LXXXI CAOCHLADH NAM FONN
Air talamh no tuinn, am baile no ’m beinn, 8885
Mo mhionnan nach seinn mi ’n còrr;
Cha bhrodaichear mi le cogadh no sìth,
’S cha chluinnear a chaoidh mo cheòl;
Chan fhosgail mo gheum le rosg no le réim,
Théid fosadh air teud mo bheòil 8890
Le teanga fo’n dealg cho tosdach ’s cho balbh
Ri corp a bhiodh marbh air bòrd.
Air Dùthaich nam Beann ’s na diùnlaich a bh’ann,
Chan ùraich mi rann nas mò
Bho’n lùb iad an ceann fo mhùiseag nan Gall, 8895
’S a dhlùth iad cho teann ri’n dòigh.
Chan éisd iad an duan a dh’éireadh le fuaim
Bho’n chléith air an luaidhte an clò;
’S ann tha na daoin’ -uaisle theireadh dhi cluas
’Nan laighe ’s an uaigh fo’n fhòd. 8900
Chaidh Uibhist nan àrd-bheann, muime nam bàrd,
Fo dhubhar a pàilliun ceò;
’S i cumha nan sàr a lughadh a dàin
’S a chumadh a cànail beò.
Cha chluinn i ’s an uair ach milleadh nan duan 8905
Aig cruinneachadh sluaigh no Mòd;
Gum b’annsa na fuinn a chleachd i ’na linn
Bho bhilean nan nìghneag òg’.
Tha munaidhean fraoich ri cumha ’s ri caoidh,
Gun thrumaich an caochladh òirnn; 8910
Gun mhothaich iad faoineas cinneach nan laoch
A bhuinig an gaol ’s iad òg,
A fhreagradh gach beinn ri beadradh an cainnt’,
A’ spreigeadh nan rann mu’n chrò;
Sruth dubhach bho’n cinn gu ruidhteach le glinn 8915
’S nach tuig iad na fuinn nas mò.
Tha muran is luachair dubhach fo ghruaim,
Tha mulad an tuar an fheòir;
Tha luinneag nan stuadh air mullach a’ chuain
Mar thuiream na truaighe o’m beòil. 8920
Tha taiseachd nan deur an langan an fhéidh,
Tha gearain an geum nam bò
Mu chaochladh na tìm’ a thogadh an crìdh’,
’S nach urrainn dhaibh ìnnse an glòir.
title | LXXXI |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |