VI AIR DHOMH A CHLUINNTINN GUN D’RINN BÀRD EILE ÒRAN MATH
’S mithich dhòmh-sa bhith ’g éirigh
’S mo cheann-labhairt a ghleusadh as ùr
O’n chuala mi sgeula
Leis na thionndaidheadh m’éislein gu sunnd,
Gu leig mi m’inntinn gu réidhlein 505
Is théid i dh’ionnsaigh na Gréige a-nunn
Far am bheil an t-each sgiathach,
Mar a dh’innseas na sgeulachdan dhuinn.
Thoir e suas dha na neòil mi,
Tha ne dée ann a’ còmhnuidh o thùs, 510
A’ toirt misnich is dòchais
Do gach aon bhios an tòrachd air cliù,
Agus caisgidh mi m’ìotadh
Ann am fuaran glan, ciatach, gun smùr;
Ann an Helicon àghmhor, 515
Tobar fìor-uisg’ na bàrdachd ’s a’ chiùil.
’S ann leam bu mhiann a bhith thall ann
Nam faodainn foghlum nan rann thoirt air ais
Mar a dheanainn gu réidh iad,
A’ cur nam briathran ri chéile le snas 520
Is bho’n là chualas do shaothair
A-nuas á dùthaich nam fuarbheannan cas,
Tha ’n t-eud a las ann am inntinn,
’S, a rìgh, gur diocair dhomh fhìn a chur as.
Thàinig litir g’am ionnsaigh,— 525
Fhuair mi naidheachd as ùr air a’ bhàrd
A tha tàmhachd air m’eòlas,
Ann an eilein beag bòidheach mo ghràidh.
Gum bheil a bhriathran ’s a sheanchas
Air an sgaoileadh feadh Albann ’s gach ceàrn; 530
Air an seinn leis a’ Ghranndach
Is leis an inneal a labhras ’na àit’.
’S e do sheanchas a chòrd rium,
Nuair a chuala mi ’n ceòl e ’ga sheinn
Ann am briathran ro-òirdhearc 535
Air an cur ann an òrdugh gu grinn;
Mar a chunnt thu gach àilleachd
A th’air an dùthaich a dh’àraich na suinn
Is gun téid crìoch air a’ Ghàidhlig;
Cha tig dìochuimhn’ gu bràth air na ruinn. 540
Fhuair thu gìbhtean ro-àraid,
Thàinig spiorad na bàrdachd a-nuas,
’S pailt a bhàirigeadh ort-sa e
Gus do thàlant a bhrosnachadh suas.
’S truagh nach mise bha faisg ort 545
Fhad ’s a ghléidheas mi claistneachd nan cluas;
’S mi gun rachadh ’gad éisdeachd,
Ged bhiodh sneachda ri geugan nam bruach.
Ge b’ann a’ coiseachd an aonaich
Gum bi t’inntinn-sa daonnan air ghleus, 550
’S tu air gach taobh dhiot a’ dearcadh
Gu biorach, fradharcach, faiceallach, geur,
’S tu leughadh obraichean nàduir,—
An leabhar foghluim as fheàrr tha fo’n ghréin,
’S tric a mhìnich thu cùisean 555
Do dh’fhear nach ùisinnich a shùilean dha fhéin.
Chan eil neach thig an rathad-sa
Nuair a bhios mi ri farraid a sgeòil
Nach bi ’g innse le uamhar
Gun do choisinn thu ’n duais aig a’ Mhòd 560
Is bho’n chuireadh an crùn ort,
’S o thug thu ’n onair g’ur n-ionnsaigh, a sheòid,
Guma fad’ thu ’ga ghiùlan
Ann an eilein nan stùcan ’s a’ cheò.
title | VI |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |