7. O Leanabas gu Fearalas

Tha bliadhna air fhichead ann on chuireadh air chois An Comunn Gàidhealach; ta e nis air tighinn gu ìreachd duine; is,


[52]

ma tha an smior a-rèir na h-aoise, tha na làithean leanabail air dol seachad, tha na làithean fearail air tighinn. Bu chaomh le ar daoine riamh, gu sònraichte aig a leithid seo a dhàm, a bhith sealltainn às an dèidh; am bitheantas, is fheudar aideachadh, le sùil na h-ionndrainn, ma bha no nach robh gath den bhritheamh innte. Is gun teagamh tha obair an an diugh air a dealbh is air a snasadh trìd sgàthan an an , is cha dhìomhanas idir stad a chur air ar ceum an dràsda is a rithist, is a ràdh ruinn fèin: “An robh siud ceart, no am faodadh e bhith na bfheàrr? An robh seo ceàrr, is an gabh e leasachadh? Ach anns acheart uair, is buannachdaile gu mòr dhuinn sealltainn romhainn na às ar dèidh. Ma rinn sinn deagh-obair anns na làithean a dhfhalbh, molaidh an obair sin i fèin; ma rinn sinn obair chearbach, is leòr an dìteadh a miosad. Fòghnaidh aon fhacal, ma , a thaobh an an . Cha bhiodh e iomchuidh, is cha leigeadh ar meamhair no ar cogais leinn dìochuimhne dheanamh air na bràithrean a shaothraich anns aChomunn anns na làithean a dhfhalbh. Tha cuid dhiubh nach maireann a-nis, is tha cuid eile dhiubh asaothrachadh, le an dìcheall àbhaisteach, an iomairean eile. Chuireamaid clach an càrn nam bràithrean nach maireann; chuireamaid fàilte na h-urraim air ar bràithrean anns na h-iomairean eile.

Is àm dearbhaidh an t-àm seo, an chuid don Chomunn is do na Gàidheil gu coitcheann. Cha do chruthaicheadh an anail a shèideas gu dearg-theas an teine sin a tha dubh às, is ma tha ar dùthaich air a dùthchas a thilgeadh, is ma tha ar sluagh air an cinneadalachd a chall, is dìomhain don Chomunn a bhith sèideadh nan èibheal fuar. Ach chan fhaod e bhith, is cha chòir a chreidsinn, gu bheil ar daoine air fas caoin-shuarach a thaobh an cànaine, is a thaobh na h-ulaidhe sin a tha folaichte innte. Be dòigh ar sluaigh riamh a bhith coma co-dhiù am feadh a bhiodh an cunnart fad air falbh, ach ruith-leum chuige, is bras-bhuillean a fhrasadh ma cheann, an uair a thigeadh an cunnart dlùth. Gum bann mar sin a bhitheadh e anns an an diugh, is an cunnart-mullaich am fagus, eadhon an t-amhasg sin dam far-ainm Solas, a ta feuchainn ris gach a dhubhadh às nach gabh reic no ceannach, is ris an òrd-cheard a churna shuidhe an cathair Chalum-chille!

Chan ann anns aGhàidhealtachd a-mhàin a ta an gleac seo às


[53]

leth an dùthchais ga chur. On Aird-an-ear gus an Aird-an-iar tha cridhe nan sluagh air theine, ag ionndrainn nan làithean a dhfhalbh, abruadar air na làithean a thig, is anns gach ceàrnaidh cluinnear an glaodh seo: “Is cinneadh sinn, is sluagh sinn; tha dùthaich air leth againn, cànain air leth, nòs is dualchas a ghineadh is a dhfhàs nar muinntir fèincarson, ma , a leigeamaid am bàs oirnn fèin, no carson a reiceamaid fuil is cridhe ar sluaigh chum sinn fèin a chòmhdach le earradh-iasaid nach eil freagarrach no dùthchasach dhuinn?” Agus nach duilich a thuigsinn, ma tha dualchas am fuil is an eachdraidh, tha glaodh-cinnidh an sliochda sin dam buin sinn fèin dian goirt os cionn chàich gu lèir. Thuig ar dàimhich an Cuimridh is ar bràithrean an Eirinn seal na bu luaithe na sinne gu robh iad, an dearbh-fhìrinn is an dealbh-fhìrinn, ’nan seasamh air fìor-oir na Doimhne, is nan toireadh iad aon cheum eile air an ais, gum buaigh dhaibh na h-uisgeacha fuara. Is tha iad a-nis, cas an grèim is làmh air thapadh, ag ath-chosnadh an dùthcha is an dùthchais, is agabhail achothroim air achothrom gu cothroman ùra a dheilbh. An sin, ma , a rinn ar dàimhich is ar bràithrean cheana, is na nithean sin a tanan rùn a dheanamh, is brosnachadh-catha gach aon diubh do Ghaidheil na h-Alba.

Ma leanas fàs is toradh na bliadhna seo, chan fhada gus am bi ceud meur den Chomunn air bhonn againn an Albainn. Ciod a sinn leotha? Am foghainn an t-ainm gun an tairbhe? Am bi sinn làn-riaraichte ma chuireas sinn aGhàidhealtachd air chèilidh no a sheinn dhuanag? Bfheabhas eadhon sin, is bfhiach saothrachadh air a shon, mur be gun deanarcèilidhle Gàidhlig-dhìolain, is gun seinnear duanag le Gàidhlig-iasaid. Ciod, ma , a sinn leis na meòir ùra, no ciod a iad dhiubh fèin? Mas fir na fir, is e an an latha. Ceud meur, iomadh mìle ball, gun dìth toile no eanachainnnach bfhurasda iorghail a dhùsgadh anns aGhàidhealtachd a ruigeadh cluas is a ghluaiseadh cridhe nan uasal sin ris a bheil cùisean fòghlaim an earbsa! Co-dhiù, gun dad a nunn no nall, is e ciad dleasdanas aChomuinn an smal seo thogail dhinn, ar cuid cloinne bhith ag èirigh suasnan coigrich isnan coimhichnan dùthaich fèin. Gun teagamh, cha bu bheag an call e, mur bhiodh ar n-òigridh mion-eòlach, a-rèir an cothroim, air na nithean sin a rinneadh is


[54]

a sgrìobhadh is a sheinneadh an dùthchannan eile; ach an lugha an call e, iad a bhith tur-aineolach air na nithean sin a rinneadh, a sgrìobhadh, a sheinneadh, aig bonn an cuid bheann fèin, is ri taobh an cuid chuan? Is ann anns na sgoilean a ta aGhàidhealtachd acnàmh; is ann anns na sgoilean a aGhàidhealtachd fàs.

Bheir lagh is ceartas an cothrom, ach cha toir lagh is ceartas buil às achothromsin ar cuid-ne den obair. Mus faigh aGhàidhlig a h-àite fèin anns an sgoil, tha iomadh bealach ra dhùnadh is iomadh uireasbhaidh ra leasachadh. Chan urrainnear a ràdh gu bheil An Comunn buileach leisg anns achùis seo an diugh, ge air bith mar bha e an . Tha leabhraichean-sgoile freagarrach a-nis gan ullachadh, is tha luchd-teagaisg dan aithne an gnothach abeairteachadh uidh ar n-uidh an inneil sin leis an oileanaichear an òigridh. Ach is beag na rinneadh seach na tha ra dheanamh; mas trian oibre tòiseachadh, tha beul ri thrian gun deanamh fhathast. Tha e iomchuidh, co-dhiù, gum biodh fios againn ciod a ta sinn ag iarraidh, is ciod a dheanamaid leis nam faigheamaid e, a chum gum faigh. Ma tha meas againn oirnn fèin, sguiridh sinn de bhith ag iarraidh rud-eigin a dhfhaodas cuid-eigin a chur uair-eigin gu buil an àit-eigin. Is fhada sin on chomharraich ar n-athraichean an dòigh iarraidh seo le faite-gàire. “ ‘Tha an t-acras orm a Rìgh,’ ars am balach; ‘ghabhainn rud-eigin.’ ‘Gheibh thu sin, a laochain,’ ars an Rìgh, is thug e dha gille-mirein. ‘Tha an t-acras orm, a Rìgh,’ ars an curaidh; ‘gabhaidh mi am bonnach eòrna a chì mi air do chùlaibh.’ ‘Is ciod a dheanadh tu leis, a laochain, nam faigheadh tu e?’ ‘Ler cead, a Rìgh, tha beul is fiacail is slugan ga fheitheamhagus is e mo chuid am bonnach.’ Thug an Rìgh sin da, is mar ris abhonnach cuach fhìona.” Nach mithich do na Gàidheil, ma , is gu sònraichte don Chomunn, rud-eigin a chur a dhàit-eigin - mur eil an sùil anns aghille-mhirein!

Ma dhiarras sinn le teangaidh is le làimh achuraidh, gheibh ar cànain gun teagamh a h-àite fèin anns na sgoilean, is gheibh ar cuid cloinne fradharc shùl gu bhith faicinn, is gleus cridhe gu bhith tuigsinn ciod dìleab aGhàidheil, am meanmna, an litreachas, am beulachas, is ciod am feum gus an còir an dìleab sin a chur. Ach cha tig às an sgoil ach an t-oilean a chuirear innte, is bidh an t-oilean sin air an aon ghleus ri cor ar cànaine is


[55]

ar litreachais. Anns acheart àm tha an t-earra-dhubh air bruidhinn, is gu sònraichte air sgrìobhadh, na Gàidhlige; ma tha no nach eil an sgamhan innte, chan eil co-dhiù an craiceann mìn bòidheach oirre bu chaomh leis na h-athraichean. Tha guth na Beurla ann am beul na Gàidhlige; tha ar smuain gun salann, tha ar cainnt gun bhlas, gun ghrinneas.

Gàidhlig an an diugh, amhòr-chuid di co-dhiù, chan eil mo dhùthaich no mo dhaoine innte; cha do ghuil i le Deirdre an Gleann-Eite; cha daslaich i le Calum an I; cha do shuidh i air Cnoc-na-comhairle le Buachaille nan Eilean; cha tug i sgeul riamh à crann na luinge sin a sheòl gus an Eilean Uaine an , is a sheòlas air a h-ais a màireach. Is nach eil a bhuil air ar cainnt is air ar litreachas! Tha iad le chèile dol an dìosg, is le cion abheathachaidh tha fuil is aigneadh ar daoine sìor-dol am fuarad. Nach fiachan air aChomunn, ma , ar cànain altram air a leithid de dhòigh is gun toir i deagh-thoradh uaipe, a-rèir a gnè is a-rèir a dualchais. Fhads a tha plosg anns achridhe, cha reòdh an fhuil Ghàidhealach buileach; is na nithean sin a rinn i i, is theagamh nas fheàrrma rosgar i.

Tha an Comunn an dèidh bliadhna air fhichead de cheòl a thoirt duinn; nach toir e dhuinn a-nis bliadhna air fhichead de Ghàidhlig! Mur tabhair, is guileag-bhàis ar ceòl, is fàs ri uaigh ar fàs. Tha iad ann, treubhan a ta cho adhartach am malairt is cho teòma an ealain is nach ann de an cànain, no idir de an litreachas, am fàs is am feart. Cha chaill iad sin an dualachas fhads a sheòlas long air cuan, no fhads a bhios sgillinn ruadh aig duine dubh no buidhe. Ach chan ann de na treubhan ud na Gàidheil. Mas beatha malairt, cha bheò sinne; is an sin a thèid ar cànain is ar litreachas fo lic, is a chailleas sinn na subhailcean a bhuineadh do ar daoine, ar n-uaisle, ar teòdhalachd, ar dìlseachd, ar fearas-fo-thuinn, is e an dearbh latha sin deireadh ar sgeòil. Gun teagamh, theirear gu tric nach ann de ar cànain ar subhailcean, is ged dhfhalbhadh ise, gum maireadh iadsan. Mhaireadhnam bu mhaireannrud nach beadh. Cha toirear cànain de shluagh a dhaindeoin; co-dhiù, fhads a bhios an toil a chumadh cho dian rag ris an toil a bheireadh air falbh. Cha burrainn, ma , gum maireadh ar n-uaisle, ar dìlseachd, ar duinealas, nam be dìth nam feart sin, rud a be, a chuireadh às, nan cuirteadh às, do ar cànain. Baon riamh an Gàidheal is a


[56]

Ghàidhlig; is aon iad fhathast; ach chan aon ro-fhada mur eil de leigheas againn dan creuchdan ach ceileireadh is fidileireachd.

An uair a bha I mar a bha, deir seann sgeul, is e thàinig ri latha ach gun do shaobh fear de na manaich, is e air tìr-mòr, on chreideamh naomh, is ar leis gun dfhuair e faothachadh nach bu bheag ri linn da sin a dheanamh. Ach oidhche de na h-oidhchean, is e abruadar, chunnaic e cromadh os cionn a leapa ach fear a beòl da, is a dhà shùil cho blàth is gun toireadh iad tiomadh air cridhe cloiche. “Eirich,” arsa Calum, oir is e a bhann; “èirich, tiugainn dachaighchan eil slat an doras I.” Seal mus do bhlais an t-eun an t-uisge, bha am manach is a chuid ghillean shìos air achladach, is leis an deifir, is eadar-dhà-sholas fhathast ann, is e rinn iad ach bàta thoirt leotha a chumadh treun-fhear ga sìor-thaomadh leis mar a bha i air a sgreagadh le gaoith is le grèin. Mu thrath-nòin, fo stiùradh an Fhreasdail, bha iad siar air Muile is sruth an lìonaidh leotha. “Fheara mo ghaoil,” ghlaodh am manach an ceann treise, “fheara mo ghaoil, chì mi I, chì mi I, — ach, O, a Dhia nan Gràs, tha am bàta dol fodha!”

Is maith dhfhaoidte gur bheil làithean ar saobhaidh-ne seachad, a thaobh ar dùthchais is a thaobh ar cànaine; ach thoireamaid an ceart aire gu bheil ar bàta fallan, a chum gun ruig sinn I, is nach deireadh-sgeòil dhuinn an t-aigeal fuar sin far an lìonmhor sligean failmhe is taibhsean nan daoine bha ann.

titleO Leanabas gu Fearalas
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textIV. A’ Ghàidhlig
<< please select a word
<< please select a page