11. Iain Og Morragh
An uair a thachras dithis air a chèile a mhuinntir an aon àite, agus gu sònraichte anns na dùthchannan thall, cha chluinnear fad na h-ùine ach “A bheil cuimhne agad air siod?” ’s “A bheil cuimhne agad air seo?” Agus is iomadh sgeul neònach a thèid aithris air daoine a bha ann mun d’fhàs a h-uile fear coltach ri h-uile fear eile.
An uair a bha mi am bhalachan òg, bhiodh na daoine a ràinig meadhan-aoise a’ faighneachd de chach a chèile, “A bheil cuimhne agad air Iain Og Morragh?” O nach eil e idir coltach gum bi leithid Iain Oig ann a rithist, is maith as fhiach innseadh car son a bha e iomraideach ’na linn.
Bha ’athair iomraideach ’na dhòigh fhèin. Bha oighreachd bheag aige, fo làimh MhicLeòid, anns an Eilean Sgitheanach — an sgìreachd Bhràcadail, tha mi an dùil. Uair a bha e seòladh do na Hearadh, sguab oiteag ghaoithe a chleòc a-mach gu fairge, agus chan fhacas i tuilleadh. An làithean m’òige bhiodh smùid aig na mnathan-luaidh air
Uallach ho hò,
Cleòc a’ Mhorraich,
B’àrd a sheòl i
Seach an Rubha;
Chaidh i dh’Ile,
Chaidh i dh’Uibhist,
Chaidh i Thìr
Nan Cailleachan Dubha,
agus a dh’iomadh tìr eile, ged nach d’ràinig i Bràcadail!
Ach, ma tha cuimhne air an t-seann Mhorrach an diugh, chan ann a chionn gun do chaill e a chleòc, ach a chionn gu robh mac aige ris an abradh na h-Eileanaich “Iain Og Morragh”, ach ris an abradh Clèir an Eilein Sgitheanaich “An Dannsair”.
Cha robh Iain ach glè òg an uair a fhuair e, air facal nan daoine mòra, gu bhith ’na chlèireach an seirbhis an Rìgh ann an Lunnainn. Cha b’fhada an sin e gus nach robh uasal òg anns a’ bhaile a b’fheàrr a spailpeadh e na Iain Og Morragh. Mas fìor na naidheachdan a bhiodh e fhèin ag innseadh anns an Eilean Sgitheanach agus an eilean Eige, bha e ’na dhlùth chompanach aig a h-uile fear a b’fheàrr na chèile an Cùirt an Rìgh agus an Taighean na Pàrlamaid. Dh’ionnsaich e dannsadh agus modh on Teachdaire Spàinnteach, agus bha e cho eòlach air a’ Bhan-righ agus nach abradh e rithe air cùl a cinn ach “Seann Charoline Mhòr Bhreac.” Tha aon nì fìor co-dhiù. Cha b’fhada gus an robh Iain Og anns na fiachan, agus anns na làithean ud bha fiachan a’ ciallachadh prìosain. Ach rinn mo laochan car-mu-chnoc air na maoir, agus chaidh aige air teicheadh às a’ bhaile mum b’urrainnear a chur an sàs. Thubhairt e fhèin uair agus uair, “Ma ràinig mise an t-Eilean air a’ cheann fa dheireadh, is e mo theanga fhèin a rinn e — agus m’ fhidheall!” B’fhìor thoigh leis an Sgitheanach ainmeil, Alasdair MacNeacail, fear nan seanfhacal, a bhith ag innseadh mar a fhreagair Iain Og Morragh an coitear a thubhairt ris, “A Mhaighistir Iain, a Mhaighistir Iain, na thug thu leat à Bràcadail dh’fhàg thu an Lunnainn. Cha do chuir thu aon spiligean ’na cheann, agus tha thu an diugh cho falamh rium fhèin.” “M’anam-sa nach eil,” arsa Iain Og Morragh; “thug mi leam à Lunnainn mo cheòl ’s mo dhannsadh, mo mhodh, mo bhàrdachd, is m’oilean, agus thèid thu nas fhaide na Lunnainn mum faigh thu cho maith!”
Dh’aontaicheadh uaislean an Eilein Sgitheanaich agus na Hearadh leis. Cha robh taigh-mòr anns am biodh aighear is àbhachd nach fhaigheadh Iain Og Morragh a’ chiad chuireadh da ionnsaigh. Chluicheadh e an fhidheall, dheanadh is ghabhadh e òran, chuireadh e cleasan annasach a’ bhaile-mhòir ’nan siubhal, dhannsadh e cho maith ris na Spàinntich, agus cha tigeadh crìoch air na naidheachdan ait a bhiodh aige air na h-urracha-mòra an Lunnainn. B’fhiach e cuireadh fhaotainn!
Sin an duine, ma tà, a thàinig gu eilean Eige ’na mhaighstir-
sgoile, an uair a bha an ceathramh Rìgh Deòrsa air a’ Chrùn. An uair a thàinig e air tìr, is e thubhairt e:
Shaoil leam nach robh poll no eabar
An Eige gus an d’ràinig mi;
Shaoil leam gu robh clachan siùcair
A’ dlùthadh nan gàrraidhean.
Ach chrìochnaich e:
B’fheàrr leam bhith fo chreig an Eige
Na bhith an taigh an Arasaig.
Bha a dhòigh fhèin aige ’na theagasg, agus cha b’e dòigh nan colaisdean! An uair a bhiodh an latha trom fliuch, “A chlann chàich,” theireadh e ris na sgoilearan, “dè thug a-mach an diugh sibh? Is olc an t-oide-fòghlaim an dorchadas. Bheir sinn dìreach treis air na h-òrain, agus treis eile air an fhidheall is air dannsadh.” An uair a bhiodh an latha grianach, is e theireadh e, “Nach mòr am peacadh e, a’ chlann bheag neochiontach a bhith air an dinneadh ann an seòmar cumhann, agus na h-eòin cho caithreamach a-muigh! Mach sibh a-nis às an dèidh, agus bidh mi fhèin còmhla ruibh.”
Ach cha b’e latha gun bhuil gun bhuannachd a bhiodh ann. Cha robh lus no flùr a chitheadh Iain Og nach cuireadh e ainm air do na sgoilearan. Agus, nam biodh iad air mullach cnuic, cha robh àite a bhiodh am fradharc nach innseadh e nì-eigin dhaibh ma dheighinn — Rùm is Muile, Slèite is Mùideart, Arasaig is Mòrair, Cnòideart is Canaidh, agus iomadh ainm eile air a bheil blas na meala.
An uair a thigeadh an geamhradh, bheirteadh treiseag bheag a h-uile latha air leughadh is air cunntas is air sgrìobhadh, agus ’na dhèidh sin leigeadh Iain Og fhaicinn do na sgoilearan mar a dhannsadh an Teachdaire Spàinnteach, agus mar a dheanadh e beic, agus mar bu chòir beic a dheanamh dha. Is ann a bhiodh na sgoilearan diombach an uair a thigeadh an t-àm dol dhachaigh.
Anns na làithean ud, is e ministear na sgìreachd, agus fear eile den Chlèir còmhla ris, a bhiodh a’ ceasnachadh na sgoile, agus
cha robh iad idir idir toilichte leis an teagasg. “Chan e dannsairean a tha sinn ag iarraidh,” arsa ministear na sgìreachd, “ach sgoilearan. Thoir thusa dhaibh leughadh is cunntas is sgrìobhadh, agus nì iad fhèin grèim air na nithean eile.” “Leughadh!” arsa Iain Og; “na truaghain, dè th’aca ri leughadh? Cunntas! — na truaghain, dè th’aca ri chunntas? Sgrìobhadh! — na truaghain, co dh’ionnsaigh a sgrìobhas iad?”
An dèidh dhaibh an sgoil fhàgail, is e thubhairt an coigreach ri ministear na sgìreachd, “Is e mo bheachd-sa gu bheil car a dhìth agus car a bharrachd anns an Dannsair!”
Nam b’ann an diugh a bhiodh Iain Og a’ teagasg, cha bhiodh a dhòigh air a meas cho amaideach is a bha i ’na linn fhèin. Neo-ar-thaing cluich is ceòl anns na sgoilean an diugh, agus chan abair ministear no croitear gur h-olc! Agus, nam faigheadh maighistirean-sgoile an dòigh fhèin — agus b’fheàrr gum faigheadh — bhiodh co-dhiù roinn den teagasg a-rèir gnàths an t-sluaigh agus a-rèir cosnadh na dùthcha. Bhiodh an dà chuid an sgoil agus an sgìreachd aig am feabhas, nam biodh iad a’ gabhail an rathaid còmhla, ceum air a’ cheum. An uair a bha Iain Og Morragh a’ teagasg, is e an t-òran a bha deanamh luadh an aodaich agus iomram nam bàta aotrom, agus mar sin bha an t-òran a’ deanamh roinn den obair a bhiodh ùilleadh agus electricity a’ deanamh an diugh. Cha bhiodh an teagasg sin fada ceàrr, ma tà, a bheireadh treis don chosnadh agus treis don bhodhaig.
Chan eil mi ag ràdh gu robh Iain Og Morragh a’ cothromachadh a theagaisg mar bu chòir dha, ach faodar a ràdh co-dhiù gu robh e ceart anns na nithean a rinn e, ged bha e ceàrr anns na nithean a dh’fhàg e gun deanamh. Nan robh e air a bhith cothromach anns gach dòigh, cha b’Iain Og Morragh e.
****
Thug mi iomradh air Iain Og Morragh, am maighstir-sgoile, ach b’olc an airidh gun iomradh beag a thoirt air Iain Og Morragh, am bàrd. A-rèir an t-seanfhacail, “An uair a bhios Murchadh ’na thàmh, bidh e ruamhar,” ach an uair a bhiodh Iain Og ’na thàmh, bhiodh e deanamh òran, cuid dhiubh maith agus glè mhaith, agus cuid eile meadhanach. Bha mòran diubh
aige sgrìobhte ann an leabhar ach, goirid mun do chaochail e, loisg e an leabhar, agus an diugh chan eil cuimhne ach air glè bheag de chuid bàrdachd.
Latha bha ann, thuirt e ris na sgoilearan, “Chan eil sannt agam an diugh air leughadh no sgrìobhadh no cunntas a thoirt duibh, ach tha sannt agam air marbhrann a rinn mi fhìn an raoir ionnsachadh duibh. Rinn e sin, agus chuala mise e, an Loch Raonasa an Arainn, o bheul tè a dh’fhàg eilean Eige trì fichead bliadhna roimhe sin, tè a bha anns an sgoil aige.
Anns a’ mharbhrann tha Iain Og ag innseadh mar a thàinig bean-shìdhe ga ionnsaigh air latha grianach anns an fhoghar, agus a thuirt i ris, “Nach gluais thu cuide rium, Iain Oig!” Ghluais e cuide rithe agus, ma ghluais, chunnaic e le sùilean ùra obair an fhearainn ’na siubhal — na bà gam bleoghainn, am feur ga ghearradh, an coirce ga bhuain, agus òran air gach nì.
“Nach inntinneach deanamh an arain — “An cluinn thu ’n caithream ud, Iain Oig?”
ars a’ bhean-shìdhe ris, agus gu cinnteach is e Iain Og a dh’aontaicheadh leatha. Bha trian, mura robh dà thrian, de na daoine-sìdhe ann fhèin, agus tha mi deanamh dheth gur h-e a’ chuid sin de ’aigneadh a rinn a leithid de ghrèim air òigridh a latha fhèin. Mar a thuirt fear den òigridh sin rium fhèin, agus e nis ’na sheann duine, “Cha mhisde thu fhèin, a ghràidhein, gun d’rugadh tu anns a’ cheart sheòmar sin far am biodh Iain Og Morragh a’ fìdhleireachd agus a’ deanamh òran. Dh’fhàg e manadh às a dhèidh, agus b’e sin am manadh gun ghruaim.”
title | Iain Og Morragh |
internal date | 1950.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1988 |
level | |
reference template | Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p |
parent text | V. Daoine |