[284]

LXXI GEARAIN A’ CHOINEINICH

Gur e sinne thanns aghiorag
Càit am faigh sinn tearmann
Bhon thug cuid do dhaoine plàigh oirnn
Feuch an smàladh iad air falbh sinn,
Cur an ìre feadh an àite 8200
Gun do mhill sinn fàs an arbhair,
S nach bi tuathanachas dòigheil
Mur an téid ar pòr-ne mharbhadh.

Bidh an call sin oirnne air fhàgail
Mur eil gràinnseach anns an dùthaich, 8205
Nuair a leig iad suas an t-àite
S nach do bhuain iad làn an dùirn ann.
Nuair than fheamainn thar na tràghad
Air a smàladh ann am fùirneis
N àite bhith air na cnuicga sgaoileadh 8210
A chur beirm an aolach bhrùidean.

Nuair a chruthaicheadh an tùs sinn
Gur e Dia nan dùl a rinn sin,
Gun fhear-comhairle air a chùlaibh,
theireadh tionndadhna inntinn, 8215
S bha sinn umhal mar a dhiarr E
S bha sinn riaraichte ler cuibhrionn
Nuair a thug E gréim an fheòir
Is àite-còmhnuidh anns na tuill dhuinn.

Nuair a chruthaich Dia nan gràs sinn 8220
Fhuair sinn àitair fearann Albann,
Thug E cumhachd dhuinn is fàinte
Gum biodh àl againngar leanmhuinn,
Thug E dhuinn ar n-ionad féin


[285]

A-measg na creutairean a dhealbh e 8225
S thug E saod air fuireach beò dhuinn
Mar than còrr do phòr na talmhainn.

Thug E dhuinn ar cuid dhen t-saoghal,
Air a h-aon cha drinn E dearmad,
S cha deach mearachd riamhna shaothair 8230
Ged a chanas daoine dalme.
Chuir E fhéin am feur gu fàs dhuinn,
Fhuair sinn càirean math is carbad
S chuir E an t-uisge aig bruaich na h-aibhne
S gum biodh againn greim is balgam. 8235

Thug e dhòmhsa paidhir chluasan
Los nan cluinninn fuaim gu falbhainn,
Comas laighe sìos is liùgadh
Far a seachnainn sùil an t-sealgair,
Fhuair mi casan agus ìngnean 8240
Leis a sgrìobainn feadh na gainmhchadh
S dheanainn toll an taobh abhruthaich
Far am fuirichinn gu falchaidh.

Thug E bith is cothrom fàs dhomh,
Cha be bàs dhomh a bhair aire, 8245
Fhuair mi còir cho math ri càch
Tha suas bhon Chàrn gu Poll-a’ -Charra,
Chuir e talamh tolls agharbhlach
S chuir E ghainmheach taobh na mara,
S chàrn E suasna bruthach cruinn i 8250
Losna bhroinn gum biodh mo gharadh.

Cha robh sinne riamh gun nàimhdean,
Dhfheumamaid faidhidinn is ìnnleachd,
Thigeadh speireag bho na speuran,
Iolairean is bu gheur an ìngnean, 8255
Bheireadh neas no cat no oirnn
Air cho cùramach is gum bìomaid,
Achs e nàmhadas an t-sluaigh
A thig mun cuairt, a chreach, a chlaoidh sinn.


[286]

Cha do ghlac mi stoc no stòras, 8260
No mo sheòrsa chur an ainfheich,
S beag an gréim a dhfhoghainn dhòmhsa
A dhith no dhòl mi moch is anmoch.
Ann am freasdal Dhé na glòrach
Bha mo dhòchas agus mearbsa, 8265
Chan e cleas nan daoine gòrach
Bhios acruinneachadh òir is airgid.

S tric iad sin atogail tuasaid
Ann am buaireas leis an àrdan,
Bidh an reusan ann an duathar 8270
Leis an uamhar thana nàdur,
S tric an connsachadhna shéisdear,
Thig an t-streup ás mar a bàbhaist
S iad abualadh air a chéile
Mar a rinn Cain air a bhràthair. 8275

S doirbh ri fhaicinn miod na buannachd
Ma their sinne suas an deò ann,
Cha bhi béin gus bàrr nan cluasan
Aig na gruagaicheangan còmhdach,
Cha bhi phoit an tigh an truaghain 8280
Crochta suas cho trics bu chòir dhi
S bidh aghaoir mun mhadadh ruadh
S e goid nan uan ás na cròintean.

Stad gus an tòisich an trinnleach
S gum bi dìth air feadh an àite, 8285
Daoine searg le cion abhìdh
S nach fhaigh iad mìrean thar an t-sàile,
Cuimhnichidh am pobull òirnne
S math a chòrdadh fear no dhà dhinn
Ris an fhear bu luaithe bial 8290
A chur na riamhaig thar na làraich.

S bochd leam deireadh luchd amhìoruin,
S goirt abhinn tha tighnn gan ionnsaigh,
Bho nach deònaich iad sìth dhuinn


[287]

Mar a dhòrdaich Rìgh nan dùilean, 8295
Ge be bhios ann is chì e,
S e ceann fìnid air an cùrsa
Gum bi an saoghal aca millte,
S geil an tìm sin atighnn dlùth dhuinn.

Stad, gusn tig an turtar mór8300
Am fear a dhfhóghnas dhaibh air fad ann,
Nach bi duine beò ri fhaotainn,
H-uile h-aon cho marbh ri sgadan.
Gheibh sinn saorsa is cothrom fàs ann
Nuair bhiosàdsan air an sgapadh, 8305
S lìonaidh ar gineal an dùthaich
Ann an ùine nach bi fada.

titleLXXI
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page