21. Anns an Oidhche
Agus ’s e an oidhche a bh’ann. — Eòin 13:30.
Ann an eachdraidh an t-saoghail tha dà sheòrsa ann de dhaoine ainmeil — na daoine sin a tha ainmeil a chionn gun d’rinn iad maith, agus na daoine a tha ainmeil a chionn gun d’rinn iad olc. ’S ann den dara seòrsa a tha Iùdas, agus tha e aig fìor cheann na rèisimeid dam buin e. Their sinn am bitheantas gu bheil Iùdas ra dhìteadh a chionn gun do bhrath e a Mhaighistir. Ach chan e sin idir an dìteadh as motha a tha ’na aghaidh. An nì a bhios air òrdachadh tachraidh e, agus tha e soilleir gu leòr gu robh Calbhairi agus an Crann-ceusaidh air òrdachadh ’s ged nach robh Iùdas air Crìosd a bhrath, is e bàs a’ Chroinn-cheusaidh a bhiodh ann co-dhiù. Is e dìteadh Iùdais gun do pheacaich e an aghaidh an t-solais; chuala e na b’fheàrr agus bha fios aige air na b’fheàrr, is a dh’aindeoin sin, is e a’ chuid bu mhiosa ’s chan e a’ chuid a b’fheàrr a rinn e. Is iomadh fear a nì nì ceàrr ann an iomrall no gun smaointinn, ach cha chualas riamh gun gabhte lethsgeul an duine sin, eadhon ged a bhiodh a chaomh-charaid ceàrr. An tug sibh an aire riamh cho beag ’s a tha am Bìoball ag ràdh mu dheidhinn Iùdais. Tha e daonnan air ainmeachadh gur h-e a bhrath an Slànaighear ’s tha e air innse mar thachair dha air a’ cheann fa-dheòidh, agus chleachd an Slànaighear fhèin a dhà no trì de fhacail ghoirte ma dheidhinn — ach chan eil a bheag tuilleadh. ’S ann a shaoileamaid gum biodh caibidealan ma dheidhinn, ag innse cho ciontach ’s a bha e ’s cho gràineil ’s a tha an gnìomh a rinn e. Ach ’s e a’ chuid as lugha a ghabhadh sgrìobhadh ma dheidhinn a th’air a thoirt dhuinn anns a’ Bhìoball, agus chan e a’ chuid as motha.
Aig a’ cheart àm tha leithid de chudthrom anns a’ bheagan
fhacal a th’air a chleachdadh ’s nach urrainn neach sam bith gun a’ chudthrom sin fhaireachadh: “Chaidh e a-mach air ball agus bha an oidhche ann.” Is e an oidhche a bh’ann ann an dòigh no dhà do Iùdas, agus tha tuilleadh air innse anns na dhà no trì facail sin na ged a bhiodh leabhraichean sgrìobhte ma dheidhinn — “ ’s e ’n oidhche bh’ann.”
Nis, nì a tha nàdurra gu leòr, bha an oidhche riamh a’ ciallachadh gnìomharan dorcha agus eu-dòchas. A’ chuid as motha den chron a tha air a dheanamh anns an rìoghachd agus feadh an t-saoghail, ’s ann anns an oidhche a thàtar ga dheanamh. ’S chan eil e idir ’na iongantas ged a bhiodh eagal air daoine anns an oidhche nach eil idir orra anns an latha, oir anns an oidhche tha e cho furasda do naimhdean no do sgiorradh sam bith tighinn air daoine gun fhiosda, an uair nach urrainn daibh iad fhèin a dhìon gu ro-mhaith. ’S ann an nithean spioradail a theirear gu bheil an oidhche ann an uair a tha an t-olc cho làidir ’s gu bheil e a’ glacadh dhaoine thall ’s a-bhos, no a’ feuchainn ris co-dhiù, dìreach mar a thigeadh beathach fiadhaich air duine anns an oidhche. Theirear cuideachd gu bheil an oidhche ann an uair a tha neach a’ call a dhòchais agus a tha e a’ faicinn roimhe, chan e rathad fosgailte ach creag air nach faigh e thairis. Sin an suidheachadh anns an robh Iùdas an uair a dh’fhàg e an seòmar anns an robh an Slànaighear agus na h-abstoil eile, agus a chaidh e leis fhèin a-steach don oidhche. Chan eil fhios againn dè na smaointean a bhiodh aige anns an dorchadas, ach faodaidh sinn a bhith cinnteach nach robh aona chuid maise no ceol-gàire annta. Ma smaointich e, gun fhios da fhèin, air na làithean sona a bh’aca còmhla, agus air a’ choibhneas agus air a’ ghràdh a fhuair e, chuireadh e na smaointean sin bhuaithe, oir cha bhiodh a h-aon diubh nach biodh dol an sàs ann mar bhior air a dheanamh dearg san teine.
Nach iomadh fear aig an robh cridhe goirt agus smaointinn dèistinneach an uair a dh’fhàgadh e beannachd aig comann air an robh mòr-mheas aige, ach fad na h-ùine chan i an oidhche a bhiodh ’na chridhe, oir, ged bha iad a’ dealachadh, ’s ann an càirdeas agus an deagh-dhùrachd do chach a chèile. Ach an uair a dh’fhàg Iùdas an seòmar, bhrist e an càirdeas agus an gràdh, eadhon mar a bhristear soitheach crèadha air cloich. Gu bràth tuilleadh bhiodh abhainn na bu doimhne na an fhairge eadar
Iùdas agus an comann a dh’fhàg e. Nach fìor, ma tà, an seanfhacal — gu bheil amannan ann agus gur miosa an dealachadh beò na an dealachadh marbh. Chaidh e a-mach agus ’s e an oidhche a bh’ann.
Tha roinn den dorchadas sin anns an t-saoghal an diugh. Theireadh na seann Ghàidheil gur h-e seo an suidheachadh bu mhiosa anns am b’urrainn neach a bhith: oidhche dhorcha, ceò, uisge, agus gaoth mhòr ann; bàta caol corrach le siùil àrda a mach air an fhairge, agus còmhla ris gach nì eile sgioba fhann fheargach, gun urram aon da chèile. Nan abradh sibh na ceart fhacail sin mu dheidhinn na cuid as motha de na rìoghachdan, cha bhiodh sibh fada ceàrr. Agus ’s e seo an comharradh as miosa uile gu lèir — nach eil na nithean a tha tachairt a’ cur idir uiread de dh’uamhas air daoine agus a bu chòir dhaibh a chur. Tha e air a ràdh gum fàs daoine cleachdta ri nì sam bith, ach cha bu chòir gum fàsadh daoine cleachdte ris an olc. An e gun d’fhàg an cogadh cridheachan dhaoine na bu chruaidhe agus cogaisean dhaoine na bu mhaola na bha iad roimhe? Co-dhiù, nach dona an comharradh e gum biodh uiread de mhort agus de mharbhadh ga dheanamh anns an rìoghachd againn, agus nach cuireadh mòr-roinn den t-sluagh, a-rèir coslais, uiread de dhiù ann ’s a chuireadh iad, abraibh, ann an sgillinn eile air an aran. Tha e dona gu leòr gum biodh an oidhche ann, ach ’s ann a tha e dona buileach an uair nach eil daoine a’ tuigsinn sin no (ma tha iad a’ tuigsinn) a’ deanamh dheth gu bheil an oidhche cho maith ris an latha. Agus, anns a’ cheart dòigh, tha e dona gu leòr gum biodh mort cho cumanta, ach ’s ann a tha e dona buileach an uair nach cuir an nì seo crith ann am feòil dhaoine mar a dheanadh e anns na làithean a dh’fhalbh. ’S dè as coireach ach nach eil sinn air ar lìonadh mar bu chòir dhuinn le spiorad an t-Soisgeil mar a thàinig e o bhilean an t-Slànaigheir. Nam bitheadh, ’s e theireamaid ruinn fhèin: “Is e mo bhràthair-sa a bha sin; ’s ann ann a chaidh am peilear no an sgian, ’s cha bhi mi toilichte gus an èirich an sluagh agus an abair iad, chan ann airson seo a bha Calbhairi ann; ma tha mìltean ceàrr, bithidh iad air an cur ceart, chan ann an spiorad Iùdais ach ann an spiorad an t-Slànaigheir.” An uair a thig an latha sin, thèid daoine a-mach agus a-staigh, ’s chan e an oidhche a bhios ann ach an latha, eadhon mar thuirt e fhèin: “Is mise solas an t-saoghail.”
title | Anns an Oidhche |
internal date | 1950.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1988 |
level | |
reference template | Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p |
parent text | VI. Searmonan |