13. Maighistir Dòmhnall
O chionn beagan linntean bha gille òg an Uibhist a Tuath ris an abradh na coimhearsnaich Calum na Gealaich. Bha a mhàthair ’na bantraich agus a’ chuid eile den teaghlach glè òg, agus is ann air Calum a bha uallach an taighe. O mhoch gu dubh bhiodh e buachailleachd crodh a’ bhaile, agus an uair a bhiodh a’ ghealach ann dh’obraicheadh e gu meadhan oidhche air fearann a mhàthar. Is e sin a b’adhbhar gun d’fhuair e an t-ainm, Calum na Gealaich. Dh’fhàg e dìleab eireachdail aig a shliochd.
Tha an sliochd sin an dà chuid lìonmhor agus iomraideach anns an Eaglais. B’aithne dhomh fhèin seachd-deug dhiubh, agus, mas maith mo bheachd, bha no tha uiread eile dhiubh ann. Bha iad uile ’nan deagh mhinistearan, uasal ’nan dòigh agus dùrachdach ’nan dreuchd, agus bha cuid dhiubh a choisinn cliù ann am bàrdachd agus an eachdraidheachd.
’Nam measg air fad cha robh fear eile a bheireadh bàrr air Maighistir Dòmhnall, mar theireamaid ris mun do rinn Oilthaigh Ghlaschu Ollamh dheth. Ged nach d’fhàg e leabhar no sgrìobhadh sam bith às a dhèidh, is fheudar gu robh meudachd annsan a fhuair a leithid de ghrèim air an sgìreachd anns an do rugadh e, agus anns an robh gach dàrnacha teaghlach càirdeach dha fhèin. Ach bha na h-Uibhistich riamh ’nan daoine lèirsinneach, agus cha robh fear no tè ’nam measg nach aidicheadh, mas e fear diubh fhèin a bha seo, gu robh e on chridhe gus a cheann na b’àirde na iad fhèin. Thòisich iad le dlighe ministeir a thoirt da: chrìochnaich iad le h-uile dlighe a bha ann a thoirt da. Bhiodh e an diugh ’na bhritheamh, am màireach ’na chomhairliche, an earar ’na ionmhasair, agus ’na phears-eaglais fad na h-ùine. Cha b’ann le smachd na clèire a thug e mach dha fhèin gaol agus earbsa an t-sluaigh, ach leis a’ chridhe bhlàth, leis an làimh fhosgailte, agus leis an toinisg sin anns a bheil faite gàire.
Bha mi fhèin còmhla ris an latha sin a thàinig fear ga ionnsaigh an imcheist mhòir, a chionn gun tug e bòid nì sònraichte a dheanamh nach biodh idir a chum maith na h-Eaglais. “Seadh, a ghràidhein,” arsa Maighistir Dòmhnall, “an cuala tu riamh an seanfhacal, ‘Bòid nach còir a thabhairt, cha chòir a chumail’ .” “Ach a bheil sin ceart, a mhinisteir? Nach fiachan air duine rud a gheallas e?” “Saoil, a ghràidhein, an robh Herod ceart an uair a thug e an ceann de Eòin Baiste, los a ghealladh a chumail?” “Cha robh, a mhinisteir, cha robh idir idir — agus, ler cead, bidh mi nis a’ falbh, agus m’eallach dhiom.”
Ged a bha Maighistir Dòmhnall an dà chuid dìcheallach agus cothromach anns gach dleasdanas a bhuineadh don sgìreachd, cha robh e idir aig fheabhas gus an seasadh e anns a’ chrannaig. Cha chuala mi searmonaiche riamh a b’fheàrr leam èisdeachd ris o thoiseach gu deireadh na bliadhna. Bha tàbhachd ’na theagasg agus loinn air a chainnt. Gun teagamh cha robh e deas-bhriathrach, ged a bha sin ’na chomas cuideachd, ’nam b’e thoil
e. B’fheàrr leis gu mòr a bhith labhairt ri coimhthional mar gum biodh e a’ reusonachadh ri caraid taobh an teine. Bheireadh e mach ceann-teagaisg, chuireadh e a chorrag air a’ phrìomh-smaointinn anns a’ cheann-teagaisg sin, agus leanadh e an smaointinn seo tre lùban agus tre chama-lùban gun a lorg a chall, gus an càiricheadh e i gu sèimh socair ann an eanachainn agus an cridhe an luchd-èisdeachd. Cha bu dàna dhomh a ràdh nach robh mòran eaglaisean an Albainn anns an cluinnteadh teagasg cho fallan no cho farsaing is a chluinnteadh an Eaglais Chille-Mhoire an Uibhist a Tuath. Agus bha bhuil ann. Mar thuirt fear den choimhthional, “Far an d’fhuair an t-uan am bainne, thèid e rithist ann.”
Ach bha iad ann, eadhon an Uibhist, daoine a bhiodh a’ gearan nach robh Maighistir Dòmhnall cruaidh gu leòr no idir bagarrach gu leòr ’na theagasg. Chaidh am freagairt aon Dòmhnach co-dhiù. “Faodaidh e bhith gu bheil cuid anns an èisdeachd a their nach eil mi cruaidh gu leòr air daoine, no eu-dòchasach gu leòr m’an taobh.” Thàinig togail air a cheann agus lasag ’na shùil. “Rachaibh don chladh ud shìos, matà, agus abraibh an sin, os cionn luchd bhur gaoil, nach eil ministear Chille-Mhoire cruaidh gu leòr a thaobh nam beò no eu-dòchasach gu leòr a thaobh nam marbh. Abraibh e, ma thèid agaibh air.” Mas maith an sgàthan an t-sùil, thàinig tiomadh, mur tàinig fiamh cuideachd, air gach cridhe anns a’ choimhthional.
An dèidh adhlacadh Chalum Chille, chaidh fear de na manaich a-steach don Eaglais Mhòir a dheanamh ùrnaigh. An uair a dh’amhairc e mun cuairt, thàinig rachd caoinidh air; “Is fuar falamh an eaglais an diugh, gun esan innte.”
title | Maighistir Dòmhnall |
internal date | 1950.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1988 |
level | |
reference template | Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p |
parent text | V. Daoine |