LXXXIII AN DÀ CHÙ
Gur ann ’s a’ cheàrn sin do dh’Alb’
A thug thar seann Righ Cuibhle ’n t-ainm,
A chluinnear fhathast air ’ga luadh
An sud ’s an so am bial an t-sluaigh,
A thachair bho chionn fada, fada 9375
Còmhradh eadar paidhear mhadadh
Feasgar latha briagha blàth
’S an Òg-mhios shamhraidh, ’s ann mar bhà—
Gun thachair caigeann chon ri chéile
Nach robh trang aig fang no féill ann. 9380
’S their mi chiad fhear dhuibh air ainm dhiubh
“Cèasar,” beothach làidir calma,
Nach do chleachd bhith cosg a shaothrach
Timchioll chruidh, no each, no chaorach.
’S dh’inns a mheud ’s a chalg ’s a chluasan 9385
Nach b’ann á Albainn a ghluais e,
Ach á eilean fada ’n iar oirnn,
Far bheil truisg gu pailt ’gan iasgach,
’S bha e coimhead fuathsach leòmach,
Coltach ri fear fiosrach eòlach. 9390
Bha coingheall mu amhaich glaiste
Làn do dh’umha, buidhe laiste,
’S dh’aithnicheadh tu le sùil gun suathadh
Nach robh ’m fear so shìol na tuathadh;
Ach ge b’uasal pòr is dream dha 9395
’N diabhul pròis no pròis a bh’ann-san.
Choisicheadh e suas an t-sràid
’S iad bus ri bus le measan ceàird.
Aig ceàrdach, muileann, féill no eaglais,
Cù no cuilean, cha bu bheag leis, 9400
’S e bhiodh coingeis có bhiodh ac’ ann,
Dheanta spàg le fàilte ghlacadh;
Cuilean robach, ròineach, luideach,
Bu cho math leis e ’na chuideachd,
A’ dol ruaiseadh suas na leòidean 9405
’S ged b’e mìol-chu Iarla Bhòid e.
’S ann le treabhaiche bha ’n ath-fhear,
Fear bu deòin leis bòrd is cathair,
Suidhe sìos gu oidhche cheòlmhor
Fuadach stuirt le puirt is òrain. 9410
Fhuair e madadh gus bhith làmh ris,
’S gus bhith aig air chùl a shàileach.
Thug e cuideachd “Luath” mar ainm air,
Theireadh cus ma thug nach b’fhar-ainm;
Fhuair e’n t-ainm á òran Gàidhlig 9415
Aosda, leis cho sean a bhà e,
Cuin no c’àit ’n deach cruth is dath air
’S ann aig Dia nan gràs tha brath air.
Cù cho dìleas anns gach ceum
’S a chuir thar dìg na gàradh leum; 9420
Bha aghaidh fhosgarra gun ghruaim
A’ faotainn càirdeas shìos is shuas;
Bha chòta gaoisneach, gibeach, molach,
Dubh mu’n druim is geal mu’n bhrollach,
’S earball coc-ghobach mu’n bhàrr 9425
A-mach ’na stiùp air cùl a mhàis.
Chan eil teagamh nach do chòrd iad
’S nach do dh’iarr iad barrachd eòlais,
Bha iad a’ smucraich mu chéile
’S chaog iad sùil ris na speuran; 9430
Dh’fheumadh iad treis thoirt air cluichdeas,
Ruith is ruideanachd is buiceis,
Dh’fhalbhadh iad an sin ’nan leum
’S iad taobh ri taobh a’ cur nan réis,
Is mar tha nàdurra co-dhiùbh, 9435
Nam faicte gnoban dh’fheumte mùn ris,
’S treis thoirt air cagnadh mu’n calg
’S air ceapadh chuileagan is dheargann,
Cladhach luch air feadh a’ phuill
’S a’ feuchainn samh am bial gach tuill, 9440
’S a’ glamhadh gu chéile le spòrs
Is fealla-dhà mar a ni seòrs’.
Dh’fhàs iad sgìth a’ gearradh bhoc
’S a’ ruith ’s a’ ruaig mu’n cuairt nan cnoc,
’S gun chàirich iad ri chéile srònan, 9445
’S shuidh iad sìos air tuill an tònan,
’S rinn iad suaip air móran seanchais
Timchioll dhaoine siochd is sealbhach,
Iad le chéile toirt am beachd
Mu chor nam bochd seach cor nam beartach. 9450
CÈASAR
Gur tric mi smaointeachadh a Luath
Gu dé ’n seòl beatha th’aig an tuath,
Ma dh’fheumas càch na th’ac’ air shealbh
Bha còir aig daoine bochd bhith marbh.
Gum faigh an “Laird” a mhàl a-stigh 9455
’S a h-uile greus a dh’fheumas tigh,
E ’g éirigh ma thogras e fhéin
Gun sealltainn air gealaich no gréin’,
Bidh peithirean a-mach ’s a-steach
’Nan ruith ’s ’nan leum a’ gleusadh each, 9460
’S bidh sporan mór aige ’na dhòrn
Cho fad ri m’earball làn do dh’òr,
Is chì thu dol bho mhoch gu anmoch
Feòil is pòit is brot is eanraich,
Bruich is praoidhligeadh is ròstadh 9465
Itheadh, glamadh, cnabladh, spòltadh
Aig na h-uaislean, ach ma thà,
Bidh làn am bronnaichean aig càch
Gach tràth le treallaich dhe gach seòrsa,
Fuighlichean tha tigh’nn o’n bhòrd. 9470
Tha troichean, de rud grànda, peallach,
Bhios ’na shuidh aig taobh an teallaich,
Mur a bi e falbh le cuip
A gheibh na coin gu goirt mu’n t-sliop,
Do rud beag bìodach borrach gròbach, 9475
’S chì thu e storradh a sgròbain,
Cus nas fheàrr na coitear bochd
A th’air an oighreachd so an nochd.
Sud a nis an dol a th’ann
Ach daoine bochd, tha gortach gann, 9480
Gun làn am beòil do dh’fheòil no mhuic
Gu chia mar ’s idir beò na buic.
LUATH
A Chèasair, chan eil teagamh ann
Nach bi iad uaireanan glé ghann,
Gun fhios aca feasgar Dior-daoin 9485
Có as thig suipeir oidhche h-Aoine.
An coitear bochd ’s e cladhach dìg,
No togail beàrna ’n gàradh-crìch’,
No rùsgadh cuaireadh ’s rud mar sin,
Tha fios gum fuiling e ioma cion, 9490
Mu’n cùm e suas e fhéin ’s a chlann
’S a bhean ’s a h-uile rud a th’ann,
Gun sgrios ach saothair dhian a làmh
Gu’n cumail dìonach, biadhta blàth,
’S ma thig air driodfhortan an clisgeadh 9495
Dol ’na thàmh, no shlàinte bristeadh,
’S gann nach canadh tu riut fhéin
Tha’m fear ud teann air ceann an réis,
Ach ge b’air bith gu dé rud a th’ann,
’S cha d’fhuair mi riamh e stigh ’nam cheann, 9500
Gum faigh iad roimhe o bhad gu bad,
’S iad fuathasach toilichte ’nan staid.
Gur ioma gille calma cruaidh
Is maighdeann òg is deirge gruaidh,
Gun mheang fo’n ghréin is léirsinn dhòmhsa 9505
Th’air an àrach air an dòigh sin.
CÈASAR
Gu tà nach seall thu air an dìol
An tàir, an tàmailt, an ceann sìos,
Cho beag do shuim ’s cho beag do dhiù
’S a tha aig am maighstirean dhiùbh, 9510
Nach dùirig gréim a chur ’nam bial,
Nach fuiling am faicinn air an fheur,
A ghabhas seachad orr’ air cnoc
Cho suarach ’s a ni mis’ air broc.
Bu tric a chunnaic mi le m’shùil 9515
’S a bha mo chridhe goirt ’ga chionn,
Na daoine bochda ’g iarraidh dàil
Gun airgiod aca phàidheadh màl,
Am fulang ri toirt bhuapa stuic
Is bial nach dùiriginn dha’n mhuic, 9520
’S iad fhéin am fuireach bodhar balbh
B’e sud a’ chùis bhiodh leamsa searbh,
Gur léirsinneach dhomh fhéin an dòigh
’S am bheil na daoine saidhbhir beò,
Ach, och, mo chreach, bhiodh daoine truagh 9525
’S iad cus na b’fheàrr bhith cnàmh ’s an uaigh.
LUATH
An dà cha chreideadh tu gu bràth
Gu dé cho sòlasach ’s a thà
Na daoine bochda ruith an réis
A dh’aindeoin aicead agus éis. 9530
Tha’ ghorta ’n cumantas ’ga ruith
’S an diabhul umhal aca dhith,
Bidh ’m Freasdal a’ cur orra a ghnàth
Na chuireas seachad cosg an tràth,
’S ged bhiodh iad sàraichte le sgìos 9535
Tha sin ag àrdachadh am prìs,
Na treiseag a gheibh iad ’nan tàmh
Ri taobh an teine seasgair blàth,
Le’n grunnan beag de phàisdean òg
Ri’n cluich ’s an ceilearadh gun ghò, 9540
’S a màthair chaomhail tha ’nan ceann
A’ cur na ruaig air gruaim is greann.
’S e bhith ’gam faicinn miann a sùil,
An adhbhar ghàire ’s fàth an sùnnd,
A’ cur a mìlsead strì an làimh 9545
Gus teachd-an-tìr bhith cinnteach dhaibh.
Tha mór thoil-inntinn ann an stòp
Do mhac-na-brach’ bhith ac’ air bòrd,
’Gan toirt gu cridhealas gu grad,
Gu deanamh spuirt air cùisean staid. 9550
Bidh eadhon ainmeachas air cléir
A’ fadadh fearg gu garg ’nan cléibh.
’S bheil muinntir Lunnainn, eil fhiosam fhìn
A’ cur am bliadhna ’meud nan cìs.
Nuair thig an geamhradh ’s àm nan cleas 9555
Théid suipeir Shamhna dhèanamh deas,
Nuair chruinnicheas òigridh o gach ceàrn
A dhèanamh spòrsa còmh’ ri càch,
Bidh riobadh, priobadh, bìdeadh ann,
Bidh tapagan is gabhail rann, 9560
Ge b’fhad an oidhche, fuinn is ceòl,
Bidh ’n inntinn cuidhte ’s cuimhn’ air bròn.
Nuair thig an Nollaig ’s a’ Bhliadhna Ùr
Bidh botul mór air ceann a’ bhùird,
Bidh dorus dùint’ air gaoith a tuath 9565
’S bidh lasair dhearg á teine guail,
Bidh slige-chreachainn trang aig feum,
Bidh “Slàinte mhór” ann ’s “Sud ort fhéin,”
Bidh bocsa snaoisean ’s pìob thombac’
A’ dol mu’n cuairt o ghlac gu glac, 9570
An t-seann fheadhainn ri chéile còmhradh,
Bidh clann bheag a’ leum ’s a’ bòilich,
’S bhithinn fhéin le meud mo shùnnd
A’ comhartaich a-measg nan trùp.
Ach mar a thubhairt thu mar is tric 9575
Tha’n cleas a dh’ainmich thu ’ga chluich
Air daoine còire, crìonda, ceart
A th’air an spìonadh as an gart,
Aig ioma bàillidh agus maor
Tha’n coguis bàite air thàilleabh maoin, 9580
A’ dèanamh daoine mór dhiubh fhéin
’S na h-uachdarain an tìrean céin,
Air neo ma dh’fhaoidte cosg an tìm
Ri pàrlamaid air bheagan suim
Dha’n anam fhéin tha dol a bhàin 9585
Gus ìmpearachd a chur an àird.
CÈASAR
A laochain, ’s gòrach leam do chainnt,
Nach beag tha dh’eòlas ann ad cheann,
A’ smaointeachadh mu luchd an dreachd
Gur mórachd Bhreatainn tha ’nam beachd. 9590
Nam biodh tu air a ràdh gu dearbh
Am bith ’nam pioghaidean a’ falbh
Le“ ’Sè,” “chan è,” “chan eil” no “thà,”
D’a rèir ’s mar dh’iarrar orra ràdh,
Gun bheachd, gun bharail aca fhéin 9595
Air nithean sìorruidh tha fo’n ghréin,
Ach tighean cluichd is tighean ciùil
Is dol an ainfheich chun nan sùl,
Ma dh’fhaoidte leum a thoirt ’na dheann
A-null dha’n Fhraing ’s an caoch ’na cheann, 9600
A’ falbh á sin o bhad gu bad
Gun cosg e’n oighreachd ann air fad,
No cheart cho dòcha loma làn
A’ gleac ri fhaileas anns an Spàinnt,
No null ’na sgimilear dha’n Ròimh 9605
Fo stiùradh sgriosadair an t-slòigh
’S e dol mu’n cuairt mar bhoc air beinn,
An so an nochd ’s an sud an raoir,
A sin dha’n Ghearmailt no dha’n t-Suain,
’S e’n ion ’s bhith marbh le tinneas fuail, 9610
’Na chreutair truagh gun tuar, gun dreach,
Gu mórachd Bhreatainn! och, mo chreach,
Chan ann a laochain ach gu sgrios
Le’n drùis ’s le’n craos, gun fhaothchadh ris.
LUATH
Ach fhir mo chridhe eil thusa ag ràdh 9615
Gur ann mar so tha’n cuid a’ cnàmh,
’S a liuthad oighreachd bhriagha mhath
A’ flabh ’na h-iallan sìos le srath.
Cha b’ioghnadh mìothlachd a bhith òirnn
A’ cnàmh nam meuran thar nan dòrn, 9620
Gu pàidheadh chìsean air ar stall
Tha’m falbh mar sin mu dheireadh thall.
Nach garbh an caoch a tha ’nan ceann
Nach fuiricheadh iad ’s an tìr a th’ann,
’S bhith riaraichte le’n spuirtean fhéin 9625
Seach ruith gu cùirtean thìrean céin.
Tha fios nach biodh e fada ceàrr
Ach móran, móran bhith na b’fheàrr,
’S gum biodh a’ bhuannachd dhuinn air fad,
Dha’n tuath, dha’n uachdaran ’s dha’n staid, 9630
’S a dh’aindeoin chùisean, saoileam fhìn
Nach ann a th’annta daoine grinn,
Gun olc ’nan cridhe, neach fo’n ghréin,
Ach móran gòraiche dhaibh fhéin.
Nam biodh diol-déirce ann an càs, 9635
Fo ionchu bochdainne no bàis,
Gum foghnadh gabadh as a bhial
’S bhiodh sporan fosgailte gu fial,
Ach ìnns a nis dhomh dé do bheachd,
’S e saoghal sòlasach a th’aca, 9640
Cuidhteas cùram rè an réis,
Gun fhuachd, gun acras, airc no éis,
Cha chluinnear osan tigh’nn o’n com,
Le saothair ghoirt no cosnadh trom,
Gun bhiadh, gun annlann, gann fo’n crios: 9645
An duirt mi’n fhìrinn, ìnns dhomh nis?
CÈASAR
A thighearna, nam biodh tusa tacan,
Mìos no co’ -la-deug no seachdain,
Còmhla riumsa measg nan daoin’ ud,
’S beag dheth t’fharmad bhiodh ri h-aon dhiubh. 9650
Ceart gu leòr chan fhaigh iad tàir
Ri gaoth a tuath is cathadh làir,
Fo fhasdadh chàich ’s a’ mhadainn mhoich,
Air binnean àrd an sàs an cloich.
Gu dé, chan ionndrainnich iad mìr 9655
Gun bhuain, gun chur, air muir no tìr;
Ma théid gu muir gu tur ’nan tamh,
Cha làimhsich ròpa, seòl no ràmh,
Air tìr gur gann gun coisich ceum,
Bidh each an carbad falbh ’na leum. 9660
Gun uair do mhuinntearas mu’n ceann
Ach ceart cho saor ri gaoth nam beann;
Cho fuasgailteach ri mac an fhéidh
Air bearradh stùc ’s a shùil ’na dhéidh,
Gun chipein, gun teadhair, gun spearrach, 9665
Geamhradh no foghar no earrach,
Poc’ air deàrna ’m basan mìn,
No sloc a’ cnàmh fo shàil am buinn
Aig tarruing mheirgeach bhiorach gheur
A’ brogadh ann an ceann gach ceum, 9670
Chan fhairich drùdhadh air an com
Ri faoilteach fliuch fo earradh lom,
Chan fhàisg an léine tha mu’n druim
’S an iuchar shamhraidh trang an graoim,
Le boinne falluis dubh le sròin, 9675
Aig saothair ghoirt a’ cosnadh lòin.
Tha’m biadh ’s an aodach daonnan ann
Bho’m breith gu’m bàs gun chàil dheth gann,
Ach mar tha’n sluagh cho dall ’nan dol
A dh’aindeoin doimhneachd fòghlum sgoil, 9680
Iad sud ’nam breislich gun tigh’nn as
Le ullathruis nach ruigte leas.
Cha tug an t-anacothrom na’m bròn
No a’ bhuille chruaidh a-nuas a sròn,
Mar sin chan fhuiling iad rud ’sa bith 9685
Nach d’dh’fhiosraich riamh ceann shìos na meidh.
Cho fada seacharan air tùr
’S nach fhàg iad gliocas aig an stiùir,
Am falbh air fàlaire gun srian
’Nan ruith air tòir gach seòrsa miann, 9690
An coguis bàite, bodhar, balbh,
Tha tuigse ’s toinisg fad air falbh,
Tha sìochaint marbh, tha aimlisg beò,
Thug spiorad suairceis suas an deò,
Tha guth na geamnachd tur ’na tàmh, 9695
An stuaimeachd fhéin cha ghléidh i làmh,
Ach bàrr an stuic ’ga chluich aig craos,
A rìgh ’s do bhànrigh, phàm ’s do dh’aon.
Tha measarachd ’na culaidh spòrs
Aig drùis ’gam fuadach fad o’n chòrs, 9700
Tha fialachd fo iomain aig sannt
Dha’n gheuraich féinealachd an lann.
Tha crìosdalachd a’ dol á cleachdadh,
Blàth gach diadhachd crìon a’ seachdadh,
Irisleachd chan eil i ann, 9705
Ach pròis is uabhar suas ri crann,
A’ dùsgadh crosdachd chorrach chas,
Na mailghean crom a labhras bras,
A’ cumail iorghuill air a cois,
A dh’oidhche ’s là gun tàmh, gun fhois. 9710
Nach ionntach nàdurrachd na dòigh
A chuir cho ìosal mèinn an òir,
’S an t-sruthan bhùrn, na’n grùnnd nan sloc,
Fo pholl, fo bhriachd, fo chrè nan cnoc.
Ged ’s mór an luach seach aon dhiubh fhéin 9715
Iad uile air uachdar suas ri gréin,
Co-ionnan ’s mar tha móran sluaigh
’S a h-uile ceàrn mu’n gàir an cuan,
A’ fuiligsinn ainneart, eucair, tàir
Fo’n sgiom a dh’éirich air am bàrr, 9720
Mar chì thu crainnseag air a’ phrais
’Ga sgeith a-nuas bho’n luaidhe ghlais
A chroch iad fhéin orra mar sliath
A’ deoghal bhuapa duais a gnìomh,
’S ge crìonach mosganach an craobh 9725
A’ meas gur suarach tuath ri’n taobh,
B’e ’m facal fìrinneach gun mheang
Nach fhidir an sàthach an seang,
’S iad eadar-dhealaichte ’s gach ball,
Mar mhin o’n chàth, mar ghràin o’n mholl, 9730
A cheart cho fad ’s tha’n deas o’n tuath
Na’n ear o’n iar na shìos o shuas,
’Nan caitheamh beatha, smaoin is miann,
Is bidh gu bràth is bhà o chian.
An treabhaiche th’air cùl a’ chroinn, 9735
Nuair bhios e deas a thionndadh fuinn,
Bidh fois aig inntinn gus am fàs
Na dh’earb e shìol ri Dia nan gràs.
A bhean, tha calanas nan clò,
Nuair chìr ’s a chàrd ’s a shnìomh i chlòimh, 9740
’S a phaisg i seachad gnìomh a làmh
Tha tùrn dhi cosnadh fois is tàmh.
Ach fir is mnathan uaisle, thud!
’S e saoghal truagh a th’aca sud,
Tha crùib na leisg orra gun fhalbh 9745
Dhiubh fhéin ’s do chàch am fàs cho searbh,
Bidh stàrachd orra sìos is suas
’Gan cinniceadh fhéin ’s a’ dol mu’n cuairt,
Gun nithean ceàrr ’s ’na dheaghaidh sin
Bidh luasgan grannd air càil gach gin. 9750
Ma théid iad sud gu cuirm no greadhn’
Tha’n “obalodhaidh” air a bonn,
’S do ghriodalaich ri chur air dòigh,
Gum b’fheàrr dhut a bhith ’n “Tigh-Iain-Ghròt.”
Na fir a’ connsachadh ’s a’ strì 9755
Mu thimchioll bhòrd ri bòsd gun bhrìgh,
’S ag òl ’s a’ truailleadh fad na h-oidhch’;
Bidh là’r- na-mhàireach cràdh ’gan claoidh.
Na mnathan òga ’s iad cho réidh
A’ falbh air achlasan a chéile, 9760
Ach éisd ri’n cùl-chain thall ’s a bhos,
Gum faigh thu’n cliù o’n crùn gu’n cois,
’S gach naidheachd shuarach a théid ìnnseadh
Gob an cluais ’s an cuala sìbhse,
Dh’éirich so dha’n té bha sud, 9765
Na leig ort dad, na abair smid;
No sealltainn dhealbhanan dha chéile
Chuireadh nàire air ceàrd nam féilleadh.
Cluichd na ceilg’ mu chur nan geall,
Thig mise ’m bàrr ’s bidh càch sa’ chall, 9770
A cheart cho carach, clichdeach bradach,
Cam ri ceann thug croich o’n ghadachd,
Sgarta o chàch ma dhà ’s a’ chiad
’S tha’n còrr mar thuirt mi ’s dùin do bhial.
Bha nis a’ ghrian á fianuis shùl, 9775
Bha’n oidhche dhubh a’ tarruing dlùth,
Bha ceàrr-dubhain le srann gach taobh,
Bha’n crodh a’ geumnaich ris na laoigh,
Nuair dh’éirich iad le taing dha’n t-sealbh
Gur coin ’s nach daoine bh’annta, ’s dh’fhalbh 9780
Gach fear gu thigh am beachd ’nan dithist
Coinneamh eile bhith aca rithist.
title | LXXXIII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |