[68]

10. Litir gu Caraid

A thasgaidhs a chiall,

Tha do litir dìreach air tighinn a-steach, agus rud nach àbhaist dhomh, tha mi ga freagairt an làrach nam bonn. Chan eil fhios agam thug air Eòghan Mac-a- phì mo chur am measg nam bàrd B.B. C., ach co-dhiù rinn e aon maith an uair a thagh e Calum MacLeòid gu bhith gam sgrùdadh.

A thaobh freagairt nan ceist, an rud a dhfheumar, feumar, agus chan eil an còrr air.

1. Mar tha fios agad, tha Eilean Eige an teis-meadhan Dùthaich Mhicic Ailein, agus mar sin an teis-meadhan nan sgeuls nan òran. Is e Sgitheanach a bhanam athair, agus eadar e fhèin agus piuthar mathar, lìon iad mo cheann le òrain agus le beul-aithris Eilean aCheò. An làithean mòige, ma , bha mi ag òl à fhuaranfuaran Mhicic Ailein agus fuaran Dhun-bheagain is Ròdail. A thuilleadh air sin, an uair a bha mi am leanabh, bha mo mhàthair tinn, agus thug glùn domh ach an t-òranaiche is an sgeulaiche a bfheàrr an Eige! Is iomadh uair a thuirt mo phiuthar (an nach maireann), achiad oidhirp a thug mi air bruidhinn, gur e seann tàladh a bha mi feuchainn ri sheinn. Bha piuthar mathar anabarrach maith air calanas, agus is iomadh luadh mòr a bha againn an taigh-sgoile Eige, agus cèilidhean aig am biodh an t-òran agus an sgeul dol mun cuairt mar gum biodh gille-mirein ann. Ach an cothrom a fhuair mise!

2. An uair a bha mi trì bliadhna deug a dhaois chuireadh mi gu Sgoil Raining, Inbhir Nis, agus an sin lìon an t-Ollamh ainmeil, Alasdair MacBheathain, mo cheann le eòlas ùr agus mo chridhe le bruadaran. Roimhe sin cha robh mi ach ag òl a-steach nan òran agus nan sgeul, gun sìon a dhfhios agam gu robh mi gan òl, ach a-nis thòisich mi air obair agus dleasdanas a dheanamh dheth. An dràsd agus a rithis chuireadh an t-Ollamh Dòmhnall MacFhionghain, an t-Ollamh Alasdair MacIlle-Mhìcheil, agus abhean-uasal Frances Tholmach cagar am chluais, “Airson na chunnaic thu riamh na sgìthich den obair.”

3. Is e an t-Ollamh Dòmhnall MacFhionghain a thug orm tòiseachadh air obair còmhla ri Mrs. Kennedy-Fraser. An uair a dhiarr i orm, cha robh mi glè dheònach an toiseach, ach thuirt an t-Ollamh rium gum be mo dhleasdanas e, an chuid do na


[69]

h-Eileanan agus do na Gàidheil. Thug Mrs. Watson acheart chomhairle orm roimhe sin, agus, còig mionaidean às dèidh dhomh litir MhicFhionghain fhaotainn, bha mi an sàs anns an obair. An uair a bha facail mhatha aig na fuinn cheana, bha an obair furasda gu leòr; cha robh againn ach Beurla a chur orra mar a bfheàrr a burrainn duinn. Ach bha mòran de na fuinn a bha gun fhacail idircha robh iad ach asnàmh, mar gum beadh, anns aghaoithagus am bitheantas is ann agamsa a bha ris na fuinn sin a cheangal ri smaointinn no ri sgeul. Dhfheuch mi ris na Sàr-Ghàidheil a thoirt còmhla: Chulainn, Deirdre, Fionn, Diarmad, Oscar, Calum Cille, Brìghde, Donnan, Buachaille nan Eilean, agus mòran eile; agusnan cois obair làitheil an t-sluaigh air muir agus air tìr.

4. Chan eil na leabhraichean ri mo làimh aig acheart àm seo, agus chan eil sìon a dhfhios agam co mhiad òran a rinn mi. Chan eil e furasd an cunntastha cuid dhiubh an Gàidhlig, agus cuid eile am Beurla, agus mòran eile a chàraich mi. Is toigh le luchd-seinnTir nan Og” — “Eilean mo Chrìdh” — “Bruadar Cèin” — “Na Beannta Diùrach” — “Gràdh Geal mo Chrìdh” — “An Airigh” — “Air Lorg nan Eilean” — agusTrusaidh mi na Coilleagan.” Chan eil mi ag ainmeachadh ach na h-òrain Ghàidhlig. Rinn mi còrr is fichead de na fuinn. Tha iad uile air an seinn uair no uair-eigin, ach tha trì dhiubh ainmeil a nis: “An Crònan-bàis” (Death Croon), “Deirdre afàgail na h-Albann”, agusBrataichean na Fèinne.”

Cha bann gam dheòin a thòisich mi air rannan a dheanamh. Ach bha feum aig fuinn air facail, agus bfheudar tòiseachadh air facail a shnìomh. Is fheàrr leam gu mòr a bhith ri rosg na ri bàrdachd. Mur be na fuinn, cha toirinn bonn a h-ochd air achuid as motha de na facail. Is e na fuinn na sgiathanach, mu choinneamh sin, feumaidh eadhon an t-eun cnàimheach agus casan.

5. Rud bu mhaith le mo phiuthair a ràdh! Tha i an Dun Eideann an dràsda, ach is minig a thuirt i rium fhèin: “Thusa ag obair do dhaoine eile, agus nach fhaigh thu fiù taing air a shon!” Chan eil an sin ach leth na fìrinn, ma tha an leth fhèin ann. Thug agus fhuair micomann is càirdeas is gaol”, agus an diugh tha mo shaoghal làn de bhlàths. Is gann gun creideadh tu na thagam de chompanaich òga, agus an àireamh asìor-dhol nas


[70]

motha. A dhinnseadh na fìrinn, chan eil a h-aon diubh cho òg rium fhèinis gann gu bheil mi fichead fhathast!

Tha daoine air tighinn a-steach, agus feumaidh mi stad.

Cuimhnichidh mi air aGhàidheal.

Do sheann charaid,
Coinneach.

Chuir mi na h-òrain an gu Eòghan.

C.

titleLitir gu Caraid
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textV. Daoine
<< please select a word
<< please select a page