[28]

IX DUAN NA H-ÀIRIGH

No Aoir nan Rodan

A Rìgh na Cathrach is na Glòrach
Beannaich Thusa dhòmhsa an tùrlach
Far am bi mi treis atàmhachd 660
Gus an dean mi àite sùmhail.
Beannaich an taobhn ear is an iar dheth,
Beannaich a bhialaibh is a chùlaibh;
Beannaich gu h-ìosal is gu h-àrd e,
Cum a ghnàth fo bheachd Do shùl e. 665
Beannaich gach spitheag dhen bhalla,
Nuas bhon annainn chun an ùrlair;
Beannaich an tughadh is na sgrathan
Is na cabair a thagan giùlan.
Beannaich an taobh stigh is a-muigh dheth, 670
S miga ghuidhe Ortnam ùrnuigh;
Dleasdanas nach còir a dhearmad
Moch is anmoch air ar glùinean.
Beannaich an taobh deas is tuath dheth,
S na leig fuath a thighinn gam ionnsaigh, 675
S nuair a thig an stoirms na siantan
Cum gu dìonach os mo chionn e;
Ged a shéideadh i bhon earra-dheas
Gusm biodh fairge ghorm abùirich,
Na leig crosgag oirnn a failmse 680
Bhristeas sgealb no ghluaiseas lùb air.
Beannaich an teine is aphoit
S achromag air an croch mim bùilleasg,
S am bocsa tha ri taobh na grìosaich
A thug mi nuas bho bhial an tiùrra. 685
Beannaich an phoca chaoran


[29]

S an t-sopag fhraoich is gum bu lùigeach
Migan tarruing air mo dhronnaig
Á Gleann Chill-Donnain le sùgan.
Beannaich mo bhothan gu h-iomlan 690
S masa h-iomchuidh Leat e cum i
Gun diar tighinn fodha no fraighnigh.
Lìon mi fhìn na toill cho dùinte,
S dhfhosgail mi luidhear ri speur air,
S guidheam Ort gun éirich smùid as, 695
Oir an uair bhios mise leughadh
Nach bi an toit cho geur ri mshùilean;
S cuir plàigh a sgriosas na rodain
Mun tig toiseach na BliadhnÙire
Bhon tha iad cho pailt atàmh ann, 700
S gun deach an àireamh thar chunntais.
Thàinig iad a-nall bhon Ròdha,
S rinn iad còsan feadh na h-ùrach;
Chan eil toll nach fhaic mi sròn ann,
S cha do dhfhògair cat no iad. 705
Nuair a thàinig misa thàmh ann
Fhuair iad fàileadh gun robh flùr ann;
Chruinnich iad a dhionnsaigh na h-àirigh,
S cha be an t-àgh thug ann an tùs iad.
Thàinig iad gach sean is òg dhiubh 710
Dhe gach seòrsa bhas an dùthaich,
Beag is mór is garbh is caol
A mhic an t-saoghail! ’s ann than trùp dhiubh.
Nuair a shìneas mis an leabaidh,
S a chuireas mi as an crùisgean, 715
Sin nuair a thòisicheas àsan
Air an stàrachds air an rùilleach.
Chan eil bocsa, glas, no deubhann
Leis an gléidh mi no siùcar
Gu ruige is am poca buntàta. 720
Leig iad sràbh dheth feadh an ùrlair,
Ged a chroch mi ris an spàrr e
An dùil sàbhalainn co-dhiùbh e.
Fhuair e dìreadh ris an ròpa,


[30]

S rinn e òirnean dheth le chùlaig; 725
Fear asgiamhail, fear abìgil,
Fear asgrìobadh ann an cùil ann,
S cha tig lochdadh air mo shùilean.
Chaidh fear am bocsa na pìoba,
S dhfhàg e i dìreach gun bhiùgan; 730
Tholl e air amhach amhàlaidh,
S cha toir min diugh ràn air siùnnsar.
Ach nam faighinn-sa mo làmh air,
S mi gum fàgadh ena smùrach;
Leam bu mhiann a bhithga bhualadh 735
Thar mo ghuailleadh leis an t-sùistidh;
Ach ma bhios mi fada maireann
Their mi bearradh air na trùillich;
Càiridh mi litir dhan Òban
Agus òrdan chun an Dùghllaich, 740
Feuch am forfhaisich e neas dhomh
Is ma théid ise chur gam ionnsaigh
Rachadh i tromh tholl na tora,
“ ’S éirich orra, nis, is na cùn iad!”
Ma gheibh achaigeann ud sgaoileadh 745
S adhbhar smaointichidh achùis e.
Togaidh gach paidhear dhiubh gad ann
S cha bhi iad fada mu chùlaibh;
Mar a tha an treamh ud cho lìonmhor
Cha toir iad ach mìos air ghiùlan, 750
S ithidh iad mun ruith am bliadhna
A h-uile dias a thanns an dùthaich.

titleIX
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page