LXIX ÒRAN NAN CON
Bha galla Dhòmhnaill Mhóir Di-luain
A’ buachailleachd os cionn na Leacaich
Is có thigeadh a-stigh an ùtraid ’na coinneamh,
Ach cù MhicAsgaill.
Chuir e fàilt’ oirre gu coibhneil 8040
Is theann e ri foighneachd gach dad dhith,—
“Bheil a h-uile sìon ann an òrdan,
’S a bheil Peigi is Dòmhnall gu tapaidh?”
Thuirt a’ ghalla ris a’ chù—
“Tha naidheachd ùr air tighinn dha’n bhaile, 8045
Thàinig binn a-mach aig cùirt
Nach eil ri bhith beò aig cù no galla,
Ged is tric a rinn iad feum dhaibh,
A’ fuadach na spréidh’ ’s ’ga teanail,
’S ann a thàinig litir air a bhò’n- dé 8050
Nach fhaod sinn bhith beò nas fhaide.”
Thuirt an cù: “Na biodh ort cùram!
Chì thu fhéin le d’shùilean fhathast
Gum bheil na daoine tapaidh cruaidh,
A théid mu’n cuairt gu Loch nam Madadh. 8055
Seasaidh iad a’ chùirt gu duineil,
’S cha leig sinne fo na casan;
Bu luaithe phàidheadh iad oirnn Leesance;
Théid mi fhìn dhut ann an gealladh.”
“Ach nan cluinneadh tusa Peigi, 8060
Leam is beag mar bhios i cantail;
A dh’aindeòin bhàltaichean is bhainnsean,
Ghléidh ise a maighdeanas fhathast;
Ach faodaidh i thaing sin thoirt orm-sa,
’S ioma oidhche dhorcha ghaillionn 8065
A chuir mi seachad air a sgàth
Mu’n do ghléidh mi sàbhailte cho fad i.”
“Nuair a ghabhadh càch mu thàmh,
’S ann bhithinn ’nam gheàrd ann am chaithris,
’Nam laighe ann an cùl na còmhlach; 8070
Cha leiginn sròn an còir an taighe,
’S ged thigeadh suiriche a bhiodh fàilidh,
Gheibhinn fàileadh air gu thalamh;
’S ann aige bhiodh an t-astar a’ falbh
Nuair leiginn sgalathad air an stàrsaich.” 8075
“Chan eil mis’ ag àicheadh facail
Dhe na tha thu cantail,
Ach ’s e tha mis’ a’ cluinntinn
Gu bheil thu fhéin ’nad chùilear sgaiteach.
’S ioma dìg is poll-mòna 8080
Bheil làrach do spòig ri fhaicinn.
’S tric a chunnacas air an t-sliabh thu,
’S cop mu d’ bhial a’ stialladh chraicinn.”
Thuirt ise: “Cha d’rinn mi call am beinn,
No gleann, no cnoc, no glacaibh; 8085
Ged ’s tric a thug mi ruaig ann,
B’fheudar dhomh le cruas an acrais.
’S ann bhithinn a’ falbh ris na frògan,
Togail mo shròine ri gach fasgadh
Aig siubhal-chnoc is ghlac is lùb ann 8090
Feuch an tachradh rium sean charcais.”
“Ach, bheil thu fhéin ag ràitinn
Gum bheil do mhaighstir cho eagnaidh
’S nach toireadh e dhut dhe ’n bhiadh
Na chumadh gu sìorruidh gun teirc’ thu, 8095
Seach bhith falbh ’nad chùilear grànda
’S do chnàmhan gu tighinn tromh ’n t-seiche;
Shaoilinn fhìn gun cuireadh e nàire ort
Muinntir an àite bhith ’gad fhaicinn.”
“ ’S fìor an sean-fhacal ri ràitinn: 8100
“ ’S diocair thoirt á làimh na chleachdas’;
Tha thu fhéin ann an deagh òrdan,
Cho reamhar ri ròn air cladach,
Pailteas agad dhe gach seòrsa.
Cha robh do lòn riamh an gainne ort, 8105
’S nan tachradh closnach bho bhruaich riut
Nach bu chruaidh leat gabhail seachad.”
“Cha b’e sud a chleachd mi
Anns a’ chala an deach m’àrach;
Cha robh gnothach riamh cho tur 8110
’S nach deanainn rudeigin a thàradh.
Bhiodh mo shùil air a’ phoit bhrochain,
’S tric a chrochadh orm gu h-àrd i,
Ach cho gann ged bhiodh cùisean
Gheibhinn rùsgan a’ bhuntàta.” 8115
“Cha b’e rùsgan a’ bhuntàta
Dh’fhàg do chnàimh cho làidir, lùthmhor,
Na thug claise ’n cùl do dhroma,
Dh’fhàg do chorp cho bronnach, dùmhail.
Tha do mhàileid air do dhìteadh 8120
Nuair a dh’ìnns thu mu na rùsgan,
’S ioma cliabhan a chaidh innte
Nam biodh innleachd air a phrùbhadh.”
“Ach ged a sgàineadh tu ’nad chraicionn,
Chan eil agad facal dearbhaidh, 8125
Gun d’fhuaras mise riamh tighinn dhachaigh,
No facas idir a’ falbh mi.
Cha b’ionnan sin agus tusa,
Bhiodh tu muigh moch is anmoch
Is mur an téid do chur dha’n ghlumaig, 8130
Théid a’ ghunna chur ri t’earball.”
“ ’S i do theang’ tha sgaiteach, suarach,
Ged a ghluaiseas tu cho spaideil;
’S mi tha duilich nach do chòrd sinn
An déidh gach ròlaist a bh’againn. 8135
Ach ma chaidh sinn thar a chéile,
’S nach faod sinn bhith réidh nas fhaide,
Tha ’m feasgar a’ tarruing anmoch,—
Bidh mis’ a’ falbh, oidhche mhath leat.”
title | LXIX |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |