[282]

LXX TRIALL GUCÙIRT NAN CON

S amhadainn Di-sathuirn thàinig brath oirnn a-nall, 8140
Chuir sud ann am cheann-san t-ànradh so;
Gu feumta Di-ciadaoin bhith triall chun na cùirt,
S nach fhaigheamaid gun phàidheadh oirnn.
Bhòidich sinn uile mun deach sinn a-null
Nach tugamaid fiù na fàirdinn dhaibh, 8145
S gun tòir sinn a-mach e gu boil leis na beòil,
Bhon fhuair sinn achòir on Phàrlamaid.

Ma dhìnnseas min fhìrinn bhan t-sìde car doirbh,
Nuair thog sinn air falbh bhor n-fhàrdaichean;
S e bhith coiseachd gun dìobradh ri dìles ri stoirm, 8150
Dhfhàg an turus cho searbh dha mchnàmhan-sa.
Mun deachaidh sinn seachad air Clachan Loch ,
Cha robh rib air mo dhruim nach fàisgeadh tu,
S cha bhithinn agearain a dhaindeoin gach cùis
Nan gleidhinn mo chù gun bhàthadh orm. 8155

Nuair ràinig sinn Gramasdal bhan t-aimsir car fuar,
S an fhadhail a tuath cha tràigheadh i,
S bha min dùil gu robh agam deagh charaid an cùirt
A chuireadh a-null le bàta sinn.
S ann thuirt e gun dannarr’, “Cha charaichs cha ghluais 8160
Gus an cuir sibh mo dhuaisnam dheàrnaidh dhomh,”
S thuirt mis’, “Ann ad dhòrn gun téid còrr agus crùn,
Ma chuireas tu null sinn sàbhailte.”

Chaidh sinne gar garadh a thigh Mhic-a- Phì,
S sinn airtneulach sgìths glé ànrachdach, 8165


[283]

S gun dhéirich achailleachs thug i làmh air poit ,
Dol a dheanamh abhìdh nach bfheàirrde sinn.
Bha thu falbh feadh an tighes i agad air chluais,
S thug thu còrr agus uair an sàs innte,
S e bhith feitheamh na caillichs migam lathadh leis an fhuachd, 8170
Dhfhàg cho faisg air an uair som bàs orm.”

Mun dhéirich am bodachs mun dheònaich e falbh,
Bha sinne glé shearbh dhe chànranaich,
S eg innse na dhaisig e seachad an ,
S mar bha iad an déidh a shàrachadh. 8175
Cha bhi migad mholadh, cha robh thu air chòir,
Bha tuilleadhs a chòir ri ràdh agad;
S mur be nach robh unnad ach bodach gun treòir,
Bha pleit air mo bhròigs cha bfheàirrdthu e.”

Bha sinn fliuch chun achraicinns sinn airtneulach sgìth, 8180
Nuair chaidh sinn air tìr an Càirinis,
S an Caimbeulach còir a chaidh còmhla ruinn ann,
S e cheannaicheadh an drams a phàidheadh i;
Thug e nuas thugainn botul den stuth a bfheàrr brìgh,
S gun dhéirich mo chrìdh le gàirdeachas 8185
Ri deagh mhac na bracha bu mhaths an fhuar,
S a bheòthaicheadh suas ar càileachd-ne.

Nuair dhòl sinn an drams leig sinn seachad ar sgìos,
Gun dfhalbh sinn air thì bhithn àit-eigin;
S an tigh MhicGhillEathain chuir sinn seachad an oidhch’, 8190
S gun drinn iad gu coibhneil, càirdeil ruinn.
Cha bhi migad mholadh, chan urrainn mi ann;
Chan eil ann am cheann do ghàirdeachas
Na dhinnseass an duan h-uile buaidhs cha bu ghann,
Bha fuaightris an dream on tàinig thu.” 8195

titleLXX
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page