[226]

LIV ÒRAN NA H-AIDE

Leam is cianails gur duilich
Thugadh dhìom an sgrath mhullaich 6580
Ann am miadhoin Cuan Uibhist an Eòrna,

S mi tighinn dhachaigh gu Galldachd
Ann am bàta Mhic Bhrann,
An tha ruith fo chomannd an Leòdaich.

S ann air oidhche Di-h- aoine 6585
Dhfhàg mi dùthaich mo dhaoine,
S gun robh ochdnar no naoinear còmhrium,

S bha sinn cuireadach éibhinn,
Ann an cuideachd a chéile,
S thug sinn treiseag an cléith an òsdair 6590

Gus na chosg sinn an ùine
S chaidh an dorus a dhùnadh,
S chuir iad sinne ann an cùl na còmhladh.

Chaidh sinn sìos chun abhàta
Bhaig achidhair an t-sàile, 6595
S ina suidhe gu sàmhach, còmhnard,

S nuair a chunnaic iad suas mi
Ghuidh iad beannachd is buaidh leam,
S mi dol tarsuinn achuain air bhòidse.

Bha mi coiseachd is stàrachd, 6600
Ag iarraidh oisinn dha mmhàilead,
S gun tigeadhnam dhàil ach Eòsag.


[227]

Thuirt e, “Cuiridh mi fhìn i
Far am faigh thu gun strì i
Nuair a ruigeas sinn tìr aig Mòrair,” 6605

“ ’S bhon than oidhche cho briagha
Na biodh eagal no fiamh ort
Còmhri fir a bha riamh aseòladh.”

Bidh thu innte cho sàbhailt
Air clàr ìosal no àrd dhith, 6610
S ged a bhiodh tu air tràigh an Ròdha,”

“ ’S bhon a chinn i cho anmoch
Théid sinn dìreach gu fairge,
S leigidhGudsaidhair falbh an ròpa.”

Cha do shaoil es an uair sin 6615
N àm na taoid bhithga fuasgladh,
Gun robh baoghal cho buailteach dhòmh-sa,

No gum faiceadh a shùilean
Misafaighinn mo rùsgadh
Far na laigh orm crùn nan òran. 6620

Nuair a thàinig an t-séideag
Dhfhalbh an ad dha na speuran,
S dhfhàg i mise éislean fòipe.

S chunnaic Gàidheal no Gall,
No aon a thogradh air sealltainn 6625
Gun robh splaidse do sgall air Dòmhnall;

Gun robh ghruag a bha dealbhach,
Buidhe, lainnireach, dealrach,
S i air faileadh air falbh ri bheò dheth.

Guma h-éiseil dhan aois sin, 6630
S i tha déidheil air maoladh,
S air eugasg nan daoine tha bhòidhchead.


[228]

Dhfhàg sin misenam thruaghan
Agus athadhnam ghruaidhean,
S mi tachas mo chluas le mmheòirean. 6635

Dhfhalbh mi rathad MhicFhionghuin
Feuch am faighte ma thimchioll
Boineid bhiorach no bioraruig dhòmh-sa,

Eagal mfhaicinns mi ceann-ruisgte,
Adol dhachaigh gu Galldachd, 6640
S nach biodh aca orm amhuras dòigheil.

Tha mo cheist air an Scalpach
Thug an iasad a cheap dhomh
Gus mo chiabhags mo bhailc a chòmhdach,

Ged a bha mi fo mhìghean 6645
Mu mo cheann-aodach rìomhach,
Mur an téid i air tìr an Sòghaidh,

S ge be gheibh anns an tiùrr i,
Faodaidh esan a giùlan
S a cur uime gu sùnndach, leòmach. 6650

Cha robh agam-sa riamh dhith
Ach an aon cho’ --diag ud
Ann an Uibhist am bliadhna air fòrladh,

S nuair a cheannaich mi ùr i
Chosg i ginidh a chùinneadh, 6655
S cha robh gin anns abhùth bu bhòidhche.

titleLIV
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page