16. Sgeul a dhinnseadh

Chaith sinn ar bliadhnachan mar sgeul a dhinnseadh. - Salm 90:9.

Tha na facail a leughas sinn am bitheantas fada air falbh bhuainn fèintha iad mar gum biodh dùthaich fad àsno mar dhaoine nach fhaca sinn riamh ach air an cuala sinn iomradh. Ach tha na facail a leughas sinn atighinn nas dlùithe dhuinn fhèin an uair a tha iad atoirt iomraidh air -eigin air a bheil sinn fhèin eòlach-eigin a tha tachairtnar beatha fhèin agus am beatha ar cuid choimhearsnach. ’S tha seo anabarrach fìor a thaobh facail ar cinn-teagaisg an diugh. Is tric a their sibh, “Tha ar bliadhnachan adol seachad mar sgeul a dhinnseadh”, dìreach mar a dhfhaodamaid a ràdh, “Tha e fuar an diugh” — ’s chan eil an còrr ma dheighinn. Ach nuair a chuireas sinn na facail ruinn fhèin, agus a chuimhnicheas sinn air na nithean a thachair nar latha, an chuid nar beatha fhèin agus am beatha nan daoine abaithne dhuinn, tha na facail atighinn dlùth


[86]

dhuinn fhèin an uair sin, ’s tha sinn amothachadh air ar son fhèin gu bheil iad fìor.

Tha cuimhne aig cuid anns an eilean air seann Mhgr. Curdie. Tha ciad agus deich bliadhna ann on thàinig e dhan eilean; tha trì fichead bliadhna ann on shiubhail e. Nach iomadh Comanachadh a bhann on thàinig e dhan eilean. Seo an t-ochdamh Comanachadh fichead anns an Eaglais ùr seo. No smaointicheadh iadsan a tha seachad air meadhan-aois air an taigh anns an drugadh iad, agus na taighean far an do chuir iad seachad treis den ùine, agus far a bheil iad an diugh. Is iomadh a thachair anns an ùine sin, agus is iomadh seòrsa oibre a chaidh a dheanamh, agus is iomadh facal a chaidh a ràdh, agus is iomadh coimhearsnach air a bheil cuimhne aca. Ach dhfhalbh gach mar sgeul a dhinnseadh, ’s chan eil ann ach seann naidheachd a-nis. Mar tha an seanfhacal ag ràdh, “Sin sgeul a bha ùr an uraidh; tha e sean am bliadhna.” ’S mar tha seanfhacal eile ag ràdh, “Cha bhi cuimhne air an Nollaig aig aChàisg.” Gu cinnteach, tha sinn acaitheamh ar bliadhnachan mar sgeul a dhinnseadh. Tha an sgeul ga innse, ’s tha e seachad an sin, ’s ged a dhfhaodas seòrsa de chuimhne bhith againn air, tha e daonnan dol nas fhaide bhuainn; dìreach mar gum biodh fear a thachradh ruinn air an rathad mhòr; beiridh sinn air làimh airs their sinn facal no dhà ris, ’s tha sinn adealachadh an uair sin, ’s tha h-uile ceum gar toirt nas fhaide o chèile.

Ach chan eil an sin ach aon taobh. Faodaidh beatha an duine a bhith mar sgeul a dhinnseadh, ach tha an sgeul sin ag atharrachadh beatha an duine. Faodaidh sinn tarrang a chur ann am fiodhs a thoirt às gun dàil, ach tha e fàgail làraich às a dhèidh. ’S chan eil atachairt ann am beatha an duine nach eil afàgail làraich air chor-eigin às a dhèidh. Faodaidh e bhith nach eil sinne ga fhaicinn no ga mhothachadh, ach tha e ann an sin. Tha an sgeul, ma , ag atharrachadh ar dòigheans ar beachdans eadhon ar nàduir, gun fhios duinn fhèin. Mar dhearbhadh air seo, chan eil agaibh ach an aois agus an òige a chur taobh ri taobh, gun ghuth idir air an eadar-dhealachadh ann an coslas agus ann an comas, chan ionann dòigheannan no beachdan no faireachdainnean. ’S e sgeul nam bliadhnachan a tha deanamh an eadar-dhealachaidh. Ach tha achuibheall adol mun cuairt gun fhois, gun stad. Aois an an diugh, bi sin


[87]

òige an an , agus òige an an diugh, sin aois an làrna-mhàireach. Tha an aon sgeul, ma , ga innse anns gach linn, le atharrachadh beag an siud is an seo anns an sgeul.

Ach is maith dhuinn gu bheil tuilleadh agus sin ri ràdh. Tha am Bìoball ag ràdh, “Maille ri Dia chan eil atharrachadh”, agus cuideachd, “Iosa Crìosd, an , agus an diugh, agus gu sìorruidh an ceudna”. Agus chaidh an duine a chruthachadh ann an ìomhaigh Dhè - abheatha sin a thanns an duine, ’s ann o Dhia a thàinig i an toiseach. Falbhaidh an fheòil, ma , ach mairidh an Spiorad. Faodaidh bliadhnachan an duine a bhith mar sgeul a dhinnseadh, ach tha sgeul eile ri innse an uair nach bi bliadhnachan ann.

Is ann air sin a bhios sinn asmaointinn aig àm Comanachaidh. Tha suas ri mhìle bliadhna on bha achiad Chomanachadh ann, ’s cha ghabh iad cunntas na shuidh aig aBhòrd anns an ùine sin, an chuid sean agus òg. Chan urrainn domh chreidsinns chan urrainn duibhse chreidsinn gu robh na daoine sin uile air am mealladh anns an dòchas a bhaca. Bha cuid dhiubh cho ainmeil airson na h-oibre a rinn iads gu bheil iad thun an an diugh adeàrrsadh mar gum biodh na reultan ann. Agus is e an dòchas a bhaca, an uair a bhiodh am bliadhnachan seachads a thigeadh oidhche am beatha, nach biodh anns an oidhche sin ach doras, mar gum beadh, thun an sgeul agus an latha air nach tigeadh crìoch. ’S ann a chionn gu bheil sinn acreidsinn sin a tha sinn atighinn thun a Bhòrd-san mum bheil e air a ràdh, “Esan a bha beò agus a bha marbh agus a tha beò a rithist”, agus a thuirt ra dheisciobail, “Tha mi dol a dhullachadh àite dhuibh, chum far a bheil mise, gum bi sibhse mar an ceudna.”

titleSgeul a dh’innseadh
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textVI. Searmonan
<< please select a word
<< please select a page