[240]

LIX MA B’FHÌOR GUN DO THIONNDAIDH BEAN EÒIN

Séisd:—

O, cha téid mi air an t-saoghal dhan t-searmon,
E, cha téid mi gu Bhràth dhan t-searmon;
S e pàirt de na daoine rium fhìn a bhios feargach 6935
Nuair chì iad afalbh a thigh Eòin mi.

Thachair BeanIc Iagains an fhireach rium Di-h- aoine
S dhaithnich mi gum bu toil leatha mitheadh thar an t-saoghail,
Ged nach duirt i lideadh dheth, thuig mi air a h-aodann
Gum beag a bha de ghaol air aRòimh aic’. 6940

Cha do leig mi dad orm, ach ghabh mi car a-null
O bha toil agam gum faighinn e, bharail a bhaig Fionnlagh;
S ann thuirt i agus friogh oirre, “Na bruidhinn idir rium-sa!
Cha toigh leam duina thionndas a chòta.”

S ann thòisich i ri magaireachd, ri fanaid is ceol-gàire 6945
S i cantainn cha bu mhath leam e bhith agam ann an càraid;
Nach tig e thar a ghreallagan le cramaill do chois stàillinn
A rinneadh ann an ceàrdach Nill Dhòmhnaill.

Bha mi ann an teagamh, ann an eagals ann an cùram


[241]

Gun laighinn air acharraig bhon a bha mi treis a dhùinann, 6950
S bhon thàinig mi gu lathaichean gun rachainn ann am ùslaig,
S cha tric a theirear sùil air an t-seòrsa.

Mo chiabhagan air tanachadh, bha glasachadhnam chìrean,
Gun duinagam a theannadh rium le fadal ann an impis;
Cho dona ri Dun-bheagan nuair bhiodh teabadaichnan inntinn 6955
A nochdta bratach shìdhe nan Leòdach.

Nuair chuala mi gun tigeadh e, cha robh mi idir gruamach;
Bu mhath leam fear air choireigin, ged bhiodh a chroidhean cuagach
A bheireadh thar nan creagan mis an t-eagal air mo bhualadh,
Gum feumainn bhith toirt suasna mo dhòchas. 6960

Nuair chunnaic mi mu mchoinneimh e, bu loinneil ena aodach,
Bha coileir air, bha brollach air, bha coltas glan air aodann;
Mise bha cho toilichte, cha robh e aig na daoine
Ri chantuinn gun deach taod ann no sròinean.

Nuair sheas sinn anns an ionad anns am biomaid air ar tàthadh 6965
Nuair thòisich e air iarraidh, cha robh sgial aigair an fhàinne;
Chitheadh tu gach bial ann asgiabadh leis aghàire,
Mar a bha an t-each bàn a bhaig Seòras.

S misnach robh acoimhead air achois airn robh an t-iarunn,


[242]

Nuair fhuair mi ann an caigeann es e agam ri mo chliathaich; 6970
Gun coisichinn an rathads mi cho aigeannach ri fiadh
S mi mar nach robh mi riamh reimhid pòsda.

Nuair théid mi Dhruim an Éiginn, chan eagal dhomh gu bràth ann,
Far a bheil na h-iomaireans an cinnich am buntàta;
An fhadhail an taobh thall dheths an t-annlan air snàmh innt’, 6975
S cha téid e air achlàr gun rud còmhris.

Bidh mi air mo chumail ann gun uireasbhuidh, gun fhàillinn,
Bhon tha iodhlann ann is mulan ann gu ullachadh na gràinnsich;
esan bodach sgilidh agus mise cailleach chàthaidh,
S cha bhi chiste bhàn gun mhin eòrna. 6980

Mas e gun tigeadh piseach oirnns mise nach biodh diùmbach,
Cha ghabhainn rompa giorag ged bhiodh dithis, ged bhiodh triùir ann;
Cha rachainn chun amhinisteir le gin dhiubh gan ùilleadh,
S ann a thogainn leam iad a Bhòirnis.

Bha feadhainn rium acantuinn gur ann agam a bha chàileachd, 6985
Dol air choinneamh sagairt leis abhachaills e cho grànda,
Ach a bfheàirrde mise ged bhithinn mar a bhà mi,
Afuireachna mo thàmh gun neach còmhrium.

titleLIX
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page