[256]

LXIV MARBHRANN EILE DO’N RÌGH

Séisd:—

O a ho, dìridh mi is teàrnaidh min chruadhlach,
O a ho, dìridh mim màireach leam fhìn e,
S an àite bhith aoibhneach tha minntinn fo ghruaimean, 7350
O a ho, dìridh mi is teàrnaidh min chruadhlach.

Tha mi gu tùrsach,
Mo chridhe gu brùite;
Tha snidhe mo shùilean
Asrùladh le mghruaidhean. 7355

Tha mi fo mhìghean
Ateàrnadh no dìreadh,
Chan fhaic mi mo Rìgh
Ann am frìth nam damh ruadha.

Chan fhaic mi Rìgh Deòrsa, 7360
S e dìreadh na mòintich,
E sìnte gun deò ann,
S e a chòmhdach am fuar-bhrat.

Beòlach air fhaicinn mi,
Beòthail air leacaich 7365
An tòir nan damh cabrach
A chaidleas air luachair.

Bait leam bhith dlùth air
Adìreadh nan stùc-bheann,
S bu chinnteach a shùil 7370
An àm stiùradh na luaidhe.


[257]

Crìonaidh is seargaidh
Is triallaidh gach aimsir,
Ach cuimhnichidh Albainn
Air sealgair nam fuar-bheann. 7375

Fàsaidh am fraoch
Ann an eudann an aonaich,
Ach tréigidh na daoine,
Tha caochladh dhaibh buailteach.

Caochlaidh gach sòlas, 7380
Their aois dhuinn no òige,
S e rìoghachd na glòrach
Na h-ònar bhios buan dhuinn.

Fàsaidh sinn aosda
Gach mar a dhaomas 7385
Is seòlaidh sinn aon uair,
S ar n-aogasg cha nuadhaich.

S e cùis a tha cinnteach
Gu duslach gun till sinn
Mun ruig sinn an rìoghachd 7390
Tha uidheamaichte shuas dhuinn.

titleLXIV
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page