[104]

22. Urram dhàsan dan dlighear Urram

Thugaibh do na h-uile an dlighe fèin. . .. urram dhàsan dan dlighear urram. — Ròman. 13:7.

Anns achiad chuid den chaibideil seo ann an Litir Phòil a chum nan Ròmanach, tha an t-Abstol abruidhinn air luchd-riaghlaidh, agus tha e ag ràdh gur còir urram a thoirt daibh, a chionn gu bheil iad air an suidheachadh ann an sin chum ceartas a dheanamh. ’S tha seo toirt nar cuimhne gu robh e gu tric air a ràdh anns na ciad linntean nach robh na Crìosdaidhean cho umhals a bu chòir dhaibh a bhith do luchd-riaghlaidh agus do laghannan nan rìoghachdan sin anns an robh iad a chòmhnaidh, agus gu sònraichte gu robh ena chleachdadh aca a bhith ag oibreachadh anns na cùiltean agus anns an dorcha an aghaidh an luchd-riaghlaidh agus nan laghannan sin. Agus faodaidh e bhith gu robh beagan fìrinn anns an dìteadh sin, ach, ma bha, bha deagh adhbhar air a shon. Anns na làithean ud, bha na Crìosdaidhean air am fuadach an siod agus an seo, cosmhail ri coin choimheach; bha iad air an gearradh sìos leis achlaidheamh; bha iad air an crochadh ris na cranna-ceusaidh; agus chan fhaodadh iad cruinneachadh an ceann a chèile chum adhradh a thoirt do Dhia ann an ainm an t-Slànaigheir. Cha robh ena iongantas idir, ma , ged nach biodh na Crìosdaidhean sin atoirt mòran urraim don luchd-riaghlaidh no do na laghannan a bha an luchd-riaghlaidh adeilbhnan aghaidh. ’S cha mhò bha ena iongantas ged a bhiodh na Crìosdaidhean ag oibreachadh gu sàmhach anns an dorcha an aghaidh an luchd-riaghlaidh agus nan laghannan sin. Aig acheart àm, tha an Soisgeul ateagasg gu soilleir gur còir urram a thoirt don lagh agus do luchd-riaghlaidh nan rìoghachdan. Thuirt an Slànaighear fhèin, “Thugaibh do Cheusar na nithean as le Ceusar, agus do Dhia na nithean as le Dia.” Agus tha an abstol, Peadar agus Pòl, ateagasg a rithist agus a rithist gur còir ùrnaigh a dheanamh airson nan cumhachdan a ta ann, agus gur còir urram a thoirt do rìghrean agus do luchd-riaghlaidh nan rìoghachdan, a chionn gu bheil iad air an suidheachadh a chum ceartas a dheanamh. Gun teagamh, chan eil iad daonnan adeanamh ceartais, agus, nuair nach eil, as còir dhuinn a dheanamh an


[105]

sin? Ma leanas sinn spiorad aBhìobaill, chan eil e duilich acheist sin a fhreagairt: tha e daonnan fosgailte dhuinn, agus tha e mar fhiachaibh oirnn, feuchainn ri luchd-riaghlaidh matha chur ann an àite droch luchd-riaghlaidh, ach chan ann le mort no le marbhadh no le h-uile a thilgeadh bun os cionn, ach ann an dòigh shìtheil agus reusanta, acleachdadh argumaid an àite bhuillean, agus fìrinn an àite claidhimh. Ann an aon fhacal, nam biodh dòigh an t-Soisgeil air a leantainn, dhfhàsadh rìoghachd ceart gun fhios di fhèin.

Ach gabhamaid na facail, “Urram dan dlighear urram”, ann an seagh nas farsainne na luchd-riaghlaidh nan rìoghachdan. Gheibh na daoine mòra agus na daoine beairteach agus na daoine inbheach tomhas de dhurrram co-dhiù anns an t-saoghal seo. Ach is ann a tha toillteanach air urram na daoine matha, ged nach eil iad daonnan ga fhaotainn. Nach fhada bhon a chaidh a ràdh nach eil urram aig fàidhna dhùthaich fhèin, agus tha sin fìor a thaobh nan dùthchannan gu lèir. Nan robh coigreach air dol gu Ierusalem nuair a bha an Slànaighear air an talamh, ’s nan robh an coigreach sin air fhaighneach den chiad Iùdhach a thachradh ris, na daoine urramach a bha aca ann an Iudea, fhreagradh an t-Iùdhach sin gu robh Herod an rìgh aca, agus gu robh Pìlat, an t-uachdaran Ròmanach, agus Caiaphas an t-àrd-shagart, agus iomadh neach eile air nach cuala sinn iomradh riamh; ach chan ainmicheadh an t-Iùdhach am measg nan daoine urramach sin Mac Iòseiph an saor, mar a theireadh mòran den t-sluagh ris an t-Slànaighear. ’S cha mhò a dhainmicheadh e Peadar no Eòin no Seumas. No abraibh a rithist gu robh coigreach air a dhol don Ròimh mu dheich bliadhna fichead às dèidh bàs Chrìosd. Chitheadh e ann an sin taighean is togalaichean nach fhaic sinn an leithid anns an an diugh; chitheadh e luchd-riaghlaidh nan dùthchannan gu lèir; chitheadh e an t-Impire air a chòmhdach le sìodas le òrs le clachan luachmhor, air a ghiùlan air cathair òir, mar gum bu Dia e, agus mìltean de shaighdearan fo làn-armachd afalbhna chois — ’s rachadh an coigreach sin dhachaigh agus dhinnseadh e na nithean urramach a chunnaic e, agus mar a bha iuchraichean an t-saoghail gu lèir an crochadh air crios an Impire. Ach fad na h-ùine chan innseadh e, a chionn nach biodh fios aige air, gu robh an duine a burramaiche anns an t-saoghalna laighe sa


[106]

phrìosanseann duine nach toireadh an seirbhiseach a bìsle aig an Impire làmh dha, nan amhairceadh e idir air — ’s be an seann duine sin an t-Abstol Pòl. Gu cinnteach , tha urram agus urram ann; air an aon làimh, Nero, Impire na Ròimhe, ’na sheasamh aig uinneig aphàileis afìdhleireachd agus am bailena theine, agus ena spòrs air leth dha a bhith faicinn dhaoine gan losgadhagus, air an làimh eile, Pòl an seann phrìosanach agus seirbhiseach an Uile-chumhachdaich, ’s e asgrìobhadh nam facal seo anns aphrìosan: “Chòmhraig mi an deagh chòmhrag; chrìochnaich mi mo thuras; ghlèidh mi an creideamh.” Gu cinnteach, tha urram agus urram ann! ’S tha acheart fìor anns gach linn. Tha mi làn-chinnteach nach eil aon duine an seo a dhinnseadh dhomh e no rinn am Morair Bath a bha ann ri linn an dàrna Rìgh Teàrlach, o chionn trì chiad gu leth bliadhna. Ach, co-dhiù a chuala sibh uime no nach cuala, choisinn e urram nach bu bheagna latha fhèin, oir nach do chuir an Rìgh Teàrlach seachad ceithir latha còmhla ris, agus bha àm anabarrach cridheil acasealgaireachd gu leòr feadh an latha agus, nuair a thigeadh am feasgars a bhiodh na coinnlean cèireach air an lasadh, ’s na cupannan adol mun cuairt, agus na cairtean gan iomairt, agus oighreachdan air an tilgeadh o làimh gu làimh a-rèirs mar a rachadh achluich. Cha robh duine an Sasainn cho toilichte no cho urramach ris aMhorair Bath ach an rìgh e fhèin. Fad na h-ùine, ged nach robh fios aig an rìgh no aig Morair Bath air, bha duine ann a burramaiche na h-aon diubh, ged nach robh ann ach mac ceàird; bha e anns aphrìosan ann am Bedford, asgrìobhadh leabhar, nuair a gheibheadh e cead sin a dheanamh. Be an duine sin Iain Bunyan; be an leabharTuras aChrìosdaidh”. Gu cinnteach, tha urram agus urram ann!

Faodaidh truas gu leòr a bhith againn ris na daoine dalla o shean nach do thuig iad a bairidh agus iad nach bairidh air urram fhaotainn; achs e seo an cunnart, gu bheil sinne cho dall riutha fhèin. Nach fhaod nach eil sinne cuideachd atoirt na h-urraim do na daoine cearta? Bha prionnsa ann roimhe, agus chunnaic e ann am bruadar gu robh e anns an ath shaoghal, agus on bha e thall co-dhiù smaointich e gum bu mhaith leis fàilte a chur air na rìghreans na prionnsachans air na ceannardan ainmeil air an cual e iomradh no air an robh e fhèin


[107]

eòlachna latha fhèin. Ach cha robh a h-aon diubh ra fhaotainns cha robh fios aig neach thall iadach a biongantaiche leis aphrionnsa uile gu lèir gur h-e daoine ris nach bruidhneadh e fhèin air an rathad-mhòr a bhanam prionnsachan thall ann an siod - na daoine a bu chòir a bhith air dheireadh air thoiseach, agus iadsan a bu chòir a bhith air thoiseach air dheireadh.

Rinn Soisgeul an t-Slànaigheir sin. Chuir e sìos na daoine cumhachdach o an cathraichean rìoghail, agus dhàrdaich e iadsan a bha ìosal. ’S ma tha farmad gus a bhith againn ri neach sam bith, biodh e againn ri leithid Shimeoin, an seann duine aig an robh dùil ri sòlas Israeil agus a chaidh a-staigh latha don Teampall, fo stiùradh an Spioraid, agus a chunnaic ann an sin an Oigh Muire agus an leanabh Iosana gàirdeanan. “A-nis, a Thighearna,” arsa Simeon, “tha thu aleigeadh do dsheirbhiseach siubhal ann an sìth, a-rèir tfhacail, oir chunnaic mo shùilean do shlàinte.”

titleUrram dhàsan dan dlighear Urram
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textVI. Searmonan
<< please select a word
<< please select a page