L DÌTH NAN CUNGAIDHEAN
Leam is bochd a bhith bruidhinn
’S an raoir is an nochd a bhith tighinn air 6030
Na tha sprochd air na h-igheanan,
Gun na nithean a b’ àill’ leo
Bhith aca suathadh an sròine,
’S a’ cur an cuailean an òrdugh,
A dh’fhàgadh gruaidhean mar ròsan, 6035
’S bilean beòil mar an sgàrlaid.
’S chan e gainnead an airgid
No idir coire an luchd-margaidh
A thug an goireas á Albainn.
Bu toigh le bana-cheàird ’s le bàn-righ 6040
’Gan deanamh suas ann am briaghad,
Gu mìn-gheal, gruaidh-ruiteach, ciatach,
’S a dh’fhàgadh gruag bhiodh air a liathadh
Gu buidhe, ciabhagach, fàinneach.
Ach an t-uamhas a dhòirt oirnn 6045
A-nall air uachdar na h-Òlaind,
A chuir ar sluagh do na frògan,
’S na bailtean móra ’gan smàladh;
A chuir na balaich a dhìth oirnn,
A’ dol ’s an deachamh na mìltean; 6050
Nach ioma fear tha ’na shìneadh
Is cùl a chinn ris an làraich.
Ach cha b’e marbhadh nan diùnlach
Fo chulaidh armailt na dùthcha
A tha mo ghalghad ag ionndrainn, 6055
’S tha ’n guli-gùg air a thàilleabh,
Ach a’ mhàileid bhiodh daonnan
A’ falbh ’s gach ceàrn air a gaoirdean;
Bu tric bhiodh làmh air ’ga sgaoileadh
Na bocsa snaoisean mo mhàthar. 6060
Cha toir gillean an luaidh dhaibh,
Mar is minig bu dual dhaibh;
Fanaidh fir air an fhuaraidh,
’S chan eil an ruaig mar a b’àbhaist
Bho ’n theirig pasganan cùbhraidh, 6065
A bhiodh ’gan tatadh g’an ionnsaigh:
Tha ’m botul scent air a dhrùghadh,
Gun bhoinne ’m bùth dheth air fhàgail.
Leam is cruaidh a bhith ’g éisdeachd,
’S a bhith ’s an uair so a’ leughadh 6070
Mu chor na gruagaich gun chéile,
Nach d’fhuair i fhéin ann an càraid,
A dh’fheumas triall chun na h-aoise
Gu dubhach, cianail, ’na h-aonar,
’S a thoireadh bliadhna dheth saoghal 6075
Gun tigeadh aon air a h-àrainn.
Chan eil annas no rìomhadh,
Chan eil anart no sìoda,
Chan eil ad air an cìrean,
Le ite fìor-eun no ràcain; 6080
Chan eil nithe their gu dòigh iad,
Ach an inntinn g’a leònadh,
A’ cagnadh ionga na meòireadh
A tha gun dòchas ri fàinne.
’S ioma té bhiodh gu dealrach 6085
’Na suidhe leughadh air carbad,
’S i nochdadh leugan do chalpa
Cho cuimir, dealbhach ri Gàrbo,
A bhiodh i gnogadh gu spòrsail
Le sìoda snog air a chòmhdach, 6090
A thill ri moganan clòimhe,
’S nach tog an còta bho na sàiltean.
Thachair Màiri nighean Sheumais
Aig oisinn sràide an dé rium
Le coltas bàn-bhusach deurach, 6095
Mar bhean is a céill air a fàgail;
Bha ceann a-null is e air fhiaradh,
’S bha ’n gàire sunndach gun sgial air:
’S ann bha i coltach ’na fiamhachd
Ri té rinn gnìomh a bha nàireach. 6100
Gus am faca mi a h-aogasg,
’S na theab mi tuiteam le ioghnadh.
Gu dé ’s an tubaist thug caochladh
Air cruth an aodainn a b’àille?
Bha gasan liatha ’na cìrean, 6105
Bha fichead cnaimhseag ’na cìbhlean,
’S bha guirean dearg is cóig frìdean
Os cionn a cuinnleanan deàrrsach.
title | L |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |