LVIII MAR THUIT AN T-EACH
Ò hó, mo thubaistean,
È hó, mo thubaistean, 6870
Ò hó, mo thubaistean,
Mar thuit an t-each ’s e dol air bòrd.
An t-each a phàidh mi’n t-airgiod air
Cha d’fhuair mi chun a’ mhargaidh leis,
Chan fhuiligeadh long no laimrig e, 6875
’S gun ann do dh’anathadh ach an deò.
Nuair thug mi bho MhacÀidh e,
’S ann bhuail mi’n ceann na pàirce e;
’S ann fhuair mi gun robh chàireinean
A’ call nan clàrag feadh an fheòir. 6880
Dh’fheuch mi anns na cliathan e,
’S cha tàirneadh e ach pliathach iad;
’S cha deanadh càrn no dìollaidean,
No srathair chliabh a thoirt gu dòigh.
Leig mi mach gu m’nàbaidh e 6885
Gus cur a-steach na gràinnsich dha;
’S ann fhuair na fithich fàileadh air,
’S gun chruinnich bàl dhiubh air a thòir.
Thuirt mi fhìn an oidhche sin
Gun tàinig tìm bhith cuidht’ is e; 6890
Chan fhaicinn do cheann crìche air,
Ach bhith ’na shìneadh aig na h-eòin.
Dh’fhalbh mi anns an liathadh leis
’S mi seachnadh sùil nan crìosdaidhean
Mu’m faiceadh iad an t-srian agam, 6895
’S e falbh air shìoladh aig mo thòin.
Fhuair mi chun a’ gheangbhuidh e
Le cas a-nunn ’s a-nall aige;
’S ann dh’fhaighneachd Dòmh’ll MacAmhlaidh dhiom—
“Có mheud geamhradh tha e beò?” 6900
Thuirt mi fhìn an uair sin ris—
“Bha clì ann nuair a fhuair mi e,
’S ma dh’innseas mi na chuala mi
Gur lìonmhor buaidh a bh’air a phòr.”
B’fhoirmeil aig MacÀidh e, 6905
’S bu cholgach air a spàgan e,
’S nach iomadh lorg a dh’fhàg e leis
Bho Ghob na h-Àirde chun a’ Nòis.
Nuair chunnaic luchd na h-iùbhraich e
Cha làimhsicheadh iad rùdan dheth, 6910
Chan fhac’ iad fear cho crùbach ris
Bho’n chaidh an stiùir air an “Loch Mór.”
’S ann thuirt am mate gu fiadhaich rium,
“Thoir leat air falbh as m’fhianuis e;
Chan fhaod mi leigeadh sìos thuige 6915
Mu’m falbh a chiall á Dòmh’ll MacLeòid.”
Thuirt fear a mhuinntir Staoinebrig,
“Tha earball air ’s tha gaoisid ann,
’S an còrr chan eil ri fhaotainn air
A b’fhiach do dhaoine dhol ’na chòir.” 6920
Ach thuirt fear dhe na h-iasgairean,
“Tha seiche tha fuathasach fiachar air,
’S ma reiceas tu ri griasaiche i
’S ann bhios i’m bliadhna deanamh bhròg.”
Sin nuair a thuirt Fionnlagh— 6925
“An robh an t-each sin aig Metùselah,
No an e bh’aig Caligùla treis
’Na bhritheamh cuairteach anns an Ròimh?”
B’fheudar dhòmh-sa falbh leis,
Ged a chaill mi dheanainn airgiod air, 6930
’S nan d’fhuair mi tarsuinn fairge leis
Cha bhiodh an fhearg orm cho mór.
title | LVIII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |