[339]

LXXXIV LOCH NAN GEÀRR

A-mach ler cuid chòmhnard,
Leur gàraidhean ròsan,
Far an àill le luchd-sòghalachd 9785
Còmhnuidh is tàmh;
Thoir dhòmhsa na sléibhtean
Dhan còmhdach achléiteag,
Chuir saorsa dhi fhéin iad
An éideadh a gràidh. 9790
O, Albainn gur miann leam
Do gharbhlaichean fiadhaich,
Ged is gailbheach, neo-thìorail,
Tha siantan mum bàrr;
Gun fhois leams an ìosal, 9795
Ach goirteasnam inntinn
Ri osnaich bhon chuidhtich mi
Glinn Loch nan Geàrr.

Le cas-cheum na h-òige
Gum bait leam do mhòinteach 9800
Be am breacan mo chleòca,
Gam chòmhdach gu làr;
S be ùidh mo mhac-meanmna
Na diùnlaich a dhfhalbh bhuainn,
Bha cliùiteachnan aimsir 9805
An seanchas nam bàrd.
Chan iarrainn bho dchéilidh
Gus sìoladh na gréine,
Gus an lìonadh le reultan
Na speuran gu h-àrd; 9810
S bhiodh maigne air a biathadh
Le eachdraidh na thriall bhuainn
Aig seanachaidhean liath-cheannach
Sliabh Loch nan Geàrr.


[340]

Ar leam gun tig glaodh rium 9815
A osna na gaoithe,
Mar bhuaidh-ghairm nan daoine,
Bu chaomh leo bhith ann;
Mar ghàirdeachas anma
Nan àrmunn a dhfhalbh bhuainn, 9820
Amarcachd nan stoirmeadh
Air garbhlach nam beann.
Mun cuairt Loch nan Geàrr
Nuair is àirdbhios am bùirean
Bhios sneachdga sgiùrsadh 9825
A dhionnsaigh an làir;
Bidh taibhsean mo shinnsear
Nach ddhìobair am biùthas
Feadh neòil dhubhna dùldachd
Os cionn Loch nan Geàrr. 9830

Na ar n-éirigh gun sealbh,
S bochd an targradh nach dfhuair sibh
Thoirt sanaisna uair
Nach robh buaidh dhuibh an dàn;
Ar binn gun robh leagta, 9835
Thug Freasdal mun cuairt e,
Nach coisneadh ar cruadal
Ach suaimhneas abhàis.
Gur sòlas dhar cnàmhan
Na an làraichean ùdlaidh 9840
Bhith cnàmh anns an ùir
Annsm bu dùthchas dhaibh tàmh,
S tha cuimhnair ar gaisge
Ann an eachdraidh nan lìnntean,
S an caismeachd nam pìoban 9845
Feadh glinn Loch nan Geàrr.

Tha bliadhna no dhà
Bhon dhfhàg mi do chùrsa,
Théid àireamh gu mchùl dhiubh
Mun tionndaidh mi nall; 9850
Nàdur cha dbhàirig ort


[341]

Blàthan no flùran,
Achs àillidhe leamsthu
Na Dùthaich nan Gall.
A réidh Shasuinn uaine 9855
Gur suarach do bhruthaichean,
Maol le fear-siubhal
A chunnaic na bfheàrr;
Mo ghràdh-sair na fiadh-chreagan,
Fiaclacha dubha9860
A tha fiasag mum busan
Air sgùrr Loch nan Geàrr.

titleLXXXIV
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page