[299]

LXXVIIGAIRM

Molaidh mise Fionnlagh MacDhòmhnaill, 8565
S chan fhàg mi a chùlaibh MacThómais;
S en t-urras their mi dhaibh,
Chuidich iad ar cainnt,
S chuir iad ann an làimh obair òirdhearc.
Gur mithich dhuinn mar bhàird 8570
Bruidhinn ann an àird,
S mios thoirt air na h-àrmuinn a thòisich,
S a thogairt gum biodh ann
Comas nach bu ghann,
Toileas dhar cuid rann agus òraidean. 8575
Chuir iad obair ghrinn ann an òrdugh
A mhaireas fad a thìm, tha min dòchas,
Cho cantalachs cho dian
Mu ar cladaichean siar,
S gum bi moghas miar-oghaga òrdachadh. 8580
Rinn iad obair gharbh,
Buidheachas dhan t-sealbh;
N àit ar leagadh marbh, thug iad beò sinn.
Gur truime sinn na tairbh
Le àibheachd am beirm 8585
Bhon chuir iadGairmann an clò dhuinn;
Gun dhuidheamaich iad sinn,
S gu ruigeadh ar ruinn,
Gach Cuimeineach, Duibhneach is Dòmhnallach,
S gach fear a ni fuinn, 8590
S gach teanga ni seinn
Eadar Port na h-Aibhne is Steòrnabhagh.
Guidheam-sa gach buaidh air an òganach,
S e bhith fada buan, fallain, feòraichte,
Farsuingeachd na cuairt 8595
Air tarsuinn achuain,


[300]

Gu gineal an t-sluaigh a chaidh fhògairt bhuainn,
Gu deas-fhaclach, duanagach, òranach.
S gur milis am fuaim aig gilleanga luaidh,
S gach iomall a chuairticheas seòladair. 8600
Guma pailt an Dùthaich an Eòrna,
S gus ruig e Port nan Giùran is Ròbhanais
Nall gus Leitir-Iùbh nuas gu Tom an Dùin
Gu Sgitheanaich, Mùideartaich, Cnòideartaich,
Gun ruig e sgial Loch Òdhas Loch Ial, 8605
Ceann Lochcillechiaranaich, Còmhalaich,
S a leithid do dhfhiach nach fhaca sinn riamh
Bhon chaidhGuth na Bliadhnafon fhòid oirnn;
Sguir iad a chur ùidh ann an còmhradh,
S an cuideachda luchd-ciùil agus òrain; 8610
Gun dhullaich iad an dùirn,
S bhuilich iad an tùrn
Urramach air dùthaich an eòlais
Le teachdaire glan, ùr, stacaichte le tùr,
S gasda leamnar cùis atighinn òirnn e. 8615
S e àilleagan mo rùin,
S fheàrr leam e nan crùn,
A chuireadh le ùrnuigh aig Mòd orm.
Beannachdan air mùr-leannan glòirmhor
A chuireas mfhuil asrùladh tromh mphòraibh 8620
Na builleans ina brùchd
Gus ruig i gach rùchd
Aig barraibh nan lùdags nan òrdagan.
S mionnaichtena dhùil,
Iomairteach le lùths. 8625
Innealach gus ùrachadh còmhstri e;
Adhartach ler cùis,
S oidhirpeachna thùs,
Coileach air a dhùnans e còmhragach;
Sud far a bheil an ràitheachan leòmach. 8630
Is taitneach leam bhith leughadhs ameòmhrachadh;
Socraichtair mo ghlùn
Dhfhosglainn e air tùs


[301]

Na thigeadh a liùtha do leòbhraichean,
S eagal gun téid smùr 8635
Seachad air mo shùil;
Dhimlichinn, dhrùidhinn is dheòghlainn e;
Ruithinn air gach dùrd
Is ruighinn e gu ghrùnnd
Gus am bitheadh a shùghadh air òl agam. 8640

titleLXXVII
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page