LXI HOIREANN Ò MAR ATÀ SINN
Hoireann ò mar atà sinn,
’S gun am bàrd againn mar ruinn; 7080
’S trom ’s gur tubaisteach òirnne
Gun deach na h-òrain an gainne,
’S e an nochd a bhith bhuainn
A dh’fhàg fo ghruaimean an talla,
’S a dh’fhàg na Gàidheil cho tùrsach, 7085
’S g’eil deòir an sùilean ’gan dalladh
Le ruith cho bras.
Tha na Gàidheil fo mhìghean,
’S iad ag innse fo’n anail
Gum bheil aiceid ’gan leònadh 7090
Air feadh na feòla ’s na fala;
Gum bheil Iain ’na shìneadh,
Gum bheil a dhruim ris an talamh,
’S mur till e slàn leighist’
Nach bi céilidh ach falamh 7095
An tigh Mhic Rath.
Sgeul a chuala mi’n raoir air,
’S mi ’ga fhaighneachd do dh’Ailean
Mu’m biodh ceann cho’ -là-deug ann
Gun éireadh Iain slàn, fallain, 7100
Gum biodh e againn gu mùirneach
Air àrd ùrlar an Talla;
Gum biodh e ’g éisdeachd nan duanag,
’S gu trang a’ bualadh a bhasan
Nam biodh iad math. 7105
Gun robh Ailean ag ràdh rium
Mar bha e ag ràdh rium a cheana
Nach robh aiceid no anacair
Air Iain Mór Camshron ach ainneamh;
Gur ann a bha e dhe’n phòr sin 7110
A fhuair a bheò-shlaint ’s na beannaibh
’S nach b’ann ri taobh Abhainn Chluaidh so
A chaidh an smuais ann ’na leanabh
Nach tàinig as.
’S ann a fhuair e òg àrach 7115
Mu thimchioll àirigh a’ ghleannain,
Far am faighte ’s an fhuaraig,
Beartas uachdar a’ bhainne
Ann an Tìr nan Àrd-bheanntan,
Tìr an annlain ’s an arain; 7120
Tìr na sìthne ’s na feòla,
Nam bonnach eòrna ’s nam marag
’S nan uighean chearc.
title | LXI |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |