19. Ardachadh is Isleachadh

Ge be neach a dhàrdaicheas e fèin, ìslichear e; agus ge be a dhìslicheas e fèin, àrdaichear e. — Lùcas 18:14.

Air an t-Sàbaid seo chaidh bha sinn asmaointinn air an Phairiseach agus air achìs-mhaor a chaidh suas don Teampall a dheanamh ùrnaigh. Rinn am Phairiseach ùrnaigh mhòr ga mholadh fhèin agus ag innse do Dhia cho maiths a bha e agus cho donas a bha daoine eile. Agus, air an làimh eile, cha leigeadh an t-eagal no an nàire leis achìs-mhaor fiù a shùilean a thogail suas gu nèamhbhuail e uchds cha burrainn dha an còrr a ràdh ach seo: “A Dhia, dean tròcair ormsa a tha am pheacach.” Agus thuirt an Slànaighear gun do ghabh Dia ri ùrnaigh iriosal achìs-mhaoirs gun do chuir e cùl ri ùrnaigh uaibhreach an Phairisich, aguss e an co-dhùnadh a dhionnsaigh an tàinig sinn gur h-e tha uasal an irioslachd, an chuid ann an seagh nàdurra agus ann an seagh spioradailann


[95]

an seagh nàdurra, gur h-e am fear sin a tha iriosal blàth, agus a ta faotainn dlùth don fheadhainn a ta air an cunntas nas ìsle na e fhèin, gur h-esan a tha uasal agus duineil; agus, ann an seagh spioradail, gur h-e am fear sin a tha smaointinn glè bheag de a mhaitheas fhèin is nach bi tuilleadh is cruaidh air daoine eile, gur h-esan, a-rèir teagasg aBhìobaill, a bhios air a chunntas iriosal uasal ann an sealladh nèimh.

An diugh smaointicheamaid air na facail a thuirt an Slànaighear a thaobh an Phairisich agus achìs-mhaoir air an tug sinn iomradh air an t-Sàbaid seo chaidh: “Ge be a dhàrdaicheas e fèin, ìslichear e; agus ge be a dhìslicheas e fèin, àrdaichear e.”

Tha daoine gan àrdachadh fèin ann an dhòigh. Air an aon làimh, tha daoine gan àrdachadh fèin an an dòigh an Phairisich. Tha iad adeanamh dheth, ma tha iad aleantainn riaghailtean on taobh a-muigh, aleughadh aBhìobaill, ’s acumail na Sàbaid, ’s adeanamh ùrnaigh, ’s agluasad gu faicilleach am measg an t-sluaigh, gu bheil iad nas fheàrr na daoine eile. Gun teagamh, tha na nithean sin iomchuidh, ma tha iad air an deanamh anns an spiorad cheart, is ann a ta iad afàgail dhaoine iriosal, agus chan ann mòr asda fhèin. Ma tha na nithean sin afàgail dhaoine cho cruaidh cumhann neo-thaitneach agus mòr asda fhèin ris na Phairisich, tha ena chomharradh gu bheil an cridhe fuar, agus nach eil an teine air a lasadh ann. Agus, co-dhiù, chan urrainn duinn faotainn thairis air seogu robh an Slànaighear fhèin anabarrach dèidheil air achridhe bhlàth. Is ann mu dheighinn a bhair a cunntasna bana-pheacaich mhòir a thuirt e: “Tha a peacaidhean a ta lìonmhor air am maitheadh”; air an adhbhar sin ghràdhaich i gu mòr. ’S tha cuimhne agaibh gu robh an Slànaighear, a-rèir coslais, na bu dhèidheile air triùir de na deisciobail na bha e air càchPeadar, Seumas, agus Eòin; agus a-rèir coslais, cuideachd, be an triùir sin luchd achridhe bhlàth. Bha Peadar cho blàth-chridheachs gu robh e iomadh uair nach robh fios aige bha e deanamh, ’s bha e cearta-coma dheanadh e fhads a gheibheadh e blàths achridhe a-mach. ’S bha an t-Abstol Eòin a rithist cho blàth-chridheachs gur h-e bhiodhna laighe air broilleach an t-Slànaigheir, agus gur h-ann da a thug an Slànaighear an t-àite bu bhlàithena chridhe. Chan eil ena iongantas idir, ma , ged thuirt an Slànaighear, “Esan a


[96]

dhàrdaicheas e fèin, ìslichear e; agus esan a dhìslicheas e fèin, àrdaichear e”, oir chan ann o bhlàths ach o fhuachd achridhe a dhàrdaicheas duine e fhèin. Agus am fear a dhàrdaicheas e fhèin, bithibh cinnteach às a seo, biodh e luath no biodh e mall, gun ìslichear e. Faodaidh sin tachairt ann am iomadh dòigh, ach co-dhiù tachraidh e.

Ach cuimhnichibh gu bheil dòigh eile ann cuideachd anns am faod neach a bhith ga àrdachadh fhèin, ’s gun fhios aige air fad na h-ùine. Nach tric a chluinneas sibh fear ag ràdh: “Chan eil mise adeanamh aideachadh sam bith; chan eil mi ceangailte ri Eaglais ann, ’s chan eil mi gabhail orm fhèin ann an dòigh sam bith a bhith nas fheàrr na mo choimhearsnaich; ach aig acheart àm chì mi luchd-aideachaidh adeanamh iomadh nach deanainn-sa, agus ann an iomadh dòigh tha iad nas miosa na mi fhèin.” tha an duine sin adeanamh, ma , ach ga àrdachadh fhèintha e ga dheanamh fhèinna bhritheamh air càch, agus atoirt breith orra, agus anns an t-seagh sin ga àrdachadh fhèin, agus mura h-ìslichear e ann an dòigh sam bith eile, faodaidh e bhith gun tèid ìsleachadh anns an dòigh seogu faic e air acheann fa dheireadh gu robh e ceàrrna bheachd. Thuirt duine glic roimhe, “Na toir breith air neach sam bith gus am feuch thu ri thu fhèin a churna àite, agus gus an tuig thu bhana aire agus an dùrachd a bhana chridhe.” ’S am bitheantas am fear a sin, cha toir e breith idir.

Nis, gu ruige seo bha sinn asmaointinn air achiad chuid den cheann-teagaisg — “Esan a dhàrdaicheas e fèin, ìslichear e; ach tha achuid eile pailt cho fìor — “Esan a dhìslicheas e fhèin, àrdaichear e”. Cha ruig mi leas a chur nur cuimhne mar a dhìslich an Slànaighear e fhèin. Dhìslich e e fhèin an uair a ghabh e air fhèin nàdur an duine. Dhìslich e e fhèin o a bhreith gu a bhàs air sgàth a shluaigh. Agus chan iongantach ged dhìslicheadh daoine eile iad fhèin. Tha e air a ràdh ann an Leabhar Aithghearr nan Ceist gu bheil sheòrsa peacaidh ann - peacadh gin agus peacadh gnìomh. Is e peacadh gin am peacadh a thanns an duine gu nàdurra, ’s a chaidh a bhreith còmhla ris, ’s nach fhàg e gus an dealaich an anail ris. Agus is e peacadh gnìomh am peacadh a tha an duine acur an gnìomh, an dèidh . Ach tha am Bìoball ag innse dhuinn gu bheil sheòrsa de pheacadh gnìomh annair an aon làimh, an t-olc a


[97]

ta e deanamh; air an làimh eile, am maith a ta e fàgail gun deanamh. Aguss e seo an gnothach: ged nach biodh an t-olc a ta daoine deanamh gan dìteadh idir, bhiodh co-dhiù am maith a dhfhàg iad gun deanamh gan dìteadh. Nach eil e soilleir, ma , nach eil dol às ann, ’s nach eil a h-aon againn nach fhaod breith air làimh an fhir eile agus a ràdh, “Ma tha thusa ciontach ann an aon , tha mise ciontach ann an eile.” Thuirt a h-aon de na naoimh o shean, “A dhaindeoin na dhfheuch mi de mhaith a dheanamh, dhfhàg mi a dhà uiread gun deanamh; ’s iomadh coibhneas a dhfhaodainn a dheanamh nach drinn mi, aguss iomadh facal blàth a dhfhaodainn bhith air a ràdh, nach dubhairt mi; ’s bha mi riamh na bu choibhneile rium fhèin na bha mi ri daoine eile.” Agus nach fhaodadh sin a ràdh; ’s nan smaointicheamaid air gu h-onarach, an àite bhith faotainn coire do chach a chèile, ’s e theireamaid, gach aon air a shon fhèin, “A Thighearna, dean tròcair ormsa a tanam pheacach.” Air mo shon fhèin, feumaidh mi aideachadh gum biodh barail a bàirde agam air an duine a theireadh na dhà no trì facail sinna chridhe, ’s e ag imeachd air an rathad-mhòr, na ged bhiodh e air a ghlùinean fad an latha am fianais dhaoine eile. Tha fios aig Dia thanns achridhe, ’s tha sinn aciallachadh, ’s an dùrachd a thanns achridhe, agus nach e sam bith on taobh a-muigh a tha cunntas air acheann mu dheireadh.

Tha e air a ràdh mu dheidhinn Chalum Chille gu robh e aon latha, o ghairm choileach gu dol fodha na grèine, air a ghlùinean anns an eaglais, adeanamh ùrnaigh. An ciaradh an fheasgair chaidh e mach, agus thachair ris ach fear de na bràithrean. Dhfhaighneach Calum Chille dheth càite an robh e air a bhith. “Ma ,” ars am fear eile, “chuala mi gun deachaidh h-aon de na bràithrean air seachran, ’s chaidh mi a dhaon ghnothach far an robh e a dhinnse dha, ma bha esan dona, gu robh mi fhèin a sheachd mhiosad ris.” “Is tusa,” ars Calum Chille, “a bha ag ùrnaigh, agus cha be misemise am fianais dhaoine, ach thusa am fianais nèimh.”

titleArdachadh is Isleachadh
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textVI. Searmonan
<< please select a word
<< please select a page