ge be sìon a ghabh failmse
no fàth ort,
Tha thu fhathast gun ghluasad
Anns abhads na bhuail thu
do shàiltean. 500

titleV
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page