LXVIII AOIR AN LUCHD-RIAGHLAIDH
Ged nach deach mi fo òrdugh,
A’ giùlan còta na cléire,
’S ged nach robh mi ’nam sgoilear
Bho Àrd-thigh oilein Dhun-éideann
Chumainn fosgailte m’inntinn; 7635
Dheanainn sgrìobhadh is leughadh;
Bhruidhninn Beurla agus Gàidhlig,
Ach dh’fhanainn sàmhach is dh’éisdinn
A cheart cho math.
Bheirinn feum as mo shùilean, 7640
Cha mhòtha dhùininn mo chluasan;
Ghabhainn beachd air an t-saoghal,
’S air na daoin’ a th’air uachdair;
Gheibhinn cùisean fa m’chomhair,
Agus mheòmhraichinn suas ’ad 7645
Is brìgh is barail mo léirsinn
A chur air ghleus ann an duanaig
Cho math ri fear.
Nochdainn bàrdachd dhuibh cuideachd
Nach measainn luideach no gòrach; 7650
Ged bu shuarach aig pàirt dhith,
Cha ghabhainn nàir’ anns an dòigh sin;
Mur a h-éisdear ri m’ sheanchas,
Cha chuir sud amaladh air Dòmhnall:
Bitear fhathast ’ga chluinntinn, 7655
Ge b’oil le muinntir nan còta
’S nan coilear geal’.
Ged tha mise gun chòta,
Gun mhóran leòm bhith mu’n cuairt dhomh,
Ged is tàirneach mo bhrògan 7660
Nach fhàgar bòidheach le suathadh,
Chan eil latha dhe m’ shaoghal
Anns a’ cheàrd tha mi suas ris,
Nach bi fianuis aig daoine
Nach ann gun saothair a fhuair mi 7665
Na thug mi steach.
Seach luchd nan coilear ’s nan còta
Falbh le sròinean ’s an adhar;
Seach luchd nan carbadan-ùillidh
A’ ruith gu siùbhlach air rathad, 7670
No luchd nan teangannan fiara
Gu innseadh bhriagan gun athadh,
’S bha fear dhiubh an dé air mo bhialaibh
Le bocsa siabainn fo chasan
’S e cruaidh chur as. 7675
Seach luchd nan laghannan cealgach,
Luchd nan searmon is an teagaisg
A dh’iarras móran do dh’airgiod,
’S a dh’iarras orm-sa bhith air beagan,
No fear a gheallas dhomh buannachd 7680
An dùthaich fhuadain ’gam fheitheamh
Ma théid mi thàmhachd dha’n tìr sin,—
An t-àit’ is dìcheallaich esan
Gus fuireach as.
Feumaidh mise bhith dìblidh, 7685
Gu h-umhal, ìslichte, stòlda,
Bonn mo sporain a sgrìobadh,
Ma bhios dhomh fhìn agam gròt’ ann
Gus cumail airgid fad seachdainn
Ri fear théid tacan Di-dòmhnaich 7690
A throd is a chàineadh an donais,
’S a dh’fhaighinn cron da mo sheòrsa-sa,
’S gun sin math.
’S ioma cron a bhios oirnne,
Ged tha gu leòr feadh na dùthcha 7695
A b’olc a dh’fhuiligeadh an solus
Nam biodh an coguisean rùisgte;
Ma their thu facal mu’n mhuinntir ud,
’S ann a mhaoidhear na dùirn ort
O chionn bhith bruidhinn mu uaislean 7700
Tha fada shuas os ar cionn-ne
’S cha b’ann gun bhraid.
Seall air muinntir an eòlais,
Luchd nan leabhraichean sgrìobhta;
Luchd na ceàird air a truailleadh, 7705
’S chan ann gu buannachd na tìre,
A’ teagasg mnathan na rìoghachd so
Mar a dh’ùisnichear innleachd
Air son bhith marbhadh nam pàisdean
Am broinn am màthar mu’n cinn iad 7710
’S mu’n tig iad as.
Coimhead fear an dà aodainn
Tha sgrios nan daoine le meàirle,
Cruinneachadh stuic agus stòrais
Le cluich air gòraiche bhràthar. 7715
Ged a rùisgeadh e a’ bhantrach
Bhiodh guth nam mealltairean sàmhach;
Chan ioghnadh dùthaich nam beanntan
Bhith ’n diugh mar shamhla air am fàgail
Gun mheas, gun bhlas. 7720
Seall fear an tigh-òsda,
Tha e leòmach ri fhaicinn,
Théid a dh’eaglais Di-dòmhnaich,
’S bidh ad is còta dhe’n bhest air.
Am faca tu ’n raoir anns a’ bhùth e, 7725
’S am botul liùnn aige tasdan;
’S bu cheart cho math dhut am bùrn ris
Mar thug e lùths as ’ga bhaisteadh
’S ’ga dheanamh lag.
Seall air muinntir nan dealbhan 7730
Nach tug an ainm thar an athar,
’S a théid a shealltainn am pàipeir
Mar choimeas reultan an adhair,
’S tric ’nan seasamh aig mòd iad
Gus snaoim a’ phòsaidh a ghearradh 7735
Is mar a chluinneas sinn iomradh air
Iad ag iomlaid na mnatha
Ri fear mu seach.
Seall, a nis, an luchd-riaghlaidh
A th’againn shìos ann an Sasuinn 7740
A th’air am pàidheadh gu bliadhnail
Aig dà not dhiag anns an t-seachdainn
Air son bhith cóig no sia mhìosan
Ag innseadh bhriagan ’s a’ bladraich,
Ach fear na piocaid ’s na sluasaid, 7745
Chan fhaod e uair thoirt ri fasgadh
Nuair thig an fhras.
Dà not dhiag anns an t-seachdainn,
Tha mis’ am beachd g’eil gu leòr ann,
Ged a dhiùlt iad mo thaitneadh 7750
Le urad thasdan thoirt dhomh-sa
A th’air toirt thairis aig saothair
Gus làithean m’aoise bho m’òige,
’S am fear tha riaghladh na tìre
Théid ochd mìle ’na phòca, 7755
’S nach dean e car.
Ochd mìle ’s a’ bhliadhna,
Ochòin, a chiall, nach b’e an duais e!
Thu fhéin a’ falbh le slat iasgaich,
No gunna air fiaradh do ghuailleadh; 7760
Gille pliobair ’na throtan
Le barrachd bhotul is chuachan,
’S a chìtear agam-sa am feasda;
Cha chuir am Freasdal mu’n cuairt iad
Air ceann gun rath. 7765
Sud dhuibh muinntir na maoine;
Luchd nan aodannan dalma
Chumas breisleach is caonnag
Am feasd air aodann na talmhainn
Is nuair a thogas iad tuasaid 7770
Is móran sluaigh a bhith marbh ann,
A chanas prasgan na truaighe—
“C’ar-son nach d’fhuair sinn do dh’eanchainn
Na dh’fhanadh as?”
’S ann a chuireas an seòrs’ ud 7775
Ann an òl ’s an tombaca
Mach mu thionndadh na h-uarach
Còrr ’s mo thuarasdal seachdainn,
Ach ’s iad a dhùineas an cluasan
Ri glaodh an t-sluaigh tha ’nan airceas, 7780
Ma gheibh iad fhéin an cuid airgid;
Bidh thus’ a’ searg leis an acras
Gus ’n ruig thu’n leac.
Chan eil tigh théid an àirde
Nach fhaic thu Pàdruig ’na fhallus, 7785
Sìos is suas ann am fàradh
Le luchd na làireadh do dh’eallach.
Cho luath ’s a bhriseas an t-sìde,
Cuirear sìdse ris dhachaigh
Gus ’m faic thu Brìdeag is rabhd oirre, 7790
Falbh a’ chàidseadh ’s a’ bhaile
Mu’m faigh i dad.
Nach fhad o ionad nan seòd iad;
Cha toirear feòirling dhe ’n duais dhiubh,
’S chan fheum iad seasamh gu dìblidh 7795
A’ feitheamh fìdeag na h-uarach.
Bidh a’ ghrian thar nan Innsean
Mu’m fàg iad rìoghachd na suaineadh
An déis an raoir bhith ’nan dùsgadh,
A’ cumail sùgradh ri gruagaichean 7800
Ann am flat.
Ma thug ’ad fuath do na pàisdean,
’S gur gann gun àraich ’ad aon fhear;
Gu dé mu chrìosdaidhean bochda
Tha togail ochdnar no naoinear? 7805
Nuair théid athair is màthair
A-mach gu pàirc leis an sgaoth sin,
Cha dean bonn leth-chrùin a’ chùis dha
Mu’n cuir e sùnnd air gach aodann
Le pokey-hat. 7810
Mu’m bi an treud air an còmhdach,
Mu’m faigh ’ad brògan is éideadh,
Mu’n cumar biadh ris na beòil ud,
An nì tha sònraichte feumach;
Mu’m pàidh e màl tha e giùlan 7815
Is cìsean dùthcha is cléireadh
Gur diocair cudthrom bhith ’m pòca;
Tha rud an còmhnuidh ’ga thréigsinn
Nach till air ais.
’S ann bhios esan ’na thruaghan 7820
A’ faighinn fuachd agus acrais;
Ma gheibh e leòr dhe’n bhuntàta
Cha bhi ri ràdh aige facal,
’S treiseag bheag aig a’ ghrìosaich
Mu’n téid e shìochainnt na leaba, 7825
Sluic a-stigh anns na cìbhlean,
A’ deoghal pìob’ gun tombaca,
’S i sìor dhol as.
Chan ann am freasdal bhuntàta
Bhios fear tha’m pàrlamaid Shasuinn 7830
Le brot do shùghadh nan cnàmhan,
Cha mhò tràth anns a’ mhadainn
A chàirear ugh air a bhialaibh
A dh’eug an t-ian o chionn fad’ ann;
Cho luath’s a bhuaileas e spàin ann 7835
Gheibh am fàileadh a-mach as
A leagadh each.
Ach nuair a chuirear gu biadh e,
Chan fhaca crìosdaidh a leithid;
Gheibh e chur air a bhialaibh 7840
Do dh’airm na riaraicheadh seisear.
Gur gann gum b’urrainn mi àireamh
Eadar spàinnean is sgeinnean
Na bheir an duine g’a ionnsaigh
Mu’m faigh e’n cùrsa mu dheireadh 7845
A chur a-steach.
Bidh brat beag geal air a ghlùinean
Air son an smùrach a chumail,
No shuas fo sprogan ’ga lùbadh,
’S e sìos ’na stiùp air a mhuineal, 7850
Bidh na h-airm aig gach làimh dheth,
’S e dol an greim o’n taobh muigh annt’
’S tuilleadh shuas air a bhialaibh
Nuair bhios a’ chiad fheadhainn ullamh
Gus bhith ’nam bad. 7855
Móran sheirbhiseach daonnan
Aig na daoin’ ud mu’n àite
Gus bhith ’gam freasgairt air ùrlar
’S a’ cumail sùl’ air an àirneis.
Tha ’ad boirionn is firionn ann 7860
Dhe gach fine agus nàisein
Gu ruige còcaire Frangach
Nach fàgadh feann air mul-mhàgan
Ris ’n can iad Chef.
Chan e muir-sgian no srùban 7865
A ni chùis far bheil esan
G’am fàgail breamasach sunndach,
Ach làn mo sgùirdeadh do dh’eisir,
’S rudan milis is cnòintean
Is cus do sheòrsachan eile, 7870
Agus botul do dh’fhìona
Bhios leth-chiad bliadhn’ ann an seilear
Mu’n tig i as.
A h-uile annlan bhios aca
Gun toirinn seachdainn g’an àireamh; 7875
Chan fhaighinn toradh na buaile
A dh’ìm, no uachdar, no chàise,
Gun chus do dh’ainmean neònach
Air cus do sheòrsachan àraid
Eadar iasg agus eunlaith 7880
Nach fhac’ thu riamh aig do mhàthair
G’a chur ’s a’ phrais.
A Dhùghaill Chìobair, a nàbaidh,
Cha b’fhealla-dhà leam a chunntais
A h-uile h-uan thug thu cràdh air, 7885
’S e call gu bràth bhith ’na rùda,
Ach’s beag a shaoil leat, a chrìosdaidh,
A liuthad biadh a bha sùghar
A thug asda le t’fhiaclan,
’S a thilg thu dh’ìochdar an dùnain 7890
Gun toirt fa-near.
Nach ort bhiodh an t-ioghnadh
Gum bi mi smaointinn air uairibh
Nam biodh tu oidhche dhe d’shaoghal
A-muigh air aoigheachd aig uaislean, 7895
’S tu faicinn maighdinn aig bòrd ann
’S dath an òir air a cuailean,
’Na suidhe rùisgte air do bhialaibh—
A com ’s a cìochan ’s a guaillean,
’S i ag itheadh chlach. 7900
Ach ’s ioma greim a tha neònach
A bhios aig geòcairean craosach
Tha ’g iarraidh annas an còmhnuidh
Anns gach seòl air an smaoinich.
Cha bu mhisd’ ’ad ach b’fheàirrd’ ’ad 7905
Traisg is càdamh na h-Aoine;
Feuch an sùghadh an stamag
A tha le eallach gun traoghadh
Air tighinn a-mach.
Nach ann tha’n aon ghiorra-shaoghail 7910
Aig na daoin’ bhios ’ga feitheamh,
’S nuair bhiomaid gu sgàineadh
Nach bi na h-àrmuinn ud leathach,
’S mi ’nan cuideachd nach iarradh.
Cha ghabhainn miann air a leithid; 7915
Gum b’fheàrr leam poit dhe’n bhuntàta
’Ga cumail blàth ris an teine
Gum bruicheadh sgat.
An luchd-riaghlaidh a fhuair sinn,
Och, mo thruaighe, ri aithris 7920
Gur e sinn fhéin a chuir suas ’ad
Tha ’n diugh ’gar luaircneadh fo’n casan.
Dh’fhalbh ar sìth air an t-saoghal,
’S dh’fhalbh ar saorsa ri ’r maireann
An latha leigeadh an t-òrdugh 7925
Gu bodach-ròcais na galladh—
E fhéin ’s an gamp!
’S e bodach-ròcais a thuirt mi,
’S cha deach dùrd ann am mearachd,
Ged is Tory gu chùl e 7930
Le sròn an Iùdhaich a bharrachd,
Ach chuir an Gearmailteach fiamh air
Nach fhaigh e ’m bliadhn’ as a chlaigionn
Nuair thug e null e gu Munich,
’S nach mise chunnaic an latha 7935
Tigh’nn air an staid.
Nach mise chunnaic an latha
Nach fhaca m’athair ’na aimsir,
Nach fhaca linn a chaidh seachad
Bho’n cheangail Sasunn ri Albainn; 7940
Latha dh’adhbharaich masladh
Do dhaoine chleachd a bhith calma,
’S a leig am follais le fìrinn
Cho fad ’s tha ’n ìompaireachd ainmeil
Air dol air n-ais. 7945
An latha b’fheudar do cheannabhaidh
Na rìoghachd airgiodach bheartach
A dhol gu dìblidh do’n Ghearmailt
Gun urad armachd ’s am bata
Gus guidhe ’s griosad na sìth’ ann; 7950
An nì bha cinnteach nach faighteadh
Bho fhear a dhearbh air na h-Iùdhaich
Gum biodh ar dùthaich fo’n t-slacan
Nam biomaid lag.
Am fear a mheall air a chàirdean, 7955
Am fear a dh’àicheadh a chùmhnant;
Am fear nach géill do na fàintean
A bhrosnaich nàdur na brùideadh.
Am fear a dh’éirich bho’n t-salchar,
’S ann gu h-aimleisg a dhùisg e; 7960
Am fear thug plàigh air an t-saoghal,
A’ saltairt saorsa gach dùthcha,
Na chuir e chas.
Fhuair e an t-Eadailteach còmh’ ris
A rinn am fòirneart cho gràineil 7965
Air daoine dubha gun eòlas,
Gun tuigse air seòltachd an nàisein,
A’ mort le nimh as an adhar
A dh’fhir ’s do mhnathan ’s do phàisdean,
’S nach do nochd dhaibh do thròcaire 7970
Am fear bhiodh leòint’ anns an àraich
A dh’ fhaighinn as.
Labhair Hitler ri aodann—
“Is e ’n coltas aon bhiodh a’ bagairt;
Fhuair mi deas mo chuid daoine, 7975
’S chan eil iad faoin anns an t-sabaid;
Mur a càirich thu nall dhomh
A h-uile bonn tha mi ag agairt
Chan fhàg mi clach ann an Lunnainn
Nach cuir mi mhullach an adhair 7980
Mu’n dean mi stad.”
Sin ar duais agaibh cinnteach
Air son na tìm a chaidh seachad,
A dh’ fhàg sibh riaghladh ar tìre
An làmhan clìochdairean Shasuinn 7985
A dhùin ar sùilean is ar cluasan
Is a cheangail buarach m’ar casan
Cho trang ag aimhreit mu stòras,
Gun d’fhalbh na h-eòin aig a’ chlamhan
An trod nan cearc 7990
Fichead bliadhna thug a’ ghràisg ud,
An rud is nàir’ dhuinn ri aithris;
A’ còpadh muillionan airgid
Am pòca chealgairean carach,
Le sluagh na dùthcha gun chosnadh 7995
Is gaoir na gort’ air gach bealach,
A’ falbh ’nan creutairean truagha
Le’n druim ’ga shuathadh ri balla
Gun an deamhan car.
Fichead bliadhna thoirt gun bhuaidh dhuinn 8000
An déidh na fhuair sinn do riasladh,
Gun ghuth air nì dheanadh feum dhuinn
Nan tigeadh éiginn ’s an iar oirnn
Gun ghuth air armailt no càbhlach,
No obair àitich no iasgaich 8005
Fo bhinn MhicThormaid ’s a chòmhlan
A thoill an ròpa fo fhiasaig
Bhig bhioraich ghlais.
An déidh na fhuair sinn do riasladh,
Thug ceithir bliadhna ann am fùirneis, 8010
A’ cumail feachd agus fòirneirt
A-mach bho chòrsa na dùthcha—
Is an ann gus uachdarain fearainn,
’S gach ceannabhaidh malairt is bùthadh
Bhith dùnadh dorsan na tròcair 8015
Air saighdear leòinte, bochd, brùite
Bha muigh gun char?
An saighdear leòinte, bochd, brùite,
Bha muigh ’s an fhùirneis ’ga riasladh
A dh’fheumadh seasamh aig cùirt aca 8020
’N ceann gach cùnntain bheag mhìosan
’Ga thoirt gu dotairean ùra
’Na sheasamh rùisgte air am bialaibh;
Ma fhuair e pension beag crùganach,
Bha e an ùidh an luchd-riaghlaidh 8025
A ghearradh dheth.
Ach ’s tìm dhomh nis a bhith dùnadh;
Tha cor na dùthcha ro-shearbh leam
A chaidh a thoirt air a glùinean
Mu choinneamh bùidseir na Gearmailt’, 8030
’S ge b’e sgrìobhas an eachdraidh,
’S an linn tha teachd mu ar n-aimsir,
Gun can a’ chlann bhios ’ga leughadh,—
“Bidh spiorad féineil ’ga leanmhainn,
Gus ’n toir iad snag.” 8035
title | LXVIII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |