LXII CUMHA BRÀTHAR
’S e sgeula dubhach mo leònaidh
Thàinig thugam Di-dòmhnaich 7125
Ann an guth nach bu bheò thu;
Gun do chuidhtich an deò thu,
’S gun do shìneadh air bòrd thu,
Far nach cluinn mi do chòmhradh
Tha cumail cuimhneachan brònach 7130
Am làithean.
Fhuair mi aiceid mo chiùrraidh,
Dh’fhalbh mo thaic air mo chùlaibh;
Tha mo shac-sa g’a chionn sin,
Trom ri ghlacadh ’s ri ghiùlan, 7135
A bhith ’g acain ’s ag ionndrainn
G’eil do leac air a dùnadh:
Och, mo chreach, nach deach ùir ort
Bho m’ làmhan!
’S e so bliadhna mo chreachaidh 7140
A thog an nial air mo dhachaigh,
A sguab mo dhiasan thar m’achaidh,
A leag mo shìol fo na fachaich;
Nach bochd mi ’g iargain na tathaich
A-nochd nach dean mi na’n ath-oidhch’ 7145
Is goc mo dheuran, cha mhathaich
Mo chàs-sa.
Mo sgeul dubhach ri innse
Gun do chuireadh ’s a’ chill thu;
’S e do leaba tha ìosal 7150
Ann an Cladh Rudh’ -Aird-Mhìcheil,
Air do chàradh ’nad shìneadh
Far bheil t’athair a’ crìonadh,—
Bad a dh’Uibhist is dìlse
Dha d’chnàmhan. 7155
Fàth mo thùrsa ri sheanachas
Cas bu shiùbhlaiche dh’fhalbhadh,
Dol a dh’ ionnsaigh a’ gharbhlaich
Mu’n do dhrùidh oirre ’n anacair
Bhith gun lùths innte charaicheadh, 7160
Ach ’ga giùlan air carbad
Thun na h-ùrach a dh’fhalaicheas
Gu bràth e.
Ge bu dèanta deas, mór thu,
Fhuair thu t’fhiachainn is t’fhòghnadh 7165
Air do lìonadh le lòinidh
Leis a’ phìn air do leònadh.
Ma bha bliadhna bha cóig ann
A’ sìor chur mìod air do dhòruinn
Gus na chrìochnaich do dhòchas 7170
Ri slàinte.
Bu shàr-mharaiche cuain thu,
Làmh a cheangal ’s an fhuasglaidh,
’S tu nach obadh do ghuala
Chur ri obair na tuathadh, 7175
Ach a dh’aindeòin gach cruadal
Far an geallar an uair dhuinn,
Chan eil gaisgeach nach buannaich
Am bàs air.
Ge b’e bhurbanaich t’anacair 7180
Mar an urchair dhe’n dealanach,
Bha i cunbhalach, leantalach,
As do luirg cha do sgaradh i;
Cha robh purgaid a ghearradh i
’S leis na dh’fhuiling thu air talamh dhi 7185
Bha do phurgadair seachad
Mu’n dh’fhàg thu.
Bha do phiuthar gu mionaideach
Ann am fiughair gun tigeadh tu,
’S i gu siuthadach, frithealtach 7190
Ann a’ siubhal gach lighiche,
’S ged a dh’fhuiling thu iongantas
’S e do ghuth nach robh frithearra,
Bha thu mothachail, iriosal,
Sàmhach. 7195
Ge bu dòrainneach t’fhuiligsean,
Cha bu toibheumach t’uirigleadh;
B’e do dhòigh a bhith cuireadach,
A bhith spòrsa ri cuideigin;
Bha thu’n còmhnuidh cho furanach. 7200
’Se luchd-eòlais a chunnaic thu,
Fhuair ’ad fòghlum air grinneas
Do nàduir.
Thugam sgeula mo sgaraidh,
A chuir mo bheul gu bhith galach; 7205
A chuir mo dheuran ri talamh,
Mar uisge speuran ri gaillionn;
Mo chridhe brùite air a ghearradh,
Air bheagan sunnd ’s e fa-near dhomh
Nach fhaic mo shùilean-sa maireann 7210
Mo bhràthair.
Thàinig sgrìob air ar cuideachda,
Chuir an ìslead an cumhachd iad;
Chuir e sìos leis a’ bhruthach,
’S gann gun dìrich iad tuilleadh e. 7215
Chuir e mìod air am muladan
Agus ìre air an uireasaibh;
Cha robh ’m bliadhna ’s an uiridh
’Nam fàbhar.
Tha do mhàthair a’ caoineadh, 7220
Air a fàgail ’na h-aonar;
Tha na dh’àraich i sgaoilte
An ioma ceàrna dhe’n t-saoghal,
’S i aig Cròic Pheighinn-nan-Aoirean
Gu dubhach, brònach, as t’aonais: 7225
Có ’na òige dha aois
A ni fàisneachd?
Gur beag a shaoil leam gum faicinn
A’ ghiorra-shaoghail a ghlac thu,
’S a chuir an t-aodann bu taitniche 7230
Gabhail aogasg nan leacan,
Ach thig an t-aog air na peacaich
Gun fhios aig aon air an t-seachdainn;
Cha d’fhuair sinn aont’ air bhith ’m beachd
Ris am màireach. 7235
Ach ’s trom a bhrùchd oirnn an donan
A rinn ar n-ùrlar a lomadh,
A gheàrr an grunnd fo ar bonnaibh,
’S ar n-àireamh muinntir a tholladh.
Chan fhaicear smùid an Cill-Donnain, 7240
Cha chluinnear siùnnsar le gleadhar
Fo bhuille lùdaig a’ pronnadh
Port meàrsaidh.
Thàinig smal air ar muinntir,
Dh’fhalbh an tigh a bha mùirneach, 7245
Sgap a’ ghreidh a bha sunndach,
’S dorcha doilleir a’ chùis leam
Gum bheil cachaileith ùr air;
Thuit gach cuidhe agus cùbadh
Is chan eil duine ann a dhùineas 7250
A’ bheàrna.
Ach ged a thachair nas oil leinn
Cha téid ar maitheas an dolaidh,
Chan eil an dachaigh ach corrach
A th’aig an anam ’s a’ cholainn. 7255
Gun téid e steach air an dorus
Am faigh e maireannach sonas,
A ghabh a rathad an solus
Nan gràsan.
Ged is ionad an ùir dhuit 7260
Cha toir sinn idir ar cùl riut,
Bidh ar cridhe le dùrachd
A’ deanamh guidhe agus ùrnuigh
Gun tig an latha air an dùisgear
Is nuair a shéidear an dùdach 7265
Gum bi sinn uile air ar cùnntais
’S an àireamh.
title | LXII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |