[23]

VII MOLADH NAM BÀRD UIBHISTEACH

Séisd:—

Ho ro ho ì, ro nan, 565
Ho ro chall éileadh,
Ho ro ho ì, ro nan.

S an Uibhist an Eòrna
Gheibhte beòil an deagh-reumaidh.

Beòil gun uireasbhuidh cainnteadh, 570
Beòil nan teangannan geura;

Beòil nan teangannan sgaiteach,
Ullamh, acfhuinneach, gleusach;

Beòil labhairt na Gàidhlig,
Nach do ghànraich aBheurla, 575

A chuireadh facail afreagairt
Ann an eagaibh a chéile.

Fhuair iad saor air bheag iomrall
Ioma iomradh is sgeula

Air an aiseag bho sìnnsreadh 580
Mar a dhìnnseadh le beul iad.

Fhuair iad eòlas nam bàrd
A bha romh Phàdruig an Éirinn;

Le beith, luis, agus Òghum
Fhuair iad eòlas a leughadh. 585


[24]

Thug sibh mionnan is bòidean
Aig aMhòd an Dun Eideann,

Gum biodh urram achrùin leibh
Air a ghiùlan gu h-eutrom;

Air a ghiùlan leibh dhachaigh, 590
Olc air mhath le luchd-eud ribh;

Eadar Leódhas is na h-Earradh,
Tuath non ear air Caol Shléibhte.

titleVII
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page