LXXIV NA ROCAIDEAN
Air Fonn: ‘ ‘A Chaluim bhig. ’’
’S e rocaidean, ’s e rocaidean,
’S e rocaidean an dòlais
A thàinig á Ameireaga
Gus deireadh a chur òirnne,
’S ma bhitheas iad an suidheachadh 8450
An Uibhist bheag an eòrna,
Chan fhad bhios duine beò ann
Ma thòisicheas blàr.
Uibhist agus Barraidh,
Cha bhi leanabh no fear liath ann, 8455
Leódhasaich is h-Earraich
Dol ’nan sradagan dha’n iarmailt;
Sgitheanaich is Muilich
Air am buileachadh dha’n t-sìorr’achd,
’S na h-eileanan an iar 8460
Air an lìonadh le plàigh,
’S e rocaidean, etc.
Na Ruisianaich a’ deasachadh
’S Ameireaga a’ bòsdadh
Gum bheil a h-uile h-uidheam aic’ 8465
Cruinnichte gus còmhstri,
’S ma thig i chun nam buillean,
Cha bhi Lunnainn ’s cha bhi Ròimh ann,
No duin’ a dh’fhanas beò,
’S an Roinn-Eòrpa ’na smàl. 8470
’S e rocaidean, etc.
Tha a’ bhuil air tigh’nn gun teagamh oirnn
’S gur beag a bha do dhiù dhinn,
Ach bhith ’nar fodar ghunnaichean
Aig Lunnainnich ’s aig Iùdhaich; 8475
Gach ginealach ’ga leagail dhinn
Le peilearan ’s le fùdar
’Gar cumail ris gach fùirneis
’S té ùr ac’ an dràsd.
’S e rocaidean, etc. 8480
Gum b’fheàrr dhaibh a bhith teicheadh
Fhad’s bhiodh beagan dhe’n cuid daoin’ ann
A shuidhicheadh an oisean beag
Air choireigin dhe’n t-saoghal;
Bidh Uibhist uile mallaichte 8485
Le conas agus caonnag,
Tha’n Donas ann mu sgaoil,
Thug e’n taod thar a làmh.
’S e rocaidean, etc.
Carragh Beinn na Corr-airigh 8490
Gur coltach leam gun d’fhalbh i
Bho’n ionad ás na chuireadh i
Aig cruthachadh na talmhainn.
Nuair thuiteadh i bho’n ionad sin
Bhiodh sgrios a’ tighinn air Alba; 8495
Thuirt fiosaiche bha ainmeil
’S an aimsir a bhà.
’S e rocaidean, etc.
title | LXXIV |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |