LXXVIII ÒRAN A’ CHNATAIN MHÓIR
Air Fonn: “A Mhàiri bhàn, òg.”
Tha mise gu tinn fo dhìth ’s fo dheireas
’Nam shìneadh leagta ri làr,
Chaidh gnothaichean clì ’s tha mi ’s an teasaich
A’ strì ri deireadh mo là;
Gun thanaich mo ghruaidh, mo shnuadh air teicheadh, 8645
Tha ’n ruaig gu breith air mo shàil;
Mo theadhair gu ceann cho teann ’s nach seas i,
’S e th’ann cha ghleidhear am bàrd.
Ma thàinig an uair, ma fhuair mi ’n cuireadh,
Ged ’s cruaidh a’ bhuille leam à, 8650
A dh’aindeoin gach saod, chan fhaod mi fuireach,
’S mo shaoghal ullamh gu bràth;
Ma ’s fheudar dhomh triall gu crìoch mo thurais,
A Dhia, dean Thusa rium bàigh;
Bho’n dh’òrdaich Thu fhéin do chreubhag duine 8655
Gum feum i fulang ri bàs.
Tha móran do dhaoine faoin ’nam barail
Aig saoghal carach fo chàin,
Gach fear agus té an déidh air beatha,
’S gu dé cha mhair i ach geàrr; 8660
Ged thigeadh gach aon gu aois’ gach ceathrar
Le maoin is maise gu ’n càil;
Nuair thig sinn gu crìch’ cha bhi ar tamull
Ach leinn mar latha no dhà.
Gach cumhachd as ìsle strì ri ’r n-anam 8665
Air thì ’s gum faigh iad air còir;
Mu’n toirear gu crìch’ do thìm air thalamh
Na dìobair aighear air t’fheòil;
Na teannaich an t-srian ach riaraich Mammon,
Tha ’n t-sìorruidheachd fada gu leòr; 8670
Mu’n téid thu dha ’n ùir ’s gun dùil ri tilleadh,
Bi sunndach, ith, agus òl!
’S nach mór tha dhe ’n t-sluagh nach d’fhuair le fallus
An gruadhach aran gach tràth,
A ruigeas a’ chill gun druim a chamadh, 8675
Air saill an fhearainn gach là.
Chan fhairich iad sgìos no dìth, no deireas,
Air sìoda bho ’m breith chun am bàis,
’S bidh mise ’s mo sheòrsa air ròd na miodhairt,
’S chan fheòraich gin dhiubh mo chàs. 8680
Tha’n creideamh ’nam bial ach shìos fo smigead
Tha ’m miann air ionadan àrd’;
Ged theagaisg an Tighearn’ bhith fialaidh, iriosal,
’S cian bho’n cridheachan À;
Bhith càrnadh dhaibh fhéin ’s na ceudan falamh, 8685
’S e ’n Creud e, am Paidir ’s an Gnàth;
’S e onair an t-saoghail—maoin is urram,—
An dia dha ’n tug iad an gràdh!
’S e comhairle an t-Soisgeil dhuinn bhith falamh,
Ar greim ’nar fallus gach là 8690
Is leantainn gu dlùth ri cùisean matha,
’S bidh ionntas againn nach cnàmh;
Nach coma co-dhiùbh ma ’s cùbhraidh t’anam
An sùilean Athair nan Gràs,
Ged thilgt’ thu gun diù mar chù fo’n talamh 8695
Gun fiù is clach air do chàrn.
’S e teagasg tha fìor gu liath ’s gu leanabh
Gur friamh gach galair a’ phròis,
A chuireas na mìltean clì air mathas
Nach dìrich dhachaigh gu Glòir. 8700
Gu chia mar a chì iad mìr dhe’n rathad,
’S an cridh’ ’gan dalladh fo sgleò;
Tha adhradh an laoigh mar aon chnap-starra
Chuir taoid mu ’n casan do dh’òr.
Ma ruigeas mi nunn ’s a cùis an eagail 8705
A’ chùirt tha feitheamh oirnn thall,
Gun duin’ air mo chùl ni pùnnd dhomh sheasamh,
Gun dùil ri teicheadh a-nall,—
Le leabhar nam fiach air bhialaibh Breitheamh
’S gach gnìomh a rinneadh leinn ann, 8710
Ach tròcaire Dhia ’gar dìon á teine
Gun chrìoch, gun deireadh, gun cheann.
Ach saoil ’s an an-uair bho’n fhuair i breith oirnn;
Am buannaich m’eithear-sa tìr?
An cothaich i ’n cuan dhomh ’n cruas na teasaich, 8715
No an dual gun téid a cur sìos?
Tha’n acarsaid bhuan gu gnuadha leis oirnn,
Tha fuaim na sgeire fo druim;
Mur tog i gu fuaradh suas dhuinn beagan,
’S an uaigh gun leagar na cruinn. 8720
Gun tàinig gu m’ionnsaigh ’flu mar their iad,
’S e cùis mo chreiche-sa bh’ann
A dheoghail mo shùghaidh; dhrùidh e leis e,
Mar shùghas teas air an allt.
Mo chnàmhan gun lùths, gun unnsa geire, 8725
Mo shùilean leathach bhith dall,
’S mi leaghadh air falbh, a’ searg mar sheileach,
Mar sgealb ’s an teine air a ceann.
Cha togar mo shùil ri liunn no drama,
Cha dùisgear m’aire gu sunnd; 8730
Mi eadar-dhà-lùnn an dùiseal cadail
An dùil ri laighe ’s an ùir.
Tha ’n claidheamh ’s e rùisgt’ os cionn mo chlaiginn,
’Ga shùghadh bagarrach rium,
A’ crochadh air snàthlainn—bàs no beatha— 8735
Mar is àill le Athair nan Dùl.
Cha toir mi dhuibh òran, ceòl, no luinneag,
Cha mheòraich buill’ air pong-ghràis;
Mar tha mi le tùchadh is rùsgadh muineil,
Tha an gleus gu buileach air cnàmh; 8740
Le tinnead mo chuim tha cuing air m’anail,
’S mo phìoban sgamhain cho làn;
Mi faireachdainn fann bho m’ cheann gu m’ chasan,
Gach ball dhe m’ bhallaibh fo phràmh.
Tha léireadh air m’uchd ’s gun thuit cìoch-shlugain, 8745
Cha dean mi slugadh gun chràdh;
Gun chuireadh air dòigh dhomh seòrsa bruthaiste,
Dh’òlainn drudhag dheth blàth;
Ged thàinig bho’n dotair botul thugam
A chosg dhomh iomadach spàirn, 8750
Tha chungaidhean leighis, ged ’s geur an stuth iad,
Gun feuch na smugaid do stàth.
’S e obair an ànraidh is fàth mo ghalair
Bhith an greim ’s a’ mhadainn cho tràth,
’Gam chosnadh aig càch a’ càrnadh chlachan 8755
Air bàrr a’ bhalla gu h-àrd;
Le gaillionn bho’n tuath ’s am fuachd ’gam lathadh,
A’ bualadh chasan is làmh,
’S nach faigh mi do dhiù fo shùil a’ ghabhair
Nas mù na asail a’ cheàird. 8760
Tha ’n t-sìde cho doirbh tha ’n lorg an Earraich
Mu’m falbh an Gearran ’s am Màrt,
Nuair thig e le Faoilteach, gaoth is gaillionn,
’S e taobh na cagailt’ a b’fheàrr;
Ach fear bhios gun bhonn, gun fhonn, gun fhearann, 8765
Le teaghlach lag air a sgàth,
Mur seas e le cruadal ’s dual ri aithris
Gur fuar dha carrantachd chàich.
Mo chéile fo phràmh air fàs gu dubhach,
Ged bha i subhach gu seinn; 8770
Tha cridhe ’na com cho trom ri tunna,
Gun chrom e buileach le beinn,
’S i a’ faicinn am beum’ fo stéidhe tighe,
’S gu dé mar dh’fhanas e cruinn?
Ma dh’fhàgar i fhéin le treud gun athair, 8775
’S e an déirc is beatha dha cloinn.
Ach cha tug mi mo shùil nach stiùirinn fhathast
An iùbhrach dhachaigh gu tràigh;
Ma chuireas i h-iùl a dh’ionnsaigh cladaich,
Le cùram fanaidh i ’m bàrr. 8780
Nam faighinn-s’ i suas mu’n cuairt na carraig
Bhiodh buaidh a’ fannadh nan ràmh,
’S ged bhiodh i gun siùil tha bùird gun ghaiseadh,
’S ni ùine fhathast i slàn.
Bho’n fhuair sinn gu fiath ’s a cliabh ri cala 8785
Théid crìoch air ealain a’ bhàird,
Gus am faigh sinn gach ceann, gach bann is tarruing
Gu teann a bharradh ’nan àit’,
’S ged thugadh dhi mìobhadh ’s fhiach a tearradh,
Bha miar dhe ’n darach ’na clàr, 8790
’S mu’n teirig an samhradh ’s dram ’na claiginn
Gun danns i fhathast “Cocàrd.”
title | LXXVIII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |