LXXII BHO’N FHUAIR MI BHLASAD
Ged tha mi gun bhotul
Bho’n tha a’ phrìs cho cosgail;
Na biodh cuimhn’ air bochdainn; 8310
Ni sinn deoch le liùnn dheth.
Séisd:—
Chan eil mi gun bhiadh,
’S taing do Dhia g’a chionn sin;
Cha bu chaomh leam ganntar
Ann an àm bliadhn’ -ùire; 8315
Chan eil mi gun bhiadh,
’S taing do Dhia g’a chionn sin.
Tha mo thigh ’s an àm so
Làn do bhiadh ’s do dh’annlan,
A chuir Dia mu’m cheann, 8320
Ged’s beag a bh’ann do dhùil ris.
Fhuair mi aig an dorus
Roinn de chaora Nollaig,
’S fheàirrde broinn mo cholainn
Sgolaidhean dheth sùghadh. 8325
Fhuair mi sud gu m’àillean,
Feòil is ìm is càise;
Rud bhios seac air càch,
’Gan càidseadh feadh nam bùthan.
Sòlasach bhios m’aigneadh 8330
Tòiseachadh ri ’n cagnadh,
’S leis cho mór ’s tha m’acras
Chòrdadh cat no cù rium.
Bha mise aig a’ ghrìosaich,
’S mi drannadh nam fiaclan; 8335
Ged rachainn gu iarraidh,
Cha robh sìon aig bùidseir.
Bha mi’n raoir fo ghruaimean,
Mi aig oir na luathadh,
Dòchas ’ga thobhairt suas 8340
Nuair chualas bualadh rùdan.
Chualas bualadh làidir,
Dh’fhosgail mi gun dàil,
Bha ’m post’ ann ’s fiamh a’ ghàir’ air,
’S màileid air a chùlaibh. 8345
Shìn e air a tharsuinn
Dhomh ’nam dhòrn am parsal,
Còrn do phàipear glas air,
Snasmhor air a lùbadh.
Dh’fheuch mi e le m’ mheòirean, 8350
’S thuig mi gum b’e feòil e;
Buaidh dha’n làimh a sheòl e
Air an ròd g’am ionnsaigh.
Sgaoil mi e gu moiteil,
Staoig mi rud dha’n phoit dheth; 8355
Far bheil gaoir na gorta,
’S coingeis molt no rùda.
’S mise fhuair am preusan
A bha fuathasach feumail;
’S ann ri uair na h-éiginn 8360
Thuigear feum na h-ùrnuigh.
Ceathramh mór do dh’fheòil
Gun dh’ith mi’n raoir mo leòr dheth,
’S tha mi’n diugh gu ceòlmhor
Falbh le tòin gun dùnadh. 8365
Nuair a dh’òl mi’n eanraich,
Dhannsainn “Carraig Fhearghais”,
’S mi cho bras ri tarbh
A bhiodh le meanmna bùirean.
Bho’n a fhuair mi bhlasad 8370
Tha mo ghruaidh am maisead;
Chaidh mi suas am braisead,
’S cha chuir gaiseadh rium-sa.
’S olc an tìm a th’ann
A-muigh an tìr na Galldachd; 8375
Tha gach nì cho gann
Bho’n thàinig àm na dùldachd.
Chaidh mi sràid an dé,
’S mi dol air àrainn éisg ann;
Ann an càs na h-éiginn 8380
Dhèanainn féisd air crùbaig.
Fhuair mi punnd do chnòdain,
’S an robh cunntais spreòdain;
B’fheàrr leam gnùis an t-sòrnain
Nuair bhiodh tòic a’ mhùin as. 8385
title | LXXII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |