[211]

LI NUAIR A THÀINIG AM BUROO DO DHÙTHAICH NAM BEANN

Rìgh! gur mistha fo phràmh,
Cha tig aighear ri mchàil, 6110
S mi fado eilein nan àrd-gharbhlaichean;
S e mo chuibhrionn gu bràth
Bhith air muinntearas chàich
Fhads a chumas an t-àgh anathadh rium.
Ach na dhfhan ás mo dhéidh, 6115
S a chùm an dachaighean fhéin,
Dhfhàs iad uile gu léir sealbhach ann,
Tighnn air n-adhart gu mór
Ann an saidhbhreass an stòr,
Ged tha mises achrò charbad so. 6120

Chan eil duine ri tràigh
Eadar Arcaibh nam bàgh
Agus Manain mun gàir fairgeachan
Nach eil biadhta nas fheàrr,
S ann an sìochaints an tàmh 6125
Nach robh riamh aig mo dhà sheanmhair-sa,
S ann tha mises mo chlann
Ann am miadhoin nan Gall,
S tric maran gun feann armaidh air,
Agus Dùthaich nam Beann 6130
Acur thairis mun ceann,—
Nuair bu chòir dhomh bhith ann dhfhalbh mi as.

S tric an osna tighnn bhuam,
S mi tha cosnadh mo dhuais
Gu lathte, lapanach, fuar, fearghasach, 6135
Air mo rathad fo éis,
Acur seachd mo réis


[212]

Nach ioma bhios mo cheum falbhanach.
Chan eil troigh mu Chluaidh
S am bi tigh ri chur suas 6140
Nach bim breigeire ruadhs cairbheas air
S achlach-mheallainna deann
Atoirt snag air mo cheann
Gun do ragaich mo sheann fhailmeanan.

Nuair a chluinn mis a chì 6145
Mar tha muinntir mo thìr’,
S beag an t-ioghnadh mi bhith farmadach;
Mur am falbh iad air sgrìob
Air son bhith cnàmh an cuid bìdh,
Gu dhfhàgas iad sgìth anfhainneach? 6150
A thig gu feasgar an ,
S iad gu seasgairnan tàmh,
S ann tham peiteagans làn bhalg orra,
Nuair bhios mises an aol,
S mi gun aighear, gun aoigh, 6155
Achgam fheannadh aig sgaoth mheanbh-chuileag.

Chan eil fear a chuir cliabh
Ann an roc an taobh siar,
A thug dubhan á bial carbhanaich;
Chan eil fear a chuir lìon 6160
Far an tuinicheadh iasg,
Ged nach tugadh e riamh deargadh as.
Nuair a thig iad gu aois
Cha bhi miodhairt no gaoid,
Cha chuir uisge no gaoth amaladh orr’; 6165
Air an cumail nas fheàrr
Na tha misaig mo cheàird,
Ged is tric air an t-sràid anmoch mi.

Tha gach fear agus mnaoi
Air an tacadh le maoin, 6170
Chan eil cailleach no aon sean-bhodach
Nach toir cobhair na h-aois
Orra steach air gach taobh


[213]

Nach ann an sud tha na daoinairgiodach.
S ann a chuireas iad geall 6175
Ann an cas-chluich nam ball
O faigh iad uaireannan meall anabarrach,
S nuair a dhfhàsas iad mall
Gheibh iad cobhair nan dall
Bhon tha e nis aig gach seann fhearrabhalach. 6180

S mór an caochladh a thann
Seach an saoghal a bhann
Aig na daoine anns na seann aimsirean:
S ioma bha iad gann
Mun do dhàraich iad clann, 6185
S ann bha màileidean fann falmhaichte.
Iad ri saothair gu dian,
Gun an t-aodach nom biadh,
Cha robh aon bhonn-a- sia chalpaca,
Achnan culachan truais, 6190
Fodha dhionnsaigh nan cluas
Gus bhith bàite ann an cuan ainfhiach ann.

Chunnaic misiad gu dian
Treis mun éireadh aghrian
Anns achladach asìor fheamnadh as; 6195
Gum be an t-srathairs na cléibh
Inneal thàirnidh nan steud,
Cha robhn càrn ach gu glé ainmig ann;
Falbh a dhobair gu fiar
Air son ochd sgillinn diag, 6200
Chan eil reusan dhomhm biadh ainmeachadh;
Chuireadh tuathanach còir
Caigeann thasdannan dòrn
Nuair a spealadh iad leòb arbhair dha.

Ged bu bhleideil na bàird 6205
Gu cur ghaisgeach an àird,
Chan eil teagamh geil sheanchas air;
Gur e cnotag is brà,
Corran-shìolag is tàbh,


[214]

Inneal bhiathaidh nan sàr ainmeil sin. 6210
Falbh le uibenan làimh
Bhiodh an sitigean làn
Dhe na sligean is càir dhearg orra,
S iad acruadhachadh dhias
Ris an t-slabhraidh le cliabh, 6215
Gum be srùbhan bu chiad theanchdas dhaibh.

Bhliadhna ghais am buntàt’,
S mise dhfhaodadh a ràdh
Fhuair am maorach an shearbhag dheth:
Cha robh portan ri tràigh 6220
Nach do chochlaichnan ràimh,
Chuir aghortas gach ceàrn fargradh orr’;
Chaidh na bàirnich air chrith
Leis aghàir a bha muigh,
Och, a bhràithrean, thig sgrios marbhaidh oirnn! 6225
Cha robh nàdurrachd glic
Chuir am fàs sinn air lic
Ann an sàs far an ruig sgealb oirnn.

Cha robh cudaigs na Hann
Ma bha gliocasna ceann 6230
Nach do thuig gun robhn t-àm falbh aice;
Ghabh iad eagal abhàis,
S cha ben t-ioghnadh leam à,
S ioma laoicionn a bha sealg orra;
Cha robh bidean aig bàgh 6235
Nach biodh dithis le tàbh,
S iad cho gionach ri sgarbh uice,
Gus na dhfhàs i cho gann,
S nach robh urad is lann
Eadar Nis agus Ceann Charadail. 6240

S ioma fàrdach gun loinn
Air bheag àirneisna broinn
Bha eadar Arainn is Beinn Charbhaig,
Far am biodh an sparr-ghaoith
Acur thairis le sùith, 6245


[215]

S nach do ghlanadh bho linn Charmaig i;
Gum ben t-ùrlar am poll
Air a stampadh fom bonn,
Ach gun crathadh iad tonn ghainmhich air,
Agus fraighnighna sruth 6250
Leis na ballachan dubh’,
An ruds lugha orran diugh ainmeachadh.

Ach nuair fhuair iad air dòigh
Nach em buaireadair stòr
Dhfhàs na gruagaichean òg anbharrach, 6255
Coimhead sìos thar an sròin,
S iad air lìonadh le pròis
Gus nach dèan iad an còrr searbhantachd;
Cha bhi cuibheal no clòimh,
Cha bhi bior air ameòir, 6260
S gann gun glac iadnan dòrn searbhadair,
Ach ationndadh an sùl
Mur gum faiceadh tu gnùis
A bhiodhs an uinneig aig bùth dealbhadair.

Chi thu gillean gun diù, 6265
S iadnan ruith gu Buroo,
Gur ann a chuireadh achùis fearg orm,
Leis gach fasan as ùir’,
S ann bhios gloine air an sùil
A cheart cho math ris an Diùc Earraghàidhealach; 6270
Cha bhi ruisgein mun ceann,
Chaidh aGhàidhlig air chall,
Fhuair iad cànain nan Gall, ’s marbhphaisg air;
Còmhradh bleideil am beòil,
S iad gu sgeith leis an leòm 6275
Ged chaidh am breith ann anò, falbhadh iad!”

titleLI
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page