[243]

LX ÒRAN NAM BEAIRTEAN ADHAIR

Bha mi oidhch’ anns an leabaidh,
’S mi cur na plaide mu muachdar; 6990
Bha beagan sneachd air an talamh
S bha gairbhean greannach bhon tuath leis,
Nuair chualas fuaim anns na h-àrdaibh
A chuir gu bàinidh mo ghruaidhean
Agus fiamh ann am amharc, 6995
S mi cur mo lamhan mu mchluasan
Mun cluinninn blast.

Nuair a chocainn mo chluasan
Chluinninn fuaim anns na speuran
S iad atighinnnan ceudan 7000
Mar an eunlaith air sgéithe.
Gun robh am fortannar fàbhar,
Tha bhuat, a Mhàiri, bhithg éirigh;
Thàinig adhbhar ar n-eagail,
S chan eil min teagamh mu dhéidhinn 7005
Tha so air teachd.”

Cha robh Màiri ro-dheònach
Tighinn as achòs anns an robh i,
S i cho seasgair ri feòraig
Air seid an còinnich le cnothaibh, 7010
Achs e misbhith cho eòlach air
Nach be spòrs a bha romhainn
A dhfhàg mo chridhenam sgròban,
S cha tuigeadh òinnseach an deamhain
Mo thiopa-taip. 7015

Dhéirich mise fo iomagain,
Thug mi iomradh air ùrnuigh


[244]

Is bha mi feuchainn mu mthimchioll
Air càit na thilgeadh an lùireach;
Thug mi sgoch as mo lurgainn 7020
Mu oisinn fuirm air an ùrlar,
S mi cur goilleans an luathaidh,
S acoimhead bhuam fo na mùigean
Air càit robhn gas.

Cha robh taobh ris an tionndainn 7025
Nach cluinninn dùdach na dorruinn
Nach cluinninn bladadh is bùirean,
S chan fhaighinn biùg as an t-solus
Gusn deach mi glan ann am breislich
Nach fhaiceadh eislig mo cholainn, 7030
Ach bhiths an adharna h-iallan,
Air neona spliachd aig an dorus
Fo thunna chlach.

S ann thòisich Màiri ri fanaid,
S i fhéin afantainn cho stòlda; 7035
Chan eil thu cluinntinn ach dùdach
Aig bàta-smùidis an ceò ann.
Bfheàrr dhut cus bhiths an leabaidh
An lùib do phlaideachan clòimhe
Na bhithnad chraoiceall astàrachd 7040
Is dath abhàis ort le gòraich
Nach ruig thu leas.”

Thuirt mi rithe gu h-iomchuidh,—
A chinn an iomraills an uamhais
Nam biodh tuigsenad eanchainn 7045
S ann bhiodh tus tearball mu dghualainn
Air an rathad a rithist
A dhionnsaigh Uibhist Chlann Ruairidh,
Gun fhios nach seachnadh am bàs thu
Le fuireach sàmhachs an uamhaidh 7050
Fon Mhaoladh Bhreac.”

S ann a labhair in uair sin rium
“ ’S beag tha gruaimean air minntinn,


[245]

S mi cho seasgair neo-luasganach
Anns achluain sonam shìneadh. 7055
Tha mo chuibhrig air muachdar,
S tha mo chluasagan mìn-gheal
Is ged a thigeadh aGhearmailt,
S a h-uile h-armailt a thinnte,
Cha tig mi as.” 7060

Ach chualas fead atighinn dlùth dhuinn,
S dhéirich ùrlar nan taighean
A-stigh an uinneigna sprùilleach
Is bhuail i null mu na fraighean
A-nuas gach soitheach, gach truinnsear, 7065
Gach pige Sìna, no crèadha
Is iadnam bloigheansnam pìosan,
S an phoit tighinnnan spreadhainean
Thar nan sgeilp.

Nuair a thuit am bratailian 7070
Dhéirich Màiri air chabhaig,
Thug i sùil a bha sgàthach,
Ag iarraidh àit air son falaich,
Adol a-stigh air a glùinean
An lùib nan lùireach fon leabaidh, 7075
S i mar gum faiceadh tu crùbag
A bhiodh abùrach na feamann
Gu dol dhan fhaich’.

titleLX
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page