[25]

VIII UIBHIST AN EÒRNA

Séisd:—

Air faillirinn, illirinn, uillirinn ó,
Air faillirinn, illirinn, uillirinn ó, 595
Air faillirinn, illirinn, uillirinn ó,
Mu Uibhist an Eòrna bruidhneamaid.

Labhramaid ealantas math thig e dhuinn
Mu dhùthaich ar n-athraichean ceathramh a sheinn,
Mu eileinean Uibhists na shuidhich Sìol Chuinn, 600
S bha ceannas air tuinns air tìr acann.

S e eilein mo chridhe, ’s e eilein mo ghràidh e,
Eilein as builichen cluinnear aGhàidhlig;
Cànain mo chuideachd a thuinich ann tràth,
S gus latha mo bhàis nach dìobair mi. 605

S e eilein mo raghainn, ’s e eilein mo rùin e,
Eilein as laghaiche thaghainn air thùs e;
Eilein as luraiche chunnaic mo shùil-se;
Eilein achiùils nam pìobairean.

S e eilein amhurain, ’s e eilein an fhraoich, 610
Eilein nan curaidhean, eilein nan laoch
A choisinn an t-urram air iomadach raon,
S nach cuireadh fon daorsa dìlleachdain.

S e eilein mo chridhe nan sruitheans nan stròm,
S nan aibhnichean braon-ruidhteach, blasda rin òl, 615
S na cas-bheannan corrach acarraid ri neòil,
S an ceann-aodach ceò mun cìreinean.


[26]

S e eilein an àigh anns am fàsadh am biadh,
Chuir dreach air ar sinnsreadhs na linntean bho chian;
Bha corcagus eòrna, feòil agus iasg 620
Mun cualas guth riamh air Innseanach.

Bha cosnadh an arain dhar n-athraichean ann,
Bha toradh na maraca, fearann is fonn;
Bha spréidh air an t-sliabh acis iasg air an allt,
S chan iarradh iad Gall gan cìobaireachd. 625

S e eilein na carantachd, eilein na còiread,
Dùthaich nam fleasgach thug teist air am pòr,
Gu h-earraigeach tosdach acosnadh an lòin,
S iad adhartach, eòlach, dìcheallach.

Bha carraig an creudair a stéidheadh air Crìosd’, 630
S tairgseadh na h-ìobairt tha dìreadh gu Dia
Nach fhalbh as an cridhes nach leig iad air dìochuimhn
Fhads a bhios grian adìreadh ann.

S e eilein na maise gur lainnireach ùr-ghlan,
Aghaidh achladaich tha gaillionn ri lurgainn, 635
S tonnan achuain ghlais asguabadhs asgùradh
Bhon àm bha tùs nan linntean ann.

An tòiseach na h-òige bu shòlasach leinn
Ar cluas a bhithg éisdeachd ri sgeul air an Fhéinn,
No bhiths an taigh-luaidh agus gruagaichean cruinn, 640
Atogail an fhuinn gu h-inntinneach.

Air latha na féilles gum béibhinn leam à,
Bhiodh nuallan na spréidhag éirigh an àird;
Mnathan is fir ann atighinn as gach ceàrn
Bho Rudhan Tigh-Mhàil gu Grìminis. 645

Gach maistha ri chunntais air Dùthaich nam Buadh,
S na subhailcean sònraichttham pòraibh an sluaigh;
Gur diocair dhomhn àireamhs an tàthadh an duan,
Ged rachainn mun cuairt air innleachdach.


[27]

Ach theirinn mu Uibhist, ceann-uidhe mo ghràidh, 650
S mu theisteas a macaibh an cleachdadhs an gnàth
Geil rudeigin acanan aigneachan àrd
Nach urrainn am bàird a mhìneachadh.

Gun bhuaidh air an traoitear a dhùisnicheadh peann,
No dhfhosgladh a bhial gus cur sìos air a dhream, 655
S ged chòrdadh an druaimleach ri cluasan nan Gall,
Cha buaisle bhan ceann an sgrìobhadair.

titleVIII
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page