[258]

LXV CHRÙNADH EALASAID

Théid ar cailin fhìor a chrùnadh,
Ealasaidar n-ùbhla bhòidheach,—
S ait leinn an t-ainm bhith tighinn ùr oirnn,
Bhons i chiad ghiùlain oirnn e; 7395
S bàn-righ dher cuideachda fhìn i,
Dher fuil phrìseil bho linn Nòah.
S gineal ar rìghrean bho chian i,
S gur ogha dhIarla Shrath-mhóir i;
Mu leigeamaid beud gur bàn-righ 7400
Bhiodh Dùthaich nam Beann ri chòmhrag,—
Dùthaich nan laoch nach robh an àicheadh,
A ghlac an stàillinnnan dòrnaibh;
Dùthaich nam fear a bha dìleas
Aseasamh an rìgh is na còrach. 7405
S tric a ghléidh iad buaidh air làraich
Lem fuilga phàidheadh gun sòradh.

Gum beannaicheadh Dia nan dùilean
Ar ceannabhaidh, am Prionnsa Greugach;
Roghainnich bàn-righ ar dùthcha 7410
Mar chompanach rùin dhi fhéin e;
S athair an oighre thig oirnn e,
Teàrlach òg, gur mór ar spéis dha.
Thogamaid air bhàrr na meur e
Ga chumail am fianuis na gréine. 7415
Thiormaicheamaid cuisle ar cnàmha
Ri uchd nàmh a bhuaileadh beum air,
Nar gàradh-droma ma thimchioll,
Mar a biomchuidh ri uair feuma;
Mac an fhir mar cheannard càbhlaich, 7420
A dhearbh a bhith dàna, treubhach,
Oighre Bhreatuinns Rìgh nan Gàidheal,—
Diagar n-àrdachadh le chéile.

titleLXV
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page