[219]

LIII IARRAIDH DHÒMHNAILL ALASDAIR

Mo chreach mhór, mo sgeul cianail,
Mar a dhéirich am bliadhna
Do dhròbhair mór nan damh fiadhaich,
A chaidh air chall is nach robh sgial air; 6350
A ghabh air muin an eich-iaruinn,
S a shluig an ceò as ar fianuis,
Nuair a dhfhalbh e Bhòirnis a dhiarraidh
An ràcain.

Dhfhàg e tigh Chille-Bhrìghde, 6355
Cha bhiodh e mionaid do thìde
Air rathad réidh, farsuing, dìreach;
Gann mu leth-dusan mìle ann
Is bha an t-each-iaruinn gun strì ann,
Le acfhuinn-mhiadhoin tri fìllte ann, 6360
Deas, ullamh, iasgaidh gu dìreadh
S gu teàrnadh.

Ghabh e an rathad le ruaiseadh,
Aotrom, aigeannach, uallach;
Bhiodh e againn a-nuas 6365
Mu ruitheadh cairteal na h-uarach,
S cha robh grabadh dha buailteach
A chuireadh fadal mu thuath air,
Ach ruighinns grad-thighinn mun cuairt
Air a shàil ann. 6370

Chosg sinn madainn an glòireis
Gu mar chruinneamaid ròinneag,
Afeitheamh tilleadh an òigeir
A dhfhalbh air chabhaig do Bhòirnis
Le sùil air Gearraidh-na-mònadh, 6375


[220]

A-mach tromh uinneag na clòsaid,
A dhfheuch am faiceamaid Dòmhnall
S an ràcan.

Gus an deach sinn fo iomagain
Ann an iorram is an iomacheist; 6380
Sinn gun ghuth no gun iomradh
An deach an luidealach iomrall,
No an robh e an cunnart no an iorghuill;
Ma thuirt e guth ris naBiorgain,”
S gun cuireadh fear acan t-ionchainn 6385
Le stràc as.

Mi fo ghruaimean afeitheamh air;
Ruith na h-uaireans na leth-uairean;
Ghabh mi uallach mu bhreitheanas,
S gum biodh uaigh air a cleith orm. 6390
Chuir mi an uair sin na peithirean,
S iad cho luath ris na peilearan,
Feuch an cualas guth eile
Mun cheàrdaich.

Feuch an cualas no am facas, 6395
No an tugta tuaim-sa no beachd-sgeul,
An tug e ruaiseadh mun Leacaich,
Mun Mhol-a- Tuath no mu Theacall,
S ma thig i gruamach le sneachd air ann
Leis an fhuachd is leis an acras, 6400
Nach e bhios truagh dheth fon taca-sa
Am màireach.

S ann fhuair sinn nuadal á Grianaig
Mun chidhe tuath gun robh ìomhaigh,
S e coiseachd suas ann air èaladh 6405
Mun cluinneadh cluas Mhaighstir Niall e,
S ma chuir e druaimleachna bhial ann
Gur ceart cho buailteach an sgial air
Gum faightear fuar anns na liaghagan
Bàite. 6410


[221]

Nuair a liadaich an stòraidh
Nach robh sgial air an dròbhair,
Gun duirt na crìosdaidhean còire,
Gun cumadh Dia ruinn ar dòchas.”
Be so abhliadhna gun sòlas 6415
A thug na diachainnean òirnne,
Achs e bhithgad iarraidh-s’ , a Dhòmhnaill,
Thug bàrr orr’.

Ruith am fuaim feadh an tìre
S thug an sluagh chun na bruidhneadh, 6420
S ioma cluas a bha sìnte
Ri ioma tuaim-sa air an fhìrinn.
An tugadh bhuainn e dhan t-sìthein,
No thog an sluagh air aghaoith e,
No càit an truaighe air am fuinn 6425
An deach fhàgail?

Cha robh urad do chòmhlan
Riamh a ruith Mhic an t-Srònaich,
S a bha muigh feadh nan leòidean,
Asiubhal Uibhist an Eòrna; 6430
Bha ClannillEathain is Leòdaich
Bha Clann an t-Saoir is Clann Dòmhnaill,
Bha h-uile h-aon Mhac an Tòisich
S an àitann.

Cha robh glumag no sùlag 6435
Eadar Fuidheidh is Fùideidh,
Cha robh fadhail no cùmhlach
Nach dfhàgadh tadhal nan sùl ann.
Bha h-uile eathar is iùbhrach
Le dreag adorghach nan grùnnd ann; 6440
Bha fir acoimhead feadh tiùrra
Na tràghad.

Bha gach neach ann an tòir ort
Eadar machaire is mòinteach,
Maoir afarraid is afeòrach6445


[222]

A-muigh mu Mhallaig is mu Mhòrair,
Suas mu bhaile Inbhir-Lòchaidh,
Sìos tromh an Apuinn dhan Òban,
S iad feuch am faighte do bheò
No do bhàs ann. 6450

S trom is gur muladach daoine
Caoidh is acumha is acaoineadh,
S goirt ar buille mun aodann,
S bochd leinn Uibhist as taonais
Dròbhair chruidh agus chaorach, 6455
Cho seòlta chumadh air daoradh
S a burrainn duine air an t-saoghal
A ràitinn.

Ann ad thriall feadh nan garbh-chrìoch
Bha do ghnìomh air a dhearbhadh, 6460
Sàr-fhear dhèanamh nam bargan,
A theireadh fhiach air an ainmhidh,
S cha bann fiarach no falchaidh,
Ach ann am fianuis amhargaidh;
An ann leat nach bfhiach tighinn a failmse 6465
Air do nàbaidh?

Cha robh gamhainn ri fhaotainn,
Biodh e reamhar no caol leat,
Nach biodh agad le saod air,
Suas an rathad is taod ann 6470
Eadar Camus-nam-Faochag
Agus Cròic Pheighinn-nan-Aoirean,
S cha tug thu fealladh á aon
Air an àrainn.

Eadar Mallaig is Mòrair, 6475
Eadar Canaidh is Cnòideart,
Eadar Barraidh is Bòirnis
Bha do thathaich is teòlas,
S ioma bean air achòrsud
An diugh agearan mu dthòrradh, 6480


[223]

Ma bha thu ceannachs ag òl
Na deoch làidir,

Ag ràdh ma dhfhoghainn do smùid dhuit,
Gun robh thu foghainteach, lùthmhor,
Do chur fodha ri ùrlar, 6485
Nach deanadh gobha no bùidseir,
S nach robh duines an dùthaich
A chuireadh buille gu dchùl thu
Cho fads a sheachnadh tu dùirn
Sgobaidh Thàillear. 6490

S mórs gur cianail an tachartas
Nach do thriall sinn bhon dachaigh leat,
Nach do shìolaidh thu seachad
Mun dfhuair sinn sgiala nan creachan so,
S ioma cnàmhagga tachas 6495
Ma chaidh do thiodhlacadh seachran
S càit, a Dhia, ’n cuir sinn clach
Air do chàrnan?

Nach do sheall is nach do shiubhail sinn
Eadar Lingeidh is Liubharsaidh, 6500
Mu dhà thaobh Teach-an-Triubhais,
Bho Peighinn-nan-Aoirean gu Cuibhir,
Bho mhiadhoin Tearracadh-an-Urrais
Gu Tobhta-Cailleachan-an-Tuaiream,
Bho Cheann-an-Tairbeirt gu mullach 6505
Cnoc Thàllan.

S ioma àitn tug sinn sgrìob ann
Mun do thog sinn ar cìnnt as,
Eadar gob Rudh’ -Àird-Mhìcheil
Agus bonn Bealach Gaoithe, 6510
Mu thimchioll Rudha na Mìnneadh
Gu Tobhta Chalum na Fìrinn,
Bho Loch aBharpa gu druim
Chille-Bhànain.


[224]

Tha mo dhùils i air bristeadh, 6515
S mi fo thùrsair mo chlisgeadh;
Ma chaidh thu null leis amhisg oirnn,
S e sin achùis tha gun fhios dhuinn,
Ach càit an rùraich mi nis thu,
S gun cuirinn ùir air do chiste, 6520
Mu chladach Dhiùraidh, no h-Irt,
No Chinntàile?

Mur a sguirear dhe tiarraidh,
O, gun cuidicheadh Dia sinn;
So an dùthaich bhios riaslach, 6525
Lom, gun dubhan, gun driamlach.
Cha ghlacar smalag, no sìolag,
Cha toirear giomach á cliabh ann,
Cha togar biorach no liabag
Am bàrr ann. 6530

Théid an dùthaichna h-éiginn;
their sùil air an spréidh ann?
Fir a-muigh feadh nan sléibhtean,
S iad aforfhais mu ddhéidhinn,
Gun duina sheallas air creutair, 6535
No théid gu carraig an éisg ann;
Cha toirear cudaigean fhéin
As an tàbh ann.

S ioma tigh a bhios gaoir ann,
Dol an coinneamh an fhaoiltich, 6540
S e gun ghollad, gun chaoran.
their connadh á aonach?
n talamh a shaothrachadh?
feamainn a sgaoileadh?
S treabhadh no taomadh 6545
Bhuntàta?

Bidh mi tionndadh an t-seanchais
Mar chaidh an dùthaich gu cearbaich’,
Mun do rùraicheadh dearbhadh


[225]

Gun deach thu null thar na fairge, 6550
S ged bhiodhte air ghiùlan am falbh leat,
S agabhail ùrnuigh nam marbh dhut,
Gur gann bhiodh sùilean cho dearg
Air do chàirdean.

S ioma bha fo ghruaimean 6555
Nach creideadh éisdeachd a cluasan
Atoirt dha chéile nan tuaimseachan
Ciod an reusan a ghluais thu
Na dhamais sgeul bhith mun cuairt ort,
A thig air réir mar a chuala iad, 6560
Mun treab a chruinnicheadh an sluagh
Aig Creag Hàstain.

Nam biodh sanais no iomradh
Air bhith againn mu thimchioll,
S ann bha e còmhla ri mfhear-ionmhuinn,— 6565
Ri Dòmhnall Ioseph Mac Fhionghuin,
S e ann a leaba gu h-iomchuidh,
S afaighinn cadal gun iomrall,
S e gabhail seachad air Tiriodh
S abhàta. 6570

Nuair a ràinig en t-Òban,
S ann a chuala e mun bhòilich
A rinn na sgliùraichean gòrach,
A dhfhàg en Dùthaich an Eòrna,
Bho chionns gun dfhalbh ena ònar, 6575
Gun ghuth a ràdh ris achòrr dhiubh,
S e tighinn air chéilidh air Dòmhnall
S air Màiri.

titleLIII
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page