[253]

LXIII MARBHRANN DO’N RÌGH

Cia mar a dhfhaodas sinn labhradh?
Gur bodhar, balbhanach, mall-cheumach sinn,
S cha toir Earrach no Samhradh 7270
Cìs aGhearrains aGheamhraidh so dhinn.
Nuair a shaoil sinn le àbhachd
Gun dfhuair thu leasachadh slàinte car tìm,
S ann a bhuannaich am bàs ort
Air do chluasaig tromh shàmhchair na h-oidhch’. 7275

Choinnich nàmhaid an t-sluaigh thu,
Fear nach faodar tighinn buadhmhor bho lann;
Cha dean tàthachd no cruadal
Aon a shàbhaladh bhuaithes e ann,
Binn air Eubhas air Àdhamh, 7280
Air an sliochds air an àlach gach àm,
A chuireas crìoch air ar làithean
Nuair a ruigeas an àireamh an ceann.

Mochs amhadainn Di-ciadain
Thàinig naidheachd achianalais oirnn, 7285
Buille-mhuineal a chiùrr sinn,
S a thug silteach bhor sùilean na deòir
S beag an t-ioghnadh an dùthaich
A bhith gu tuireamach, tùrsach ri bròn;
Chaill sinn caraid ar daoine 7290
Than diugh gu cràiteach acaoineadh Righ Deòrs’.

Mhùch oirnn lampa na teòmachd,
Carraig shamhla gach teaghlaichs an tìr;
Sgàthan maiseach na h-uaisle,
Riaghladh dachaigh gun tuasaid, gun strì; 7295


[254]

Gràinne-mullaich cho buadhach
S a chunnaic mise, no chuala, no chì
Tighinn bho riamhag na h-Alba,
Mar charraig dhìona, mar cheannabhaidhs mar rìgh.

Dhfhalbh an crìosdaidh mór spéiseil 7300
A dhòrdaich Dia dhuinn e dhéirighnar ceann,
Beul a dhèanamh na réite,
A chumadh ciall agus reusan air bonn,
S gus cur sìos air an eucoir
A dhfhuiligeadh dìorrasach reubadh nan lann; 7305
Bidh a dhuais ann am Pàrras,
Ged is cruaidh leinn cho tràth e dhol ann.

Bhon dhinntrig an tùs oirnn
Gun robh riaghladh air Dùthaich nam Beann,
S lìonmhor iarlagus prionnsa 7310
Thug a riamhag a dhionnsaigh ar n-àm.
Nuair théid a sloinneadh gun dearmad
Tromh gach linn agus aimsir a bhann,
Chan eil aiteams an Eòrpa
Cho seasrach aosda ri Deòrsas ri dhream. 7315

S ioma cridhe a bha guailte
Eadar Sealtainn mu thuath is Cinntìr’,
S goirt an sgiorrag a bhuail iad
Ann am mionaid na h-uarach a thìm.
S gann geil crìoch air an t-saoghal 7320
Nach eil iarmad ar daoine ri caoidh,
S iad atuireams acaoineadh
Gur e is cumha dhaibh chaochail an righ.

Ach an Tighearna thug dhuinn thu,
S a thug bhuainn thu aig dùnadh do réis’, 7325
Thagh e ceud chinneas tùbhlan
Gus do bhratach a ghiùlan ad dhéidh;
Meanglan mullaich na craoibhe
A-mach bhon stoc a bha rìoghails gach géig’,
S nuair théid a crùnadhna bàn-righ, 7330
A leanas dlùth ann an làrach do cheum.


[255]

Ged is cumha na dhfhalbh leinn,
Cuimnach guidheamaid sealbh air na dhfhan,—
Gruagach eireachdail, rìoghail,
A ghlac ar cridhe mar mhaighdeans mar bhean. 7335
Diaga stiùradh an còmhnuidh,
S E bhith ationndadh a dòlais gu gean;
Dian gus seasamh na còrach,
Mar bu chubhaidhs bu nòs dhuinn bho shean.

Chan eil feum bhith ri tùrsa, 7340
No bhith coimhead gar cùlaibh a ghnàth;
Sùil airn adhart le dòchas
Gun cuir Freasdal air seòl sinn is fheàrr.
S mór an sòlas le Albainn
Bhith faicinn riamhag Righ Fearghus an àird, 7345
Agabhail ceannas na dùthcha
Dham bi sinn dìleas a dhionnsaigh abhàis.

titleLXIII
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page