[22]

II EACHDRAIDH AGUS MAC-MEANMNA

3. An Clachan a Bha Ann

Bha clachan ann, is tha e ann fhathast, ged nach ionann tuar dha an diugh, is chan eil bruadar a thig chugam anns an oidhche nach e as ceann-uidhe dhomh. Thug manaich na h-I deisearachd grèine is cùlachas gaoithe dha, chuir na Lochlannaich ainm, no co-dhiù ath-ainm, air, agus riùsan leis am bàill a lorgachadh theirinn gu bheil e ri bonn na beinne is ri taobh na mara, is gum bu chomraich riamh a chaladh do luingis aChuain Shiar. Is sgeul-rùin an còrr mur innis na ròin no na lachain e.

Tha craobh-dharaich air grianan os cionn achlachain (mas fìor na theirear, bha i seach a fàs fada mus deachaidh buarach air Buachailleachd nan Eilean) is bu nòs do chloinn abhaile, an àm a duilleachaidh, latha thoirt air a duanadh, is air sgeul roimh-mhithich a sgrùdadh uaipe.

A chraobh-dharaich eunach aosach,
Dean-sa tfhaosaid mar bu mhithich,
An diugh, an uraidh, chuile latha, chuile h-oidhche,
Soillsis doillse,
S a chraobh-dharaich eunach aosach,
Cagar beag is sgeul am chluais:
Fìth, fàth, fatham, fios an fhithich!

Mas ann no nach ann on chraoibh-dharaich an sgeul, no o sheanairean abhaile, no o bhruadar na h-ionndrainn, tha an clachan mar a bha o chian ag itheadh is ag òl, agleachd is ag obair, acanntaireachd is atuireadh, an iomadh cridhe an diughtheagamh gu bheil is an clachan mar a bhitheas e fhathast. Chan eil uair a dhùnas mi fèin mo dhà shùil, is mi am aonar anns an oidhche, nach eil, mar gum beadh, loch fìor-ghlan, air nach ruig gaoth, asgaoileadh a-mach fa mo chomhair, is anns an uisge chì mi faileas achlachain o thùseachdraidh gus an


[23]

an diugh, is e sìor-chaochladh o linn gu linn. Chì mi ceall air tolman os cionn achladaich, canntail nam manach is gàir na mara ag iarraidh suas le chèile gus na neòil, fir is mnathan agreasad a-mach à bothanan sgratha a dhèisdeachd ris acho-sheirm bhinn. Chì mi na longa Lochlannach anns achaladh, an clachanna smùidna tha beò de luchd na Gàidhlige gam falach fèin air feadh chreag is chnoc, is mhanach ag èaladh a-mach à uaimh, a mhallachadh nan coimheach an diugh, a sheinn an tuiridh am màireach.

Fàth mo leòin, fàth do bhròin,
Thu bhith gun cheòls do chaidreabh an glòir,
S do riaghailt air challs do steòrnadh,
Is luaineach cadal do rèilig an nochd,
Is fuarraidh luchd do cheallan an nochd,
Achs buidhe don mharbh seach don bheò an nochd,
O, ’s buidhe don mharbh seach don bheò an nochd.

Chì mi teine nan Lochlannach adol às, ceò na beinne ateàrnadh car tamaill air an loch is air an fhaileas; ’na dhèidh sin an ceò atogail, an clachan tighinn am fradharc a-rithist, trusgan nuadh air; fir abhaile air cnoc na comhairle ag èisdeachd ris abhritheamh is e rèiteachadh cùisean na dùthcha, na mnathan shìos air achòmhnard acuigealadh is abràthadh, òran gach do Bhuachaille nan Eilean.

Càit a bheil a h-aon riut cosmhail,
O nach maireann Fionn no Oisean,
Diarmad Donn no Mac Rìgh Lochlann!

Chì mi an sin caochladh tuair air achlachanan sluagh air chrith, an dara uair le h-eagal, an uair eile le mire-chatha; na fineachan Gàidhealach an sgòrnanan a chèile, gach oiteag ghaoithe agiùlan fathainn ùirna gob; ceatharn smearail de lasgairean afàgail na laimrige am beul an , prasgan fann de chreuchdaich atilleadh am beul na h-oidhche, siùil acrach an crochadh o mheadhan achroinn, an stiùradair ag iarraidh phort, mnathannan seasamh air achladach acaoidh nan gaolach nach till.


[24]

Tha linn is linn adol seachad, is chì mi an clachan aon uair eile air mhire is air bhoile, mar gum biodh sgeul aoibhinn ùr air tighinn don bhailemac-alla shuas is mac-fola shìos afreagairt a chèile le

ri liuthaill o-ho,
a sheinneas an fhìdeag airgid,
Mac mo rìgh air tighinn a dhAlba!
ri liuthaill ò.

Is iomadh tuar eile a chì mi air achlachan le mo shùilean dùinte, ach is e as fheàrr leam buileach a bhith meamhrachadh air beatha-làitheil an t-sluaigh, mar dhaithriseadh i o bheul gu beul is o linn gu linn gus an dràinig an sgeul mise. Bha nithean ann, is tha iad air neadachadh am chridhe air a leithid de dhòigh is gu faod mi a ràdh le fìrinn gu bheil mi gam faicinn leis an t-sùil a chunnaic, is gan cluinntinn leis achluais a dhèisd.

Oidhche is mi tighinn dachaigh às achèilidh, faicear solas an taigh am bainneamh solas anmoch fhaicinn, is an earalas dad a bhith ceàrr, deanar dìreach air an doras. Anns acheart uair thàinig a baithne dhomh a-machseann bhean-ghlùin a bha cho làn ghiseag is ubag is ortha is a ta faochag an deagh chladaich de bhiadhis bha fios gun fhaighneachd agam ciod an gnothach a bheireadh a-mach às a taigh fèin i mu mheadhan oidhche.

Tha thu aige,” ars ise, ged nach dfhosgail mi mo bheul. “Fhuaradh leanabh-gille an seo an nochd, fo ghealaich an fhàis, is bha mi ag èaladh a-mach a chur beachd air an t-seòl-mhara, ach is ann a ta gille air tighinn gu nic-leisg! An cuan, an cuan, a laochain, ciod a manadh?”

Tha an lìonadh oirre anns acheart àm,” arsa mi fèin, “is cha naidheachd duit, is do bhothan am bràigh achladaich, gum bi reabhairt nan eunna h-àirde an earar.”

Buaidh is beannachd an deagh sgeòil ort, fhir a thàinig

Rugadh Calum-cille mo ghràidh
Ri cuan an lìonaidh, ri gealach an fhàis,
S be an t-àilleagan e fèin.


[25]

Thèid thu nis, is tu èasgaidh òg, gu Tobar Chalum-chille, an tobar a bhlaiseas an t-eun mus èirich aghrian, is an ainm na Trianaid togaidh tu làn na cuaiche seo den bhùrn, is thèid thu an sin gus agheodha as fhaisge dhuit, is cuiridh tu, an ainm na Trianaid mar an ceudna, trì boinnean sàil anns abhùrn, is tillidh tu chugamsa gu grad.”

Ma bha no nach robh màirnealachd am thuras, bha abhean-ghlùin gam fheitheamh anns an stairsich, is cha bu luaithe thug mi dhi achuach na bheannaich i am bùrn an ainm na Trianaid, an ainm Mhìcheil is Chliamain, is cuirear trì boisleagan deth air ceann an leinibh.

Uisgan easain air do dhos,
Cha laigh rosad ort a chaoidh,
Cha bhàth uisgno sàile thu,
S cha mhò phràmhas tu air luim.

Is far-ainm,” ars ise, “ainm an leinibh gus am baistear egus a sin is e as ainm da Maol-Dòmhnaichis theagamh gun caimich an t-ainm naomh, mar ris an t-snàthad a chuir mina lèinidh, mo ghaolan beag o gheasa dhaoi is o chleasa shìdhich.”

Leis a seo, dhfhaitich i air falbh mi, ach mus do chrom mi gus an ùtraid, rug a crònan (mo chrònan fèin, Boisligeadh Brìghde!) air mo chluais, is tha e gus an tràth-sa aseinn am chridhe.

Brìghde gad liuthail, gad ionnlaid
Mar liuthail, mar dhionnlaid i Crìosda,
Le silteach à fuaran Rìgh Dàibhidh,
Is fionnarachd aingleanna fhìor-uisg.

Muire bhith caithris an uanain,
Ga sheunadh o bhruailleans o bhàinidh,
Gu sìor-bhinn gu suanach ga shìobadh
Mar shìob i, mar dhuain i an t-Ard-Rìgh.

A Rìgh na giles na glòire,
A ghineil na h-Oighe fèile,
O dìon is caidir is bràthraich
A-niss gu -bhràth an eudail.


[26]

Chan urrainn domh a ràdh le cinnt, ach an uair a sguir an crònan, ar leam gun cuala mi osna às mo dhèidh: “Tha coite bheag adol gu muir an nochdatach mo chridhe gun toir i mach an caladh sin bu mhiann leathaach, O, a Rìgh nan Dùl, tha achoite beag is an doimhne mòr!”

Anns achlachan cha robh ach smuain chlis eadar breith agus bàs. Breith is bàslèineag is lèine. Thigeadh bàta steach gu caladh is coigreach oirre; gus an nochdadh e a ghnè air an iolaidh is anns achèilidh, cha bfhios duinn co-dhiù bhiomaid subhach e dhfhalbh. Thigeadh leanabh a-steach don t-saoghal, is chan innseadh gealach no seòl-mara le cinnt co-dhiù is e fealla-bhròn no fìor-bhròn a dheanadh an cumha sheinn os cionneislinne. Is cha tàinigBoisligeadh Brìghderiamh gu mo chuimhne gun chrònan-bàis a thoirtna lùib.

Bha an clachan, mar ris aGhàidhealtachd gu lèir, fo bhoile is fo bhuaireas. Bha am Prionnsana dhiol-dèirce anns an Fhraing, is achuid sin de a dhaoine nach robh anns an uaigh no air chèin bha iad fo choill air feadh nam beann. Ach chan fhòghnadh sin le Sasann. Thubhairt na daoine glice shìos an Lunnainn: “Cuiridh sinn briogaisean air na Gàidheil, is bheir sinn uapa gach claidheamh is gach musgaid, is fàsaidh na fir alltha an sin cho soitheamh ciùin ris na h-uain!” Thàinig prasgan shaighdear don chlachan a chur an lagha ùir an sàs, is air ghaol an t-sluaigh is air ghràin an allabain, ma bfhìor an cainnt, cha robh cabhag falbh orrais theagamh nach robh fhios aca gu robh ena ghnàth-fhacal againne riamh on thàinig iad, “Thoir a-steach an is cuir a-mach an Sasannach!” Ach is e brìgh mo sgeòil gun tàinig bàs sgiorragach air iar-cheannard na rèisimeide; chaidh e le creig anns acheò, is e an tòir air ulaidh a shaoil leis a bhith folaichte am fròig beinne. Chuala an ceannard gum be nòs na dùthcha a bhith seinn tuiridh os cionn amhairbh, is a thatadh an t-sluaigh chuir e fios air mnatha-tuiridh abhailean triùir àbhaisteachthighinn a sheinn an tuiridh os cionn na h-eislinne. Thàinig na mnatha-tuiridh gu mìn modhail, sheinn iad gu ciùin cràbhach, is ma bha an crònan corr uair tùchanach, a choire sin do bhròn nam ban is iad afras-shileadh nan deur!


[27]

Hòbhan, hòbhan, dhfhalbh an Sasannach,
Hòbhan, hòbhan, dhfhalbh e nunn,
Gum bu tig an t-aon thilleas e,
Hithillean ò, on dhfhalbh e nunn.
Hòbhan ò, is dearg a chòta,
S e air a chòmhdach le teine nach mùch,
Hòbhan ò, on dhfhalbh e nunn.
Hithillean ithillean, sinne bhiodh aighearach,
Sinne bhiodh cuireideach, sinne bhiodh caithreamach
Hithillean ò, nam falbhadh càch!

Tha e coltach gun do thaitinn an chuid ris acheannardna deòir a thuig, ma thuig!, is na dubh-fhacail nach do thuigco-dhiù, thug e bonn airgid an do na mnathan.

Dia thoirt maitheanais dhuinn!” ars a h-aon den triùir, is iad adeanamh air ceann thall abhaile, “cha be seo oidhche na fochaide, is fear ar gaoil anns an teugmhail!”

Ceum ann,” ars an dara , “is leòr faidead an rathaid gun mhoillead a churna ceannbhiodh gonadh orm gu mo bhàis, nam falbhadh fear ar gaoil gun an tàladhna chluais isna chridhe.” “Bann oirnne an call, is cha bann air-san,” ars an treas ; “tha beannachd nam bochdna tàladh isna cluasaig dhàsan.”

An ùine nas giorra na mo sheanachas bha an triùir bhan aig bonn abhruthaich a bha dìreadh gu Taigh-mòr achlachain.

Sealladh an àigh!” ars an bu ghèire sùil, “tha an doras dùintetha an anail fhathast anns acholainn.”

Ruigear shuas, rachar a-steach gu bog balbh, seasar ri taobh na leapa, togar achanntail:

Thu dol dhachaigh an nochd don t-sìor thaigh-geamhraidh,
don t-sìor thaigh-foghair is earraich is samhraidh,
Thu dol dhachaigh an nochd air seirm nan canntair.
Geal-ainglean gad fheitheamh air bruaich na h-aibhne
Dia an t-Athairna do shuain,
Iosa Crìosdana do shuain,
Dia an Spioradna do shuain,
Is caidil gu ciùin, caidil gu ciùin, caidil gu ciùin.


[28]

Dhùnadh an shùil, dhfhosgladh an doras, ghabh an anail lorg nan athraichean gu cuan is gu taobh thall na fàire.

Falbham,” arsa bean-tuiridh, “is an ainm na Trianaid fuineam bonnach is beannachd a chumas clì ann air an uidhe.”

Falbham mar riut,” ars an dara , “is deasaicheam lòchran a shoillsicheas a cheum.”

Beiream-sa,” ars an treas , “na trì buinn airgid a chum aghobhann, is deanadh e iuchair leo a dhfhosglas doras Fhlaitheanais do fhear ar gaoilach och nan och èire! mo lèireadh e bhith uainn.”

Làithean an àigh! Cràbhadh is saobh-chràbhadh air an aon ghleus, acaoineadh is ag aslaich leis an aon teangaidh. An àirde na grèine chìtear faileas nan neul air leitir na beinneach mhiannaicheadh speur anns nach faicte idir neòil!

Chan eil àite an trice am bi mi, no an trice an robh mi, na anns aghoirtean-fhogharaidh is anns an àirigh. Bha tighinn-beò achlachain riamh anns aghoirtean is anns an àirigh. Bannas an t-sidheann is bannlan an t-iasg; bu mhaith achobhair ach bu bhochd an sabhal iad; be ar teachd-an tìr, mar dhinnseas an t-ainm, eòrna gu bonnach is feur gu bainne. Is bfheàrr corran no cuman na clàrsach gu sean is òg a chur gu seinn is gu cridhealas. Is iomadh hòro-gheallaidh a chunnaic mi fèin anns aghoirteanged nach do thachair dhomh a bhith ann an a thàinig aGhruagach

S a rug ina làimh air achorran,
S a lìon i le sonas an sguab.

Ach bha fear eile ann an latha sin, is a chionn gum bu bhàrd e, sheinn e an a chunnaic is a chuala e.

Chaidh i don òr-lios troimhn chruithneachd,
Far an robh na cruinneagan cruinn,
Cuid bha dhiubh ri gabhail òrain,
Iad mar chòmhlan togail an fhuinn;
Amhuinntir bha ceangal nam bannan
Ag èigheach E ho bha - “Nach inntinneach deanamh an arain,
An cluinn thun caithream ud, Iain Oig!”


[29]

Ach be mo roghainn fèin seach gach àite an àirigh, taobh thall na beinne os cionn achlachain. Chan eil innte an diugh ach taibhsean, ach chunnaic mo dhà shùil na ceart taibhsean sin air an còmhdach le fuil is le feòil. Nan robh coigreach air fhaighneachd diom anns na làithean sin ciod an seòrsa sluaigh a bha fuireach anns achlachan, theirinn ris, “Tiugainn mar rium don àirigh, is nochdaidh mi sgàthan duit am faic thu cridhe is aigne an t-sluaigh.” Innsidh feadhainn eile cuin is carson a bha an àirigh ann, an seòrsa cruidh, an seòrsa bhothan, a bhiodh oirre, an seòrsa culaidh a bhiodh air na maighdeannan; ach innseam-sa, air ghiorrad an sgeòil, gnè na muinntir a thriall o bhaile gu beinn Buidhe Bealltainn, is innseam e le an teangaidh fèin.

Oidhche is gealach an fhàis ann, chunnaic mi cridheag bhòidheach òg adol gu seann tobhta, is acur cuailein bhuidhe de a falt ann an toll anns abhalla, cho àrd is a ruigeadh a làmhis ars ise:

Mar dhfhàsas aghealach gu fàs,
Gus an ruig mo cheann cho àrd
Is a ràinig mo làmh an nochd.

Anns an fhacal, chaidh aghealach fodhano, co-dhiù, chaidh i am folach.

Is chualas osna san àirigh:
Cuiridh làmh bheag ghòrach na h-òige
An cuailean buidhe nas àirde
Nan dàn e gu ruigeadh an t-òr-chiabh
Is och nan och, mo chràdh!
Bidh gealach afàss acnàmh.

Oidhche eile chunnaic mi de mhaighdeannan na h-àirigh adol gu Tobar Chalum-chille a dhfhaotainn sgeòil air fear a gaoil o bhricean a bha cho còir ri manach is cho teòma ri draoidh.


[30]

A bhricein, a bhalaich bhig bhòidhich,
Càit a bheil òigear mo ghaoil?
Bheil e an Albainn non Eirinn?
No an cùl na grèinena shuain?
A bhricein, a bhalaich bhig bhòidhich,
Bheil Mac na h-Oighe le mghaol?
S am faod mi mo ghearan nis fhàgail
San tobar nach tràigh a chaoidh?

Chuala mi, is cha be aon uair, bantrach agabhail tàlaidh da h-aon bhoin, is anns an tàladh sin bha cràbhachd is aoighealachd is teòdhalachd mo shluaigh aseinn. “Achiad sileadh do Chalum-cille mo ghaoil; an dara sileadh don choigreach is don dìlleachdan mhaoth; an treas sileadh do mo chagaran gràidh.”

Sil a bhòan, sil a bhòan,
Bainne nan neòineans nan sòbhrach,
O sil gu h-uasal còbhrach don choigreach,
S don dìlleachdan mhaoth.

Chunnaic is chuala mi iomadh eile anns an àirigh a bha taitneach no -thaitneach a-rèir achuir a bhiodh anns an adhairc. Is cuimhne leam madainn an do chlisgeadh às ar cadal sinn le geumnaich nan laogh, is bha fios is cinnt againn, gun dol na bfhaide, gu robh Mac Iain Ghiorr à Minge air cheatharnas, is gu robh chuile a bfheàrr na chèile anns abhuaile air a togail, Ciarag is Duinneag is Blàrag, agus mus ruigeamaid-ne an cladach, nan ruigeamaid e, gum biodh esan acur an Rubha Mhòir. Is cuimhne leam cuideachd an adharc a bhith cromadh an taobh-sa. An ciaradh an fheasgair chaidh an sanas air feadh na ceathairnegum bi an oidhche an oidhche, nam biad na fir na fir” — agus an ath mhadainn bha crodh abhaile is crodhabhaile ud thallagleachd ri chèile anns an àirigh! Ach air a shon sin, cha bu chreachadairean idir sinn. Cha tàinig riamh troimh Allt-na-crìche nach burrainn duinn a ràdh le fìrinn, “Sin nighean no ogha no iar-ogha a rugadh is a thogadh anns acheart àirigh seo.” Is ma thàinig an iasad corr uair dhachaigh le faite-gàire, bu leis an Eaglais, no -dhiù leis aChlèireach, trian den ghàire!


[31]

Chan fhaod mi bhith leth-bhreitheach am sgeul. Ma bha sonas is subhailc anns an àirigh, bha donas is dubhailc innte cuideachd; ach gu cinnteach bann de chaise is de dhèine an t-sluaigh na droch bheusan. Bha eun ann roimhe seo is be an sgeul air gu robhBraise na h-iolaire an taise na h-eala” — be an t-eun sin dearbh-shamhailt aGhàidheil. Oidhche bha mi muigh anmoch, grathann beag mus do thòisich an ath-thriall o bheinn gu baile, faicear air an tàinig seachran-gaoilna suidhe air tom, is i seinn òrain-bhoile a chuireadh tiomadh air cridhe cloiche.

Thug thu sear diom is thug thu siar diom,
Thug thu ghealach is thug thu ghrian diom,
Thug thun cridhe a bhanam chliabh diom,
Cha mhòr, a ghaoil ghil, nach tugs mo Dhia diom.

An ceann treise chaidh i sìos gu sloc dubh, air nach ruigeadh reult, is tòisichear air achorpan-chrèadha a dheilbh, acur nam bior ann oir ri oir. An uair a bha an deilbh a-rèir a miann, thug i nìos dubh-mhallachdan à fròig shnàgaich an ìochdar a cridhe: “Is e an corpan-crèadha seo fuil is feòil is fèith, smuais is cnàimh is craiceann, na a chuir a sùil am ghaol-sa; mar chrìonas, mar sgreagas, an crèadh, gun crìon, gun sgreag, ise; is bitheadh gach aon bhiorna sheachd nimhidh, ga biorgadh, ga siachadh, ga h-iongradh gus an gràin a gnùis do choimhleabach is do dhàimhich!” Shìolaidh an guth às, leig cailleach-oidhche a bha siubhal seachad glaodh aognaidh aisde, ghiùlain oiseag ghaoithe ospag a ghàir na mara, chrom mi fèin gus an àirighach ar leam gun cuala mi osna mnatha às mo dhèidh: “A Thì Mhòir nan Gràs! Fòir air mnaoi leis am bfheàrr gaol na fuath, nam bfheàrr le gaol i.”

Achuid sin nach do thuig mi de ghnè is de bheus an t-sluaigh, is mi leis achlachan air àirigh, thuig mi is mi leis achlachan air chèilidh. Chì mi fhathast fa chomhair mo shùl an taigh am biomaid acruinneachadhan teine an teis-mheadhan an ùrlair, gainmhneach gheal air a sadail air gach spàrr is air gach cabar a chumail na snighe o thuiteam, na mnathan acuigealadh, na fir atoinneadh sùgain is asnìomh sìomain, giollan afrithealadh an teine, giollan eile afrithealadh achrùisgein. Is iomadh cèilidh mhòr a shuidh is a dhèisd, a sheinn is a dhaithris, anns


[32]

acheart taigh sin; is, ma bha cèilidh àbhaisteach achlachain maith, is bha i sin, chan ailis oirre ràdh gum bfheabhas cèilidh na h-an-uaire, tràth bheireadh an oidhche is gaoth nan coimheach luingis nan eilean a-steach do ar caladh. Is ciod an seòrsa mòid a bhiodh againn? Innseadh seachd riaghailtean na cèilidh sin.

(1) Is rìgh fear-an-taigh.
(2) Chan eil claon anns amhodh.
(3) Is mothaid rud aithris.
(4) Seanfhacal o chùil na mòna, tòimhseagan on t-slige-chrùisgein.
(5) Mìn-innseadh nan uirsgeul gu meadhan-oidhchegarbh-innseadh nan uirsgeul gu gairm-choilich.
(6) Sgeul air an sgeul, is òran air an òran, is deiseal air gach .
(7) Achiad sgeul air fear-an-taighe, is gach sgeul gu air an aoigh.

**********

Theagamh gur ann an sgàthan-sgeòil, no am bruadar na h-ionndrainn, no troimh ghuirme na beinne a ta fad air falbh, a ta sinn afaicinn achlachain a bha ann, is nach robh e idir cho sona no cho sealbhach no cho subhailceach is a thathas ag ràdh. Theagamh nach robh, ach, co-dhiù, faodar a ràdh le fìrinn gum bu bhochd an clachan a bha ann, mur robh e an iomadh dòigh na bu taitniche na an clachan a ta ann. Bha beum-sgèithe gu tric ga bhualadh anns achlachan a bha ann; cha chluinnear an diugh ach mèilich uan, mar gum beadhis thèid luchd na Gàidhlige gu Dun-Eideann, no eadhon gu Lunnainn, le am bonaidnan dòrn, a dhiarraidh cead an cànain fèin a theagasgnan dùthaich fèin! Cha robh ach seòrsa de cheistear Gàidhlig acumail sgoile ris achlachan am Bliadhna Theàrlaich; tha sgoil mhòr bhrèagh ann an diughis tha an sluagh abruidhinn cànain nach leugh iad, is aleughadh cànain nach dfhuair grèim fhathast air an cridhe! Chan fhaicteadh ach taighean-dubha anns achlachan a bha ann; chan fhaicear ann an diugh ach taighean gealais tha an sluagh asìor-theicheadh asda gu baile-mòr is


[33]

gu dùthchanna-cèin! Cha robh ach aon eaglais anns achlachan a bha ann; tha ceithir eaglaisean ann an diughis tha an t-eagal air an t-sluagh laoidhean na h-I, no an samhailt, a sheinn!

Ach chan fhaod e bhith gur e seo deireadh an sgeòil. Is lèir do chuid againn fàir latha an cluinnear an duan-sa feadh eilean is gharbh-chrìoch: “AGhàidhealtachd don GhàidhligaGhaidhealtachd, eadar mhuir is thìr, do luchd na Gàidhlige!” Mas bruadar seo, gum bu fada uainn an dùsgadh!

titleAn Clachan a bha Ann
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textII. Eachdraidh agus Mac-meanmna
<< please select a word
<< please select a page