LXVI ÒRAN DO’N BHÀN-RIGH EALASAID
Chaidh ar cailin ùr a chrùnadh,
Ealasaid—ar n-ùbhla bhòidheach. 7425
’S ait leinn a h-ainm bhith tighinn ùr oirnn
Bho’n ’s i chiad té ghiùlain òirnn e.
Fìor fhuil na h-Alba gun truailleadh
Ri fhaicinn an snuadh a bòidhchid.
’S bàn-righ dhe ’r cuideachda fhìn i, 7430
Dhe ’r fuil rìoghail bho linn Nòah.
Bàrr mullaich na craoibh’ as àrsaidh
Chinn ann an àl na Roinn-Eòrpa;
Dhe ’n stoc a bha aosda air cinntinn
Mu’n robh Impireachd ’s an Ròimh ann; 7435
Mu’n cualas guth riamh aig seanchaidh
Air Fraing no Gearmailt is Òlaind;
Mu’n robh Spartanaich is Greugaich
Ri ’n claidreadh mu Reul na Tròidhe.
Chaidh Alasdair an Cearraraigh, 7440
Triath agus Ceannabhaidh ar seòrsa,
A shloinneadh a-nìos g’ar n-ionnsaigh,
’S cha b’ann le beith-luis ri Òghum.
Ach le Gàidhlig mhilis, bhlasda
Nan laoch gasda chleachd bho tòs i. 7445
Chunntadh gach meur ’s a’ chraoibh uasail
’S a shìneadh a-nuas le pròis e,
’S bàrr-dhos an stuic sin bho chian i,
’S gur ogha dh’Iarla Shrath-mhóir i,
’S mu leigeamaid beud an gaoth dhi 7450
Bhiodh teine ri fraoch air mòintich,
Tuasaid is tarruing nan lann ann
Is Dùthaich nam Beann ri chòmhrag;
Dùthaich nan laoch nach robh ’n àicheadh,
A ghlac an stàillinn ’nan dòrnaibh, 7455
Leanadh dlùth ri cliù an sinnsre,
’S cha sgeul ùr an Tìr an Eòrn’ e.
Gur minig a phàidh iad gu daor air
Bhith seasamh air taobh na còrach.
’S lìonmhor ceàrn bheil cuid fo’n ùir dhiubh 7460
Nach till gu dùthaich an eòlais;
Nach till gu Dùthaich nan Àrd-bheann,
Am fearann a dh’àraich òg iad.
Bu dìleas dha’n rìgh is dha’n dachaigh
Na suinn air achadh na còmhstri, 7465
’S bu tric a chleap iad buaidh bho nàmhaid,
’S a chaisg iad thar chàich an tòrachd
Eadar garbhlaichean nan Innsean,
’S machraichean ìosal na h-Eòrpa.
Bu sgiath dhuinn an uair ar gàbhaidh 7470
Na cuirp a tha cnàmh fo’n fhòd ann.
Bho eileinean siar na h-Alba,
’S gus ceilg, cha cheannaicheadh an t-òr iad.
’S daor a phàidh iad Teàrlach Stiùbhart
A gheàrd air “Bùidseir na feòla,” 7475
Le’m fuil a’ drùghadh tromh léintean
Chùnnt iad an éirig gun sòradh,
’S dheanamaid fhathast gun dàil e
Nan iarradh ar bàn-righ òirnn e;
Dhìonamaid le ’r fuil ’gar dalladh, 7480
A cliù ’s a talamh ’s a mòrchuis;
Dhùineamaid cearcall mu’n cuairt dhi
Nan cluinneamaid fuaime air fòirneart.
Dùthchas a chùm sinn an cleachdadh
Bho’n cheannsaich sinn feachd na Ròimhe. 7485
Dhearbh sinn aig Bealach na Craoibhe
Nach bu traoiteirean ar pòr-ne,
Ach fìor fhuil uasal ar dùthcha
Sheasadh mu cùisean gu deònach.
Dhearbh sinn e aig Inbhir-Chéitein, 7490
A’ gleac air réidhlean ’nar n-ònar
Gus na thuit an t-seachdnar bhràithrean,
’S an athair ’s an àraich còmhla.
Fhad’s bhios Gàidheil beo ’s a’ chruinne
Bidh ’n ùidh am binnein nan ceò-bheann, 7495
’S ma thig spàirn air Tìr nam Beanntan
Bidh sìol nan sonn air bhàrr òrdag
Deas ullamh am bràighe cùiseadh,
’S cha b’e sùgradh dol ’nan còmhdhail.
title | LXVI |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |