[297]

LXXVI FEAR FREASDAIL IS AINM DHOMH

Air Fonn: “Òran na caillich.”

Séisd:—

O , o ! fear freasdail is ainm dhomh;
Hu, o ! fear freasdail is ainm dhomh;
, o ! fear freasdail is ainm dhomh,— 8535
S toil agam falbh bhon bhòilich.

Chan eil enam shùil bhith giùlan cunnairt,
Ma chuireas Mac Crùiseaf smùid ri Lunnainn;
S ann bhios mi làn sùnnd, gun tùrs’, gun tuiream,
Air cùlaibh Muile nam mór-bheann. 8540

Cha robh mi fo dhìth, no sgìth dhen fhasan,
Nan gleidhinn an t-sìth feadh clìchdean Shasuinn,
Ach thàinig mo thìm bhith sìneadh chasan
Gus tìr is fhasa bhith beò ann.

S gum bi mi air dòigh le beò-shlaintmhath ann, 8545
Tha sitheann is feòil ann, geòidh is cathain,
S an oidhcha bhios reòta teòdhadh làmhan,—
S mi spreòdadh àmhuinnean mòna.

Gun caisg mi mo mhiann le biadh is earradh,
Tha spréidh air an t-sliabh gus bial na mara, 8550
S gun glac mi do dhiasg ann shìos air carraig
Na lìonas barailtis còrr dhomh.

Tha muinntir an airgids dealbhnan sealladh
Air Ruisianaich dhearg’ ’s an fhearggan dalladh;
Mun leig sinn a failmsair falbh gam mealladh,— 8555
An t-arm a dhealaich ri tròcair.


[298]

Ged bha mi os cionn nan Iùdhaich uile,
S em bad a bha mùidh ann, stiùp do Mhuile,
S nan tigeadh an ùpraids dùirn gu buillean,
Min dùil gun cumainn an deò ann. 8560

Ma thionndas achùis car ùrs achuidhill,
S an iarmailte shuas bidh fuaim a rithist,
S ma thig iad a-nuas gum buail dhiubh dithist,
Mo thruaighe thu Uibhist an Eòrna!

titleLXXVI
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page