23. Bualadh aig an Doras

Feuch, tha mi am sheasamh aig an doras agus abualadh. — Taisb. 3:20.

Tha na facail seo air an cur, mar gum beadh, ann am beul an t-Slànaigheir, dìreach mar gum biodh am fear a sgrìobh Leabhar an Taisbeanaidh ag ràdh: “ ’S e seo a theireadh an Slànaighear anns acheart shuidheachadh.” Agus mas e an t-Abstol Eòin a sgrìobh Leabhar an Taisbeanaidh (agus bha an Eaglais acreidsinn on toiseach gur h-e) , is maith a bha fhios aige-san theireadh an Slànaighear agus bhiodh e ciallachadh a ràdhmur robh fhios aig Eòin air sin, cha robh aig fear sam bith eile (cha bann gun no dhà ionnsachadh a bha ena laighe am broilleach an t-Slànaigheir).

Feuch, tha minam sheasamh aig an doras.” ’S e an doras doras achridhe, agus tha an Slànaighearna sheasamh aig an doras sin agus abualadh — ’s e sin ri ràdh, tha e ag iarraidh cead tighinn a-steach. Tha sinn uile acreidsinn gu bheil Dia Uile-chumhachdach, agus gum faodadh e, nam be a thoil e, tighinn a-steach a dheòin no dhaindeoin. Ach cha bi sin dòigh


[108]

an t-Soisgeil riamh. “Thigibh a mionnsaigh,” thuirt an Slànaighear. “Thigibh”, agus faodaidh an duine aona chuid tighinn no fuireach air falbh. Eadhon anns an t-Seann Tiomnadh, fada roimh àm an t-Soisgeil, tha e sgrìobhte, “Deanaibh roghainn.. . ”, agus tha e air fhàgail aig an duine fhèin an roghainn a dheanamh. Agus tha acheart fìor nar ceann-teagaisg. Tha an cumhachd aig an duine aona chuid an doras fhosgladh no a chumail dùinte. Is mòr an cumhachd e, agus is mòr an uallach e air an duine an cumhachd sin a bhith aige. Gun teagamh, ’s mòr as fhiach cumhachd, ma nithear feum maith dhethach bfheàrr don duine gun chumhachd idir a bhith aige na gun deanadh e droch fheum dheth.

Thoir an aire mar a tha e air a chur nar ceann-teagaisgagus anns an dùthaich seo co-dhiù chan urrainn an lethsgeul a bhith aig neach sam bith nach eil e acluinntinn Mac Dhè abualadh anns an doras. Tha an ceann-teagaisg ag ràdh, chan ema chluinneas neach .. mo ghuth”, achma dhèisdeas”. Fear sam bith a leugh an Tiomnadh Nuadh no a chuala e air a leughadh, tha e acluinntinn Mac Dhè abualadh ann an sin. Fear sam bith a bha anns an eaglais no eadhon a chunnaic an eaglais on taobh a-muigh, tha am bualadh ann an sin. Tha, agus ann an cunnartan agus draghannan an t-saoghail, latha an dèidh latha. Ma tha neach, ma , acumail an dorais dùinte, chan ann a chionn nach eil e acluinntinn, ach a chionn gu bheil nitheanna chridhe nach còrdadh ris-san a tha ag iarraidh a-steach.

Ach seo an taobh eile: “Ma dhèisdeas neach ri mghuth, agus gum fosgail e an doras, thig mi a-steach agus gabhaidh mi mo shuipear maille ris agus esan maille riumsa.” Tha an suipear aciallachadh . (1) Is e càirdeil a thann an suipear. Tha e leigeil fhaicinn gu bheil deagh dhùrachd annsan a thàinig a-steachgu bheil e toilichte a bhith còmhla ruinn, agus gu bheil fhios aige gu bheil sinne cuideachd toilichte. Nan tigeadh fear a-steach a dhaon ghnothach chum ar dìteadh, no gum biodh droch dhùrachd aige ruinn, bhiodh e coma a shuipear a ghabhail còmhla ruinn. Tha na facail, ma , “gabhaidh mi mo shuipear maille ris”, aciallachadh gàirdeachais agus toileachas-inntinn air an thaobh.

(2) Ach nach fhaod a bhith gu bheil na facail aciallachadh eadhon tuilleadh na sin. Mas e an t-Abstol Eòin a sgrìobh seo, is


[109]

iongantach mura robh e smaointinn air suipear eilean Suipear sin aig an robh ena laighe air broilleach an t-Slànaigheiran Suipear ris an abair sinn am bitheantasAn ComanachadhnoSàcramaid Bòrd an Tighearna”. Cha bhiodh e furasda do dhEòin a bhith tuigsinn gum fosgladh fear sam bith doras a chridhe don t-Slànaighear agus gum biodh e aig acheart àm adiùltadh a bhith suidhe aig bòrd còmhla ris an t-Slànaighear. Gun teagamh, a dhòigh fhèin agus a shaor-thoil fhèin do gach aon, oir feumaidh gach neach seasamh no tuiteam air beulaibh a chogais fhèin. Ach co-dhiù tha e freagarrach, gun a chur nas làidiriche na sin, gum biodh iadsan a dhiarradh an Slànaighear a bhithnan cridhe asuidhe taobh ri taobh aig Bòrd an t-Slànaigheir.

Gabhaidh mi mo shuipear maille ris.” Sin an gealladh. Far am bi dithis no triùir agus deagh-dhùrachdnan cridhe, tha esan ann an sin. Nam burrainn na h-uile dhaoine a ràdh, “Chan eil cron no coire annamsa; tha mi iomlan, coimhlionta anns gach dòigh”, cha bhiodh feum an uair sin aona chuid air Slànaighear no air Bòrd Comanachaidh. Is ann a chionn gu bheil e cho buailteach dhuinn dol air seachran, a tha sinn ag iarraidh, mar gum beadh, teadhair a chur oirnn fhèin agus an teadhair sin a cheangal ri Bòrd Comanachaidh. Agus ma their fear, “Cha toigh leamsa teadhair”, theirinn ris gur fheàrr teadhair na dol leis na creagan. Ach co-dhiù is teadhair seo nach leig leas dorran a chur air neach sam bithnas mìne na an sìoda, no nas mìne eadhon na an ceò, cha bann le làimh duine a chaidh a shnìomh no a thoinneamh, ach le gràdh Dhè, agus an sin a thig o ghràdh Dhè, is e an sin a mhaireas.

titleBualadh aig an Doras
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textVI. Searmonan
<< please select a word
<< please select a page