12. An Ceàrd Mòr

Chan eil fhios agam thubhairt an toiseach, “Mo chomann fhèin comann nan ceàrd,” ach bu dearbh bhràthair dhòmhsa e. Riamh on a burrainn domh coiseachd, bha eòlas maith agam orra, an chuid anns na h-eileanan agus air tir-mòr. Chan ebodacha their sinn ri seann cheàrd a thana cheannard air sgaoth de mhic agus de nigheanan agus de dhoghachan; is e a their sinn risAn Ceàrd Mòr”, ged nach bu mhotha e na druid.


[75]

Ach an Ceàrd Mòr air a bheil mi atoirt iomraidh an nochd, chan e aon duine a tha ann, ach fichead.

Is tric a their sinn ri cach a chèile, “ an saoghal a tha agad an diugh? ”, mar gum biodh a h-uile duine agus saoghal aige dha fèin. Tha sin fìor co-dhiù a thaobh nan ceàrd. Tha saoghal saor farsaing aca dhaibh fhèin, agus tha iad acur seachad an làithean agleac ris an t-saoghal sin eile a tha fantainn ann an taigheansaoghal nan gadgie (nam fear-taighe), mar their na ceàrdan fhèin. Thubhairt miagleac”, ach is e cluich a thann, agus chan e gleac da-rìreabh. Tha an ceàrd atoirt a bheò-shlainte às aghadgie le caran beaga seòlta a chaidh a chur ann mun dfhàg e gàirdeanan a mhàthar.

Ma , a ghaolaich,” ars an Ceàrd Mòr rium latha, “is beag a fhuair mi fhèin riamh air tàilleabh mo shaothrach, ach is iomadh rud a fhuair mi le beul-bochds le beul-bòidheach, agus giseag no dhà air an cùl.”

S ma tha achluich adol air acheàrd corr uair, cha chuir sin gruaman sam bith air. “Uair a bha siodars esan, “smaointich mi am inntinn fhèin, nan iarrainn na bu lugha, gum faighinn na bu mhotha; agus, nan tairginn pàidheadh airson na dhiarrainn, gur h-e bhiodh ann gun cumainn an chuid, mairgead agus mo chliù. Ach, feuch thusa, an do chùm! Achiad bhean-taighe dan tug mi an tairgse, ghabh i mo chuid airgid, agus cha dfhàg i agamsa ach mo chliù. Is i nach robh cearbach, acheart ! Ma thèid thusa gu bràth air an t-siubhal, a ghaolaich, fàg am beul-mòr às do dhèidh, agus thoir leat am beul-bochd” — comhairle a gheall mi gun gabhainn an uair a thigeadh an t-àm.

Ach iad, na ceàrdan? Tha mi deanamh dheth nach eil ach glè bheag de dhfhuil nan gipsies anns na ceàrdan againn fhèin. Gun teagamh, tha mòran dhiubh cho dubh ris an fhitheach, ach gheibhear gu leòr de dhaoine beaga dubha air taobh siar na h-Albann, agus air taobh siar na h-Eireann, ach is ann do na h-Ibirianaich, no sluagh na Mediterranean iadsan. Theireadh an Ceàrd Mòr, ma bha no nach robh e ceart, gur h-ann à Galla-Ghàidheil, no Galloway, a thàinig na ceàrdan ruadha, agus gun do thòisich achuid bu mhotha de na ceàrdan Gàidhealach air an t-siubhal an uair a bha na fineachan an sgòrnanan a chèile.

Mur be Colla Ciotach, ars an Ceàrd Mòr Mac-a- Phì, “be mo mhac-sa oighre Cholbhasa an diugh.” “Seo agad an tul-fhìrinn,”


[76]

ars an Ceàrd Mòr MacDhòmhnaill; “tha na daoine againn air an t-siubhal riamh on theich sinn à Gleanna-Còmhainn air oidhche na mollachd agus nan seachd sian.” “Tha cruinneachadh mòr ann an Inbhir Nis an diugh,” ars an Ceàrd Siosal, “agus, nam biodh achòir air a cumail, dhfhaodadh mo cheann-sa bhith glè àrd am measg nan uaislean a bhios cruinn.” Biodh an uaisle mar a dhfhaodas, tha dreach na fìrinn air achuid eile den t-seanachas.

An uair a chì thu an Ceàrd Mòr agabhail an rathaid, le cheann sgràbachs le aodach giobach, is beag nach abair thu, “Chan eil air an duine seo dìreach nach eil e ag itheadh an fheòir.” Is fada bhuaithe e. Tha rud no dhàna cheann nach fhaighear aon chuid an sgoil no an leabhar. Tha agamsa ri bhith beò air èiginn le breacadh de Ghàidhlig, agus leis nas lugha de Bheurla, ach a thuilleadh air Gàidhlig agus air Beurla tha trì cànainean eile aig aCheàrd Mhòr nach eil aig na sgoilearan as àirde am Breatainn. Tha aige na dhfhòghnas den Romani, seann chànain nan gipsies. Co-dhiù, nam biodh e ceannach eich no bàta anns an Romani, cha bhiodh e furasda an car a thoirt às, agus, nam bann gan reic a bhiodh e, ’s e am fear eile bu dòcha call. ’S tha làn a chinn aige den chànain ris an abair na sgoilearan Shelta no Shelru, ach ris an abair an Ceàrd Mòr e fhèinan Laideann Eireannach”. Rinn na h-àrd-sgoilearan a-mach gun deachaidh achànain seo a dhealbh às aGhàidhlig o chionn còrr agus mìle bliadhna le bàird agus ollamhan na h-Eireann, los gum faodadh còmhradh a bhith aca ri chèile nach tuigeadh càch. Bha iomadh seòl aca air na facail fhalach. Tha mòran dhiubh air an cur cas mu sheacham facal mac air a thionndan gu cam, agus am facal pog air a thionndan gu gop. Glè thric, cuideachd, tha litir no dhà air an cur ri ceann an fhacail, no ri earball, no ris an chuid. Mar seo tha am facal aimsir air atharrachadh gu grimsha, agus am facal rìgh (no rig anns an t-seann Ghàidhlig) gu srigo. Ach chan eil ùine air tuilleadh a ràdh mu dheighinn Shelta, an Laideann Eireannach, agus, co-dhiù, tha mi fhèin nas eòlaiche air an treas cànain, mas cànain i, a thaig aCheàrd Mhòr, agus ris an abair e fhèinAChainntno corr uairAm Brothlach.” Tha cuimhne agaibh gur h-e am Brothlach a theireadh muinntir na Fèinne ris achoire mhòr anns am biodh iad abruith a h-uile seòrsa bìdh còmhla,


[77]

agus is e fìor mheasgan a thanns achainnt seo a bhios na ceàrdan abruidhinn ri cach a chèile. Bhithinn fad an comain nan sgoilearan a tha ag èisdeachd rium an nochd, nan innseadh iad dhomh cia meud cànain a tha an Ceàrd Mòr acur fo chìs anns na facail seo:

Gadgie. .. .. Fear-taighe
San Gadgie. .. .. Duine mosach
Bauri gadgie. .. Toirt achar à fear-taighe
Manishi no Beòr .. Boireannach
Grannam .. Coirce
Carnis .. Feòil
Sprach .. Iarr
Bir .. Bàta
Haben .. Aran
Test .. Ceann
WenetranoFenetra .. Uinneag
Pani .. Uisge
Pani Deevies .. Latha fliuch
LignoDrom .. Rathad
Gauni .. Cearc
Ciri .. Caora
Meggat .. Uan
Gry .. Each
Yag .. Teine
Mealie .. Siùcar
Vil .. Baile
Sallachan .. Mionnachadh
Ringan .. Coire
Ja Avree .. Gabh romhad
Bing avree .. Thig an seo, no tiugainn leinn

Fòghnaidh sin an dràsda, ach is fheudar dhomh aideachadh nach eil uair a thachras an Ceàrd Mòr orm nach eil fìor shannt orm mo làmh a churnam bhonaid ro leithid a sgoilear.

Ach chan eil an dùrachd sin aig a h-uile fear. “An cuala thu riamh, a ghaolaich,” ars an Ceàrd Mòr rium, “mar thuirt mi ris an duine seo shuas, an uair a dhiùlt e le feirg sochair bheag a dheanamh domh, agus misena cheart fheum?” ‘Tha seòrsa de


[78]

dhreuchd anns an Eaglais,’ arsa mi fhèin ris, ‘agus thèid thu air do ghlùinean moch is anmoch a dhiarraidh fichead air an Fhreasdal air nach eil feum sam bith agad, ach thèid thu fhèin air an dearg chuthach ma dhiarras ceàrd bochd seann bhriogais ort! Och, a dhuine thruaigh, cha bu tu mi, ’s cha bu mhi an .’ Thug mi sin da, dìreach beul mun t-sròin, biodh e buidheach no diombach.” Is mi a chreideas. Is maith as aithne don Cheàrd Mhòr a bhith modhail goirt, agus, mas fheudar, a bhith goirt gun a bhith modhail.

Ach, ge mòr mfharmad ri fòghlam agus ri airmseachd nan ceàrd, is motha na sin mfharmad rin cuid ceòlmhorachd. Mar thuirt Murchadh nam Port, à Bearnaraigh na Hearadh, “Neo-ar-thaing caran is camagan is cuairteagan anns na puirt agam fhèin, ach manamsa!, gur h-e car-a- mhuiltein gun stad a bhios puirt nan ceàrd adeanamh.” Cha mhisde na puirt sin! Is fhad a leanainn fhèin an Ceàrd Mòr, is e cluich am beul na h-oidhche, “Thèid mi dhachaigh Chrò Chinn-t- sàile”, agus shiùbhlainn eadhon na bfhaide a dhèisdeachd ris, is e gabhail tàlaidh do na h-oghachan an àm cadail.

, , ghibean,
, , ghibean,
, , ghibean,
gheibh thu far an laigh thu,
Ghaoil, an nochd?

Gheibh e mo bheannachd-sa, co-dhiù, “Far an laigh thu, Ghaoil, an nochd.”

titleAn Ceàrd Mòr
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textV. Daoine
<< please select a word
<< please select a page