[216]

LII ÒRAN NA CATHRACH

Beud air cathair an ànraidh
Leis na sgathadh mo chnàmhan;
Dhfhàg sin maisnean-sa cràidhteach,
S dhiubh sgoile, neo-sgàinte. 6280
Bidh seachdainn oidhche Di-màirt
Bhon bhuail mo chas air an làr ann,
S bhon thuit mi tarsuinn air cnàmhlach an dòlais.

A sheann chleith-theanchair na tubaiste,
S tunad chrannalaich aig ghlugaman; 6285
Cha bu dealbhach an gugach thu,
S cha be sealbh a chuir thugam thu.
Chuir an aimlisgnam chuideachd thu,
S chosg thu airgiod an luidealaich
An latha cheannaicheadh le guth Móir Nic Leòid thu. 6290

A chreutair chama-chasaich, chrùbaich,
Nach mór nach do dhfhalmhaich mo phùidse
Gad thoirt a margadh nan Iùdhach!
Cha reiceadh Albannach rium thu;
Bidh deireadh taimsir-sa dlùthadh 6295
Nuair bhios mi falbh leat dhan chùlaibh,
S mi dol gad spealgachnad sprùilleach le òrd ann.

Nach e do mhaol a bhios truagh dheth,
S tu faighinn faobhar na tuaighe,
S i tighinn bho chùlaibh mo ghuailleadh 6300
Le buille lùthmhor ga bualadh.
Cha leig mo rùdain-sa bhuapi
Gus am bi thud spriùdannan ruadha,
S tu ann an cùl an tigh-ghual air do stòradh.


[217]

Bu tu aithis gun diù dhiot 6305
Bhiodh air bathais an ùrlair,
Far an laigheadh an t-sùil ort,
Thilgte sgailleag an cùil dhiot,
Ach bha thug altrum do dhiùmbaidh
Cleas gach gealtair is ùmbaidh 6310
Gus an dfhuair thu sgailc mu na glùinean thoirt dhòmh-sa.

Ge be chost riut a shaothair
Ann an toiseach do shaoghail,
Mas e tuairnear no saor e,
Cha be luaidh nam fear-ceaoird 6315
Le dchasan cuaigeineach, caogach,
Nach cumadh cuaran no glaodhadh,
S nach deanadh taice ri caoldruim no tòn dhomh.

A ghliongaid bhreòchaideach, bhacach,
Bu mhiosa gròbadh is pacadh; 6320
Bu chulaidh dheuchainn leam tfhaicinn,
S bhithg éisdeachd dìosganaich tfhearsnan,
S nach toireadh crìosdaidh ort tasdan;
Nach ann a dhfheuch rium aghlaistig
A thug bho Swindleman, Sladski and Co thu. 6325

Càit an tugadh á margadh
Eadar Lunnainn is Albainn
Fear bu mhotha chaidh ainm dheth
Ann an cruthachds an dealbhachd.”
Dhéisd an luid ris an t-seanchas 6330
A bha dubh-fhaclach, cealgach,
Dhfhàg sin murras is mairgiod aigMoses.”

Tha e math air a dhèanamh,
Socair, taiceil fon t-sliasaid,
Foghnaidh fhaicinn aig grìosaich, 6335
S cuiridh sealladh dheth miann ort;
Mura ceannaich thum bliadhne
Bidh thu gearan gu sìorruidh,”
Arsa braidean nam briag ris an òinsich.


[218]

Bhon latha pheacaicheadh Àdhamh 6340
Gur e mo bheachd air aghràisg ud
Gun ruith iad cleachdadh na meàirle
Gus an deach am prasgan a bhàthadh;
Nuair thàinig dìlorras deàrrsach,
S chan eil mi gearans ag àireamh, 6345
Ach nach robh toll air an Àirc a bhaig Nòah.

titleLII
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page