[38]

III

MAC-MEANMNA AGUS EOIN NA H-EALTAINN

5. is Bliadhna leis na h-Eòin

Tha mi ga mheasna bhuannachd nach beag gun do dheònaich maith dhomh, a dhaindeoin drip an t-saoghail, is bliadhna de mo bheatha chur seachad còmhla ris na h-eòin. Riamh on chaidh innseadh dhomh, an tùs mfhine, gu robh micho gòrach ris na h-eòin”, bha mfhuil ateòthadh ri mfhine, agus mo chridhe ghnàth an geall air achàirdeas agairt. Theagamh, nam bithinn gam shloinneadh fèin, gur h-ann do na h-eòin-mhara as ro-chàirdiche mi; ach chan eil mi idir agearan, is cha bu chomain domh, gur h-ann an lùib nan eun-monaidh a dheònaich Maith mo chur. Cha robh mi gu buileach gun eòlas orra roimhe. Co-dhiù, bhiomaid abeannachadh da chèile air an rathad-mhòr is anns achoille-chnò; agus, a thuilleadh air sin, bu chaomh leam riamh a bhith leughadh eachdraidh na h-ealtainn a-rèir nan ollamh. Ach is eòl domh nis nach ionann idir an , aithne gun chomaidh agus caidreabh taobh an nid. Bha mi uair anns abheachd gu robh na h-ollamhan na beòlaiche air nòs na h-ealtainne na bha na h-eòin fhèin, ach chan eil mi buileach cho daingeann anns abheachd sin an diugh. Co-dhiù, chunnaic mi na h-eòin aneadachadh am badaibh, agus ag itheadh troileis, a bha calg-dhìreach an aghaidh gach riaghailt a leugh mise riamh anns na leabhraichean. Gun teagamh, tha cion na Beurla fàgail nan eun direasach an iomadh dòigh; is e sin as coireach nach do thuig iad fhathast gur e an t-ollamh nach dith boiteag riamh, is nach do shuidh air nead, as fheàrr fios ciod a tha maith do chreutairean beagan ta deanamh an chuid. A-mach uaithe sin, faodar a ràdh le fìrinn nach eil clann-eunlaith agus clann-daoine, maith ris amhaith agus olc ris an olc, nas eu-coltaiche ri chèile na tha mhaol odhar agus odhar mhaolach dìreach gu bheil na h-eòin beagan nas glice anns aghòraiche, agus na daoine beagan nas gòraiche anns aghliocas.

Is iomadh uair, is minam shuidhe air cliabh aig ceann an


[39]

taighe, a smaointich mi nach robh an Calman idir cho neochiontach ra choltas, agus gu robh dealan beag den chrochaire aboillsgeadh air uairibhna shùil. Nis, on bha mi thall is a chunnaic mi, tha mi ag iarraidh maitheanais air aChalman. Is fheudar domh aideachadh gu bheil e dìreach mar tha e, ’na mhoigein laghach neochiontach nach cumar gu bràth oidhchena dhùisg le luasgan eanachainn. Mheall aChailleach-oidhche orm cuideachd. Bha mi an dùil riamh gum bu bhoireannach maith i, agus cha robh uair a bhlaomadh i a ghlog-shùil nach robh i toirtnam chuimhne latha-traisg, no -eigin eile ceart cho cràbhach. Tha fios agam a-nis gu bheil ise cuideachd dìreach mar tha iis chan ann mar a shaoil! Chunnaic mi na h-eòin eile call an lùiths leis aghàireachdainn, is achailleach adol troimh an chòmhradh ainmeil a bha eadar i fhèin agus Dòmhnall Mac Fhionnlaigh bochd a bha an Lochabar. “Is ann mar seo a bha,” theireadh ise, is ina seasamh air tobhta ceàrdaich a bhann. “Thuirt Dòmhnall rium fhèin, is mi cur seachad an fheasgair còmhla ris:

Nis on a tha thu aosda,

Bha e leth-char dall, an duine bochd!

Dean-sa tfhaosaid ris an t-sagart,
Agus innis dha gun euradh
Gach aon sgeula ga bheil agad.

Chrom mi fhèin mo cheann gu baindidh grinn, is rinn mi osna mòr, is chuir mi caoin shlìom bhòidheach air mo ghuth, is rinn mi osna eile nach bu mhiosa na achiad fhear, agus arsa mi fhèin:

Cha drinn mise braid no breugan,
Cladh no tearmad a bhristeadh,
Air mfhear fhèin cha drinn mi iomluas,
Is cailleach bhochd ionraic mise.

Ach thusa, Chailleach-oidhche! Bha fìor-shannt orm eòlas na bu dlùithe fhaotainn air an Fheannaig, ach gu tubaisteach thachair


[40]

gu robh ise fo choill anns acheart àmco-dhiù, fad na ciad leth-bhliadhna. Bha sealgair ùr air tighinn don dùthaich, agus bha de chron air, còmhla ris gach cron eile, gur h-e an t-eun air an cuimsicheadh e a leagadh e nach eil idir cumanta am measg luchd-seilge, oir chan fhaca mi riamh nach e an t-eun a bhiodh iad aseachnadh bu dlùithe rachadh air abhàs. Chuala mi an Dreathann-donn ag ràdh gum bu mhisde an dùthaich gu lèir fògairt na Feannaigeagus gum bfheàirrde cuideachd! Chan eil mi ag ràdh nach robh an Dreathann ceart. Cha toigh leam a bhith ga innseadh, ach cha robh am Fitheach anabarrach aoigheil rium idir. Tha an t-ainm aige bhith glic agus, mas fìor na theirear, is cliabh chlach air an druim an gliocas. Fhads a bha mi anns an ealtainn cha deachaidh fois air an duine thruagh o mhoch gu dubh ach asìor-chànranaich gu robh deireadh an t-saoghail am fagas agus gu robh na seachd deamhain cheana mu sgaoil. Theagamh gu bheil e mìomhail dhòmhsa an rud aithris, ach chan fhaca mi (a dhaindeoin giorrad na h-ùine!) gu robh càil an Fhithich gu ròic dad na bu mhiosa na bha i roimhe. Cha bu toigh leam aChuthag riamh, is cha toigh leam fhathast i. Tha i olc, olc. Tha cuimhne agam aon mhadainn, is mi fann le cion mo bhrochain, gun drinn i dìol cho sgreataidh orm is nach robh mi gu maith fad na bliadhna às a dhèidh. Is tha i cho breugach ris na fir-chlis. Chuala mi aghogaid uair is uair agùgail gu ladarna gu robh an samhradh air tighinn, is mi fhèin gam dhubh-reodhadh leis an fhuachd ri taobh braidseal mòr teine. Is tha fios aig abhaile gu lèir gum bi abhaobh ri leughadh nan cupannan, ged tha meamhair na fàidheadaireachd ga dìth. Dhinnis i dhomh fhèin o chionn còrr is fichead bliadhna nach faicinn ach Nollaige eile: dhinnis i dhomh an uraidh, is aodann oirre cho fad ris achlobha, gu faicinn a dhà-dheug eile! ach nach dìomhain dòmhsa bhith leudachadh air caithe-beatha na Cuthaige. Mar thuirt an Calman bochd, is ceann-crom air leis an nàire, “Am faca tu fhèin riamh eun laghach sam bith abreith uighean an taighean chàich? Ar leam nach eil e dacent!” Chuir na h-eòin eile mi fo gheasaibh gun innsinn do chloinn-daoine gu bheil càirdeas na Cuthaige don ealtainn a-mach air an fhicheadamh glùn, agus ceart cho luaths a dhfhosglas i a gob gun aithnich neach sam bith gu bheil blas na Beurla air a cuid Gàidhlig. Tha an Dreathann-donn anns abheachd gur h-ann an


[41]

California thall a bhios i acur seachad agheamhraidh, is gur h-e sin as coireach i bhith cho suarach coma càitan tilg i smugaid. Bha amharas agam roimhe gum bfhìor-gheòp aChuthag, agus nach robh an Clacharan fad air deireadh oirre, is gum biodh iad le chèile bòdhradh chàich o mhoch gu dubh le an cuid bòilich. Ciod tuilleadh a thannta a bharrachd air geòp is air bòilich cluinnearna dhèidh seo. Chan eil agam ach teist mhaith ri thoirt air an Smeòrach is air an Uiseig; tha iad le chèile cho maith ran ceòl, agus fòghnaidh sin. Chan ann ga ailis air an Smeòrach a tha mi, ach saoilidh mi nach eil e buileach cho neo-shaoghalta ris an Uiseig, agus gu bheil beagan a bharrachd den deamhan ann nach misde neach sam bith a ta fuireach an ath-dhoras ri Sionnach no ri Cailleach-oidhche. Cha bhiodh ann ach ladarnas dhomh am Brù-dearg a mholadh. O bhàrr a ghuib gu bàrr na h-eàrr-ite chan fhaighear aon ghaineamhan den fhoill ann, agus chan eil eun eile anns an ealtainn gu lèir as urrainn a thilgeadh air gun do dhìochuimhnich e riamh carson a ta a bhroilleach dearg. Bidh e fhèin agus an Calman, na truaghain, adeanamh an dìchill, a dhaindeoin bùirt is magaidh, gu tomhas de stòldachd is de chràbhachd a chur anns na h-eòin eile. Ach mar thuirt an Dreathann-donn riutha: “Tha sibh tuilleadh is anmoch, a chàirdean ionmhainn. Nan robh thusa, a Chalmain, air an àirc a chur fodha, bhiodh an saoghal cuibhiseach maith an diugh.” Tha seo gam thoirt gus an dìleas dheireannach, mo chaomh-charaid an Dreathann. An chuid an lèirsinn is an duinealas, is e iochd ar n-achd rìgh na h-ealtainne; an coimeas ris, chan eil anns an Iolair ach cridhe na circe ann an gob na h-airce. Achiad uair a bhruidhinn mi ris, bha e air an iteig dhachaigh, agus smùid aige air port:

Tha min dùil gum bi mi nochd
Ri taobh mo ghaoil, ge bann air sop;
Tha min dùil gum bi mi nochd
Air taobh a-bhos na h-aibhne.

Dhinnis mi dha, anns aGhàidhlig a bfheàrr a bhagam, gum be mo rùn is bliadhna chur seachad còmhla ris na càirdean; agus gum bithinn fadana chomain, nan gabhadh e mi fo a sgèith fhads a bhithinn anns an ealtainn, is gun annam ach


[42]

leirist de choigreach. “Ma , a choigrich,” ars esan, “chan eil barail chòir sam bith agam fhèin air cloinn-daoine; achuid nach eil stràiceil dhiubh, tha iad olc, agus achuid nach eil olc tha iad cho gòrach ris na cnuimheagan. Ach on thàinig thu, a charaid, is gur teòtha fuil na uisge, fhads a bhios còsag no boiteag agamsa, bidh còsag is boiteag agadsa.” Mur do chùm, is mur do sheachd-chùm, esan ra ghealladh, chan eil solas anns aghrèin no doimhneachd anns amhuir. Ged gheibhinn na bfhaide na tha dùil agam ris, cha leig mi às mo chuimhne gu bràth an Dreathann, is ena sheasamh air stob, sop feòirna bheul, goicna cheann, is e meamhrachadh air fir is air eòin is air nithean diamhair an domhain. Is an uair a chnuasaicheadh e nithean gu dheòin, chàireadh e an sop air an stob, is dheanadh e an t-sùil bheag rium fhèin. “Faodaidh gu bheil mi neònach,” theireadh esan, “ach is iomadh rud a chunnaic mi, a dhuine.” Agus, gu cinnteach, bfhìor dha, on a bfhìor uaithe. Ge mòr am facal e, cha dàna dhomh ràdh gun cuireadh e a h-uile mac màthar de na h-ollamhan Gearmailteach anns na crannaibh seilich le feallsanachd is le diamhaireachd. A charaid bhig mhòir, chan ann a chionn gu robh thu coibhneil rium a tha mi ga ràdh, ach, nam faighinn triùirnam dhùthaich a thigeadh an gaoith do sgèithe an gliocas, an uaisle, an duinealas, cha bu nead cuthaige mo dhùthaich. Is chan iongantach leam, ged is iongantach uam, tfhacail rium anns an dealachadh: “On chuir mi eòlas ort, a charaid, chan abair mi gu bheil clann-daoine cho olcs a bha mi an dùilach, O bhoiteag chridhe, tha iad pailt nas gòraiche!”

An Dreathann agus an Iolair

Bha an Dreathannna sheasamh air stob, sopna bheul, goicna cheann, is e ameamhrachadh, mar bu ghnàth leis, air nithean diamhair an domhain. “Is mithich dhuit, a laochain, an sop a chur às do bheul,” ghlaodh an Uiseag ris, is i deanamh dìreach air an stob. “A bheil dad ceàrr, a bhuinneag?” “Ceàrr! Nach faca tu, no mur faca nach cuala tu, an Clacharan is aChathag air an dearg chuthaich feadh abhailefhuair iad naidheachd mu dheireadh.” “A dhinnseadh na fìrinn,” ars an Dreathann, “bha mi gabhail iongantais, is nithean annasach cho gann mun tràth seo den bhliadhna, nach robh mi cluinntinn fathann idir air an nathair-mhara, no air na boiteagan mòra, no air na seilcheagan reamhra. Ach ciod a tha iad ag ràdh, a


[43]

bhuinneag? Is ciod a chunnaic iad? Is an t-sùil gheur a lorgaich? Is am beul fìrinneach a dhaithris?” Mun dfhuair an Uiseag a gob fhosgladh, bha air tighinn ach an Smeòrach. “Cuir an sop nad bheul, a Dreathainn,” ars esan; “nach eil fios air tighinn o Iolair na Creige Mòire gu bheil i am beachd taigh-samhraidh a thogail air an ìosal, agus gu bheil i an dòchas gum bi sinn uile gar reamhrachadh fèin fa chomhair a teachd.” “Nach èibhinn i,” ars an Dreathann. “Eibhinn, a dhuine! Is ann a tha i mìomhail, ladarna, agus, mur be gu bheil an Calman air tighinn, theirinn gu bheil i rud eile.” “Nach dean thu fead, a ghràidhein! Chan fhaca tu riamh, o nach fhaca tu riamh, rud cho inntinneach no cho feumail ri fead. Togaidh fead soirbheas, agus leagaidh fead soirbheas. Bha mi meamhrachadh an diugh — — — ”. “Chan ann acur casga air do chainnt a tha mi,” ars an Smeòrach, “ach ciod a ta sinn dol a dheanamh? Nach eil thu fhèin afaicinn, ma thig an Iolair, gu feum sinne falbh; agus, ma dhfhanas sinne, nach faod ise tighinn.” Mar bha mi dol a ràdh, an uair nach do chuir an Smeòrach casg air mo chainnt, bha mi meamhrachadh an diugh air uabhar is air amaideas an t-saoghail. A bheil thusa, a Chalmain, acreidsinn an t-seanfhacail, Beag moiteil is mòr toirteil?” “Chan eil mi gad thuigsinn, a Dhreathainn.” “A bheil thusa gam thuigsinn, a Smeòraich?” “Tha thu ciallachadh, nach eil, gur h-e boireannach sìobhalta laghach a thanns an Iolair, a chionn gu bheil i mòr spàgach.” “Theagamh, a ghràidhein, gu bheil an seanfhacal ga chiallachadh, ach chan eil mise. Chan abradh tu gu bheil mi fhèin am dhuineachan ro-mhòrco-dhiù, chan eil mi buileach cho mòr ris an Iolairis tha mi cearta coma ged bhiodh a h-uile gille beag anns abhaile ruith às mo dhèidh is amagadh orm. Nis, chan abrainn sin a thaobh na h-Iolaire mòire spàgaiche.” “Ach ciod a sinn?” ars an Uiseag. “Ciod, a chaomhag, ach an rud a tha mi ag ràdhcuiridh sinn eagal nan gillean beaga air an Iolair.”

Bha sgaoth mhòr de na h-eòin cruinn còmhla a-nis, agus chuartaich an Dreathann achuideachd le a shùil. “Chan fhaic mi aChailleach-oidhche,” ars esan. “Chan eil i tighinn idir,” ars an Clacharan. “Chuir i am bodachna h-àite,” ars aChathag. “Tha mi tuigsinn,” ars an Dreathann, “ach, Iolair ann no às, chan fhaigh am bodachan bàs an latha seo. Ach seo, seo! An


[44]

ceann gnothaich sinn! Nis, a mhnathan-uaisle is a dhaoin-uaisle, tha fadal oirnn air fad gus an tig an Iolair; agus tha am fadal sin cho acrach is gun cuir sinn ga h-iarraidh an ceart ghradaig an ama. A Chlacharain, tha thusa maith gu bruidhinn.” “Ma , a Dhreathainn, on thubhairt thu e, cha bhiodh e ach mìomhail dhòmhsa cur nad aghaidh. Chan eil mi ag ràdh nach eil aChathag pailt cho fileanta, ach cha chuir i loinn air rud mar chuireas mis.” “A Chlacharain, sinn dùdaire dhiot; cuiridh sinn don Chreig Mhòir thu le teachdaireachd.” “Cha ruith leam ach leum, a Dhreathainn. Thèid mis gun tèid mi le sugairt agus aoigh.” “Thèid thu le teachdaireachd, a ghràidhein.” “A dhinnseadh na fìrinn, a Dhreathainn, bha bloighdeag amharais agam gum biodh agam ri òraid a dheanamh air rud-eigin, agus bha smùid agam air fad an lathadìreach anns an earalas. Cha bhi agam ach facal no dhà atharrachadh, is freagraidh an òraid do rud sam bith, on Iolair gus aGhlaisein.” “Cluinneam, a ghràidhein, mar dhiarras tu air an Iolair tighinn.” “Iarraidh mi oirre mar seo: Air feasgar àlainn earraich bha aghrian acromadh thun an àird-an-iar, agus bha aghealach is na reultan adolnan culaidh-oidhche lasraich sheudagaich a chum an dleasdanais àbhaistich a dheanamh ann an gorm-bhrat nan speur. Bha na h-uillt bhòidheach bhinne crònanaich thun an tràigh, agus bha calltainn an fhàile chùbhraidh atoirt phòg dhaibh san dol seachad. Bha ceò nam beann air an leitir ud thall, asgaoileadh le làmhan mìn-gheal sròil-shìdhe de shneachda-bruadair air tulaich nan sliabh; agus bha eòin bhuchallacha bhachallacha nan geug, mar ris an neòinean dhìblidh is mar ris an t-sòbhraich fhìnealta, air an lìonadh le gàirdeachas mòr fa chomhair àilleachd an t-saoghail ta ann. Ach, O, astraiche nan speur, eadhon mar thaomas beum-slèibh o na sgàirnichean gruamach àrda, no mar bheucas abheithir nuair thèid teine agus uisge gu strì, eadhon mar sin thàinig tfhios thun an ealtainn ud shìos gu robh thusa los tighinn le làmhachas-làidir nan daoi a thoirt uainne na dachaigh a fhuair sinn le beannachd o shinnseir nach maireann san àmeadhon ar fonn, ar fearann, ar fàsach fèin. Ach, O, a spùinneadair nam bantrach, a chreachadair nan nead, a mhortair nan uan, èisd a-nis ri mo bhriathraibh fiosnacha, foisneacha, fìor-ghlic, fìor-eòlach, agus — — — .” “Cha chuala mi riamh a leithid,” ars an Dreathann,


[45]

chan e bruidhinn a tha sin ach bàrdachd!” “Chan e fhèin a rinn e,” ars aChathag; “chuala mi a h-uile facal deth roimhe.” “Tha mi coma a rinn e,” ars an Dreathann; “cha chuala mi riamh sgleogaireachd cho sgiolta ris. Ach is e a tha cur an dorrain orm nach cluinn sinn ciod a their an Iolair.” “Nach innis mise dhuibh,” ars an Clacharan. “Chan innis, a ghràidhein; bidh tusa an crochadh ris achraoibh as àirde thanns aChreig Mhòir.” “O chiall! Cha tèid mi ann idir, a Dhreathainn.” “Thèid thu ann gun teagamh, a Chlacharain, ach fàgaidh tu an sgleogaireachd aig an taigh, agus bheir thu leat crioman beag de mo shop-sa.” “Ciod a their mi, ma ?” “Mun abair thu diog, a ghràidhein, thu beic. Agus bheir thu an ceart aire do dghuth. Feumaidh e bhith ìosal, agus feumaidh e bhith fosgarra, agus feumaidh crith bheag a bhith ann cuideachd, dìreach a leigeadh fhaicinn gu bheil fios agad co ris a tha thu bruidhinn. Agus an uair a their mo Bhaintighearna, “Tha cead labhairt agad, a dhùdaire”, their thusa, “A Bhaintighearna urramach, tha eòin na h-ealtainne cur fàilt oirbh. Tha ena adhbhar gàirdeachais dhuinn gu bheil sibh am beachd, leis an anabarr iochda, taigh-samhraidh a thogail air an ìosal, agus is e làn-dùrachd ar cridhe gum bi sibh cho sona nar measg is gu faod sibh a ràdh an àm dealachaidh gum bfheàrr leibh gu mòr a bhith fuireach na falbh. Ach a Bhaintighearna urramach, tha bhur seirbhisich dhìleas aguidhe oirbh sgrìob a thoirt don ìosal an diugh, mas e is gum bi sin freagarrach dhuibh, a chum gun innis sibh dhuinn ciod an seòrsa nid a bàill leibh sinn a dheanamh, is ciod an seòrsa bìdh is annlain a bàill leibh sinn a chruinneachadh fa chomhair latha mòr bhur teachd. Agus bidh bhur seirbhisich dhìleas do ghnàth aguidhe.” “O chiall! ”, ars an Clacharan, “chan urrainn dòmhsa an goileam-oilean sin a thogail. Nach eil fhios agad, a Dhreathainn, gu bheil e anabarrach duilich do theangair rud nach drinn e suas ionnsachadh air a theangaidh. Nis, nan leigeadh tu leam fhèin—” “Bu mhaith a dhionnsaich thu an òraid sgleogach eile, ged nach tu a rinn i,” ars aChathag. “Trobhad seo, a Chlacharain,” ars an Dreathann, “agus abair an goileam-oilean facal air an fhacal dìreach mar bheir mise dhuit ea Bhaintighearna urramach, tha eòin na h-ealtainne cur fàilt oirbh— .” “A Bhaintighearna urramachach am feum mi seasamh air mo leth-chois fhads a ta mi ga ràdh?” “Nach eil


[46]

fios gu feum a ghràidheino nach urrainn duit seasamh air teanachainn. Abair na facail a-nis. .. . .. A rithist. .. . .. A rithist. .. . .. Ro-mhaith, a dhùdaire. . .. Chan eil thu cho maol, a ghràidhein. .. Aon iteal eile . . . . Chan eil mi an dùil nach eil e agad air fad a-nis, a ghràidhein, ach dìreach gun drinn thu aon iomrall beag anns na facail mu dheireadh.” “Ciod a thubhairt mi?” “Thubhairt, gu robh na seirbhisich dhìleas ris na guidheachan. A-nis, a ghràidhein, chan eil mi ag ràdh nach e sin as fìrinniche, ach chan e as modhaile, agus airson na chunnaic thu riamh na leig achraobh às taire.” “A Dhreathainn,” ars an Calman, is e air ùr-chlisgeadh à dùiseal beag, “a Dhreathainn, cha toigh leam an gnothach seochan eil mòran den fhìrinn ann.” “Ud, a dhuine,” ars an Smeòrach, “cha chreid Iolair na Creige Mòire fìrinn, ach creididh i breug cho luaths a dhitheas mise boiteag.” “Cha toigh leam na breugan,” ars an Calman. “Saoil, a charaid,” ars an Smeòrach, “am marbhadh tu fhèin am Brù-dearg laghach leis an fhìrinn, nam burrainn duit a shàbhaladh le bloigh brèige.” “Chan eil mi idir acreidsinn, a Smeòraich ionmhainn, gu bheil an fhìrinn cho marbhtachs a tha thu ag ràdh.” “Tha i marbhtach gu leòr, a Chalmain, ma thig ina h-Iolair.” “Seo, seo, a chlann, bithibh soitheamh,” ars an Dreathann; “tha mise làn-chinnteach, a mhnathan-uaisle is a dhaoin’ -uaisle, gu bheil mo bheachd fhèin agus beachd aChalmain calg-dhìreach an eagaibh a chèile, ach dìreach nach eil esan atuigsinn mo bheachd-sa. Cluinn seo, a Chalmain. Chan eil sinn idir dol a thoirt rud a chreidsinn air an Iolair; is ann a tha sinn dol a thoirt oirre rud a chreidsinn, agus nach eil thu fhèin afaicinn nach ionann idir an .” “Chan urrainn domh ràdh gu bheil, a Dhreathainn; agus, co-dhiù, cha toigh leam gliong nam facal.” “Ma , a Chalmain, cuiridh mi aphuing air a leithid de dhòigh is gun tuig eadhon an t-isean anns an ugh mi. Nan abrainn-sa riut fhèinrud nach abairach abair gun abradhBiodh e dubh no geal no grìseann (ma tha e dubh no geal no grìseann) gur neo-thoigh leam fhèin (nam bu neo-thoigh leam fhèin) Nebuchadnèsar, bhithinn, nam bithinn, atoirt rud a chreidsinn ort; ach ma their mi, rud a their agus a dhfhaodas mi a ràdh, Biodh e dubh no geal no grìseann (ma tha no nach eil e dubh no geal no grìseann) gur ro-thoigh leam fhèin (on as ro-thoigh leam fhèin) Nebuchadnèsar, chan ann, o nach ann, a


[47]

toirt rud a chreidsinn ort a tha mi, ach atoirt rud a chreidsinn. Nis, nach eil thu tuigsinn sin?” “Chan eil, srannadh dheth! Ach, O Dhreathainn, is caomh le mo chluais caoin nam facal. Abair a rithist e.” “Biodh e dubh no geal no grìseann, gaol mo chridhe Nebuchadnèsar.” “Tha mi gad thuigsinn a-nis. Ach stad gus an smaointich mi. Biodh e dubhno gealnonono an rud eiletha gaol mo chridhe agam air Nebuchadnèsar. Tha thu ceart, gun amharas tha thu ceart, a Dhreathainn, agus tha mise làn-riaraichteis e sin ri ràdh, ma tha am Brù-dearg riaraichte.” Chlisg am Brù-dearg à teis-meadhan bruadair. “An robh sibh abruidhinn rium, a chàirdean?” “Tha an Calman is mi fhèin acur romhainn,” ars an Dreathann, “gun innis sinn an fhìrinn, an fhìrinn uile, gun aon lide ach an fhìrinn, do Iolair na Creige Mòire. A bheil dad agad an aghaidh sin, a ghràidhein?” “An ann agamsa! Is caomh leam fhèin an fhìrinn, a Dhreathainn,” agus chaidh am Brù-dearg air ais da bhruadar. “Nis, on tha sinn uile làn-riaraichte,” ars an Dreathann, “is mithich don dùdaire bhith sgaoileadh nan sgiath. Ach aon fhacal riut anns an dealachadh. An uair a thig thu air tais on Chreig Mhòir, is an Iolair agad ri ròineig, feumaidh tu bhith cho sgìth, a ghràidhein, is nach tig aon bhìog às do ghob.” “O chiall! am feum mi bhith cho sgìth sin?” “Feumaidh, a ghràidhein; is an uair a bhios an spòrs uile thairis, innsidh tu dhuinn ciamar a chaidh dhuit anns aChreig Mhòir.” Chuir an Clacharan car-a- mhuiltein deth fhèin trì uairean. “ bhà hidil à, bhà hidilan, nach ann aig aChathaig a bhios am farmad rium. Chan eil mi an dùil nach tòisich mi, an làrach nam bonn, air an òraid a dheilbh.” “A Chlacharain,” ars an Dreathann, “cluinn seo, agus cluinn e air achluais as buidhre. Gus an ruig thusa aChreag Mhòr, na biodh a chridhe agada bheil thu cluinntinn, a ghràidhein? — na biodh a chridhe agad smuain no smuain altram nad cheann, mas ceann gogan, ach an smuain seoan teachdaireachd agus achroich. Turas maith leat, a dhùdaire!

Chuir an Dreathann a shopna bheul, is thòisich e air cnuasachd. Dhfhan na h-eòin eile, aChathag is gu lèir, ’nam balbh-thosd gus am bu deònach leis fhèin bruidhinn. An ceann treise chàirich e an sop air an làr. “A mhnathan-uaisle is a dhaoin’ -uaisle, faodaidh gu bheil mi neònach, ach is iomadh rud a chunnaic mi, agus mur h-eil mi air mo mhealladh, chì mi rud


[48]

an diugh cuideachd. A Chathaig, tha thusa maith air na ròlaisteantha dreuchd beag agam dhuit.” “Ciod a thuirt thu? ”, ars an Calman. “Bha mi dìreach dol a ràdh, o nach tric leis aChathaig an fhìrinn innseadh, gun toir sinn cothrom dhi an diugh an fhìrinn innseadh do Iolair na Creige Mòire.” “Ro-mhaith, a charaid ionmhainn. On tha cùisean dol air an aghaidh cho fìrinneach ceart, chan eil mi an dùil nach bi norrag bheag agam fhèin air an tolman ud thall. Ach feuch gun toir thu sanas dhomh, a Dhreathainn, ma thig ar bana-charaid urramach, aBhaintighearna. Bfhìor-thoigh leam aon fhacal maith a ràdh rithedìreach anns an earalas.” “Chan eil mi ag ràdh nach biodh e iomchuidh, a Chalmain, ach tha eagal orm nach biodh e modhail, facal maith a ràdh ri Baintighearnaco-dhiù, achiad latha. Ach an ath uair a thig i (ma thig! ), faodaidh tu fhèin is am Brù-dearg, a dhà chreutair gun lochd, dalladh oirre fad an latha leis na clachan agus leis na facail mhatha. Cadal maith dhuit, a ghràidhein.”

Mun gann a bha aChathag air a ceart oileanachadh aig an Dreathann, chualas foirm agus toirm anns an adhar shuas. bha seo ach Iolair na Creige Mòire, agus an Clacharan anns an ospagaich às a dèidh. Dhèirich na h-eòin uilenan seasamh, agus rinn iad beic don Bhaintighearna. Rinn aBhaintighearna beic do na h-eòin an comain na beice ceudna. Rinn na h-eòin beic eile don Bhaintighearna an comain na beice comaineagus chaidh iad an sin an ceann gnothaich.

A Bhaintighearna urramach,” ars aChathag, “chuir sibh urram nach beag air eòin na h-ealtainn an diugh, agus is fiachan oirnne moit ar cridhe a dhearbhadh is a làn-dearbhadh le gnìomharan ar làmh. Ach, a Bhaintighearna urramach, mun cuir sinn nithean eile nur cead, bu mhaith leinn aon fhathann beag ainmeachadh nur làthair. Cha ghabh sibh gu h-olc e, oir chan e olc ach eud a ta nar n-amharc, ach tha na gillean beaga ag èigheach air an rathad-mhòr nach dlùithe thèid Iolair na Creige Mòire don ghrèin na an Dreathann beag sin a ta nis cho dìblidh adeanamh beice nur làthair.” “Ma , a Chathag bhochd,” ars an Iolair, “cha bu bheag an tàmailt leam fhèin gum biodh na gillean beaga ag èigheach bhreug às mo dhèidh. Nam bfhìrinn e, chan eil mi an dùil gun nochdainn maghaidh gu bràth tuilleadh


[49]

shìos air achòmhnard. Seo, seo, a Dhreathainn, bheir sinn na speuran oirnn.”

Thionndaidh aBhaintighearna a h-eàrr ris na h-eòin agus sgaoil i a-mach a sgiathan. Ghrad-spìon an Dreathann bad còinnich à tolman is gearrar sìnteag bheag bhòidheach gu druim na h-Iolaire. “Glug-glog, glog-glug,” ars ise, is i bruidhinn rithe fhèin, “chan eil mo leithid ann gu streup na gaoithenach mìomhail na gillean beaga!” An earalas gum bristeadh a ghàir air, stob an Dreathann am badan còinnichna bheul agus o nach robh an còrr aige ri dheanamh anns acheart àm, thòisich e air cur thòimhseachan air fhèin. An ceann treise sguir an glugail-glogail agus thòisich an ospagaich. “Tha mi an dùil gu bheil mi air fìor-bhàrr mo chomais,” ars an Iolair rithe fhèin; “is mithich dhomh teàrnadh. Glug-glog, glog-glug, càita bheil thu, a Dhreathainn-dhuinn?” “Fada, fada os do chionn,” ars an Dreathann, is e toirt sithidh bhig bhòidhich an àird. Thug an Iolair aon chlisg-shùil os a cionn, agus an sin, gun ghuth mòr, gun droch fhacal, sheòl i air falbh don Chreig Mhòir.

Na rathad gu talamh thachair ris an Dreathann ach an Clacharan agus aChathag, is iad air tighinn a dhaon ghnothach ga choinneachadh anns na speuran. “Is e latha mòr a bha an seo,” ars an Clacharan. “Is e latha de na làithean a bha an seo,” ars aChathag. “A bheil fhios agaibh,” ars an Dreathann, “co air a bha mi smaointinn, an uair a bhuail mo dhosan anns aghealaich?” “Is e naidheachd a bhios an seo,” ars an Clacharan. “Is e naidheachd a-rìreabh a bhios an seo,” ars aChathag. “Ma , an uair a bhuail mo dhosan anns aghealaich, bhuail an smuain seo gu làidir ri minntinn, gum bu dubh is gum bu dona saoghal peacach gun phuirt-a- beul. Chan aithne dhomh fhèin eile cho inntinneach no cho seaghail riutha. An cuala tusa, a Chlacharain, no thusa, a Chathag, rud riamh cho laghach no cho inntinneach ris aphort seo:

Tha min dùil gum bi mi nochd
Ri taobh mo ghaoil, ge bann air sop,
Tha min dùil gum bi mi nochd
Air taobh a bhos na h-aibhne.

Slàn leibh, a chàirdean.”

titleIII. Mac-meanmna agus Eòin na h-Ealtainn
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textSgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid
<< please select a word
<< please select a page