[262]

LXVII AOIR MHUSSOLÌNIDH

S aighearach leam fhìn mar tha gluasadan, 7500
Mar tha Mussolìnidh air fuarachadh.
Thàinig e le sgraing chogadh ris an Fhraing,
S cha robh gainne cainnteadh an uair sin air.
Thug e dhi bho cùl, buille, tha min dùil,
Nach deanadh amhiùl na bu shuaraiche; 7505
Dùil aiges an àm leis na caran cam
Gum faigheadh e dram aig an uaigh aice.
S beag a bhana bheachd nuair a bhuail e
Gun amaiseadh a ghleac bhith cho cruaidh dha.
Nach ann a bhana smaoin gun deanadh e maoin, 7510
S gun robh sinne air claonadhnar cruadalas.
Cha bann leis acheart, no idir le neart,
Bu mhath leis am beartas a bhuannachd,
Ach colann bhith air bòrd is falairidh ga h-òl.
Sud an rud a chòrd ris, nan dfhuair e e, 7515
Leis asmigid mhór acur bhuaithe,
S abruidhinn gus na bhodhair e ar cluasan,
Abladaireachds abòsd le clabastair beòil,
S teangurad ri -seol sgoth thuathach,
S an glagaire air each mór, blaiceard na Roinn Eòrp’, 7520
Leithid sin do ròpladh, cha chualas;
Do sgailceadh leis an dòrn, slacaireachd ri bòrd,
Chan fhacas ri clò air cléith luaidh e,
S e dol a chur na Fraingeadhna fuairnean,
S am fuigheall bhith gu fang air am fuadach, 7525
Dhe cladaichean is dhe còrsa, dhe talamh is dhe còir,
Pìosan móra mór a thoirt bhuaipe
Gus ise chur gu bròn is esan a thighinn beò,
Gu itheadh, gu òl is gus cur bhuaithe,
Gus cinneachadh dha phòr is sinne bhith fo spòig; 7530
Sin agaibh na h-òrduighean nuadh agaibh.


[263]

Chruinnich e gu crìchgus a cuairteachadh
Muillionan is mìltean do shluagh aige,
S troichein air an cinn, isein deireadh linn;
Sud an rud a bhruidhneadh gu tuasaideach! 7535
Shaoilinn air a ghlòir( ’s nach e nan dòrn),
Gun cuireadh e fògairt air fuamhaire,
Bragadaichs aleum is barail aigair fhéin,
Fead is fuich is éibhs fhad bho chualthu e.
Theagamh gum be spòrs, bleidireachd is bòsd, 7540
Bheadagan le bhrògan gu chruachain air;
Breabadaich gun dòigh, leibidean gun treòir,
Leagadh tu le dmheòir air an suathadh ris.
Tha en diughs a dhaoine air an sguabadh air
Mar gum biodh fear daoraichs an tuainealaich, 7545
Puth aigair an raon, sruth atighinn bho mhaol,
S e dubh-shuileach, caog-shuileach, cuaranach,
S e chuideachd bhios daor, dàn, luidealach, maol,
A thug air a dhaoine an droch uachdaran.
Tharruing iad gu raons gu achadh na caoidh, 7550
Gu tachartas sgaoilidh an tualasan;
Esan culaidh smaointean, gun bhuaidh air,
Adalladh a chuid daoine le tuairisgeul,
Leantainn na droch smaoin le mearan achaoich,
A chinnich na smaointeanan duatharra. 7555
S e is cumha dha fhéin nach be an diugh an ,
S e ghuth a bhiodh reusanta, stuaime ruinn.
Cha chluinneamaid beum bhon bhurraidh gun bheus
Le ghunna air a ghleusadh gu buaireanta
Nan cumadh e a chéill is a thuinicheas fhéin, 7560
Bu lurach an geum air a bhuaile ann
Seach dubhachas cheud bho mhullach nan speur:
S muladach an ceum air na ghluais e iad.
Bha toiseach mo shaoghail-sa tuaireapach,
S tric a bha mi am baoghals a fhuair mi as; 7565
Bha mi air an raon maille ris gach aon,
S dhamais mi ri faobhar na cruadhach ann.
Chaidh mi ann an sàs an iomadach càs,
Bha guilleag abhàis ann am chluasan ann,
Gu barr-iall nam bròg am fuil nam fear òg, 7570


[264]

Gun tioma, gun deòir, bfhada bhuaithe mi,
Achs beag orm glaodh eagail phàisdean maoth,
Sgreadail mhnathan aosdagus ghruagach,
Gan leagail ri mthaobh is theab iad Mac-an-t- Saoir,
Bhreithnich mi air aoir is their mi duan orra; 7575
Don fhear thug am foradh mu chluasan
Le chlaidheamh nuair a thàirneadh bhon truaill e.
S e gliogaire nan sglàmh, Ridire Rìgh Màrs,
Seanalair nam blàr nach robh buadhmhor;
S e sgriosadair nan àgh, inisg air gach ceàrn, 7580
Glaoic is culaidh-nàire na tuatha,
Tha miodalaich ri ceàrd an ionad ro-àrd
Seach innean na ceàrdach bu dualchas dha.
S e mar choileach gnù-cheannach, gruamach,
A ghoireadh air a dhùnan gu h-uallach, 7585
Le guib a spuirean cùil a sgròbadh a smùir,
S e bogadh na stiùrach gu tuasaid
Le gog is guli-gùg do ghoileam gun tùr.
Ge boil leam, cha chùnntainn na chuala mi
S an coilleagna spùt á goile gun ghrùnnd 7590
Mu choireannan dùthaich nam fuar-bheannan.
Bha sinne gun diù fodha dheth co-dhiùbh,
Cha baithne dhuinn Iùdhaich a ruagadh,
No smugaid churnan sùil non cuid a thoirt dhiùbh.
Bilean beul-gun-fhéitheam afuaimneach’, 7595
Cho fileanta ri snàthad beairt-fhuaigheil,
Gun ghuth aigach agairm mu chumhachds mu airm.
Spriolag agus toirmeasg ga bhualadh
Air bhiogairne gus falbh an ugainn nan Dearg,
S chugainne le carbad na tuaighe, 7600
S gum biomaid aige marbhs ar luingeas ga sealg
Thar mullach nam fairgeachan uaine.
Gun robh ochd muillion béigleid do chruaidh aige;
Cha tigeadh na Greugaichs an fhuaradh air
Gus an deach e ann is am bumailear fann; 7605
Cha chumadh e cheann air a ghuaillean ann;
Chaith iad e dhan dìgs lathais air a dhruim;
Shalaich iad a chìrean is a shuaicheantas.
Chabhagaich e buinn gus gleidheadh a chinn,


[265]

S chan fhaigheadh e cuidhtis na ruagairean. 7610
Bha iad as a dhéidh mar fhaghaid an fhéidh
Bhiodh aruigheadh fhéithean gu luath-chasach
Le gioragna fheòil romh dhealann am beòil,
Acasachadh mòintich gu luasganach.
Ruitheadh e na glinn is egan cuairteachadh, 7615
Gan gearradh le sìnteagan uamhasach,
S na fearaibhna luirg gus feannadh abhuilg,
Mar gum biodh coin-sheilg is madadh ruadh aca.
Thàinig iad mu cheann, thug iad as na bhann,
Liodairt iad e, dhfheann iad e, luairc iad e, 7620
Bhreab iad e mun bhreall, dhfheadaraich iad rann,
S rinn iad maighstir dannsair nan cuaigean dheth
Gus an robh e mall, gus an robh e dall,
Gus an robh e call ma bha fual aige.
Dhroint iad air a dhroll, loint iad es apholl, 7625
Spoth iad as am ball a bha fuaighte ris;
Dhfhàg iad smigid mhór na bruidhinn is na bòsd
Gun urad do threòir ann is gun gluaiseadh e,
Na laighe ann an lòn, faghar air a shròin,
S aghaidh ris an Ròimh air a tuairneachadh. 7630

titleLXVII
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page