VII.

SGEULACHDAN

25. Craobh-òir agus Craobh-airgid.

Bha ann roimhe seo rìgh aig an robh bean dam bainm Craobh-airgid, agus nighean dam bainm Craobh-òir. Latha de na làithean chaidh Craobh-òir agus Craobh-airgid do ghleann far an robh tobar anns an robh breac.

Arsa Craobh-airgid, “A bhricein, a bhalaich bhig, bhòidhich, nach mise an aon bhan-righ as brèagha anns an t-saoghal?”

O gu dearbh cha tu.”

eile?”

Tha Craobh-òir, do nighean.”

Chaidh Craobh-airgid dachaigh agus an cuthach ga dalladh. Laigh i air an leaba, agus cha bhiodh i slàn gu bràth gus am faigheadh i cridhe agus grùthan Chraoibh-òir, a h-inghean, rin itheadh.

Aig beul na h-oidhche thàinig an rìgh dhachaigh, agus dhinnseadh dha gu robh Craobh-airgid, a bhean, glè thinn. Chaidh e far an robh i, agus dhfhaighnich e bha ceàrr oirre.

O, chan eil ach rud a dhfhaodas tusa a leigheas, ma thogras tu.”

Gu dearbh, chan eil rud sam bith a burrainn dòmhsa dheanamh riut nach deanainn.”

Ma gheibh mi cridhe agus grùthan Chraoibh-òir, mo nighean, rin itheadh, bidh mi slàn.”

Dhfhalbh an rìgh agus chuir e a chuid ghillean dan bheinn-


[115]

sheilg a dhiarraidh boc-goibhre, agus thug e a chridhe agus a ghrùthan da mhnaoi rin itheadh; agus dhèirich i gu slàn fallain.

thachair mun àm seo ach gun tàinig mac rìgh mhòir à thairis a dhiarraidh Chraoibh-òir ri pòsadh. Dheònaich an rìgh ris a seo, agus dhfhalbh iad thairis.

Bliadhna an dèidh seo chaidh Craobh-airgid dan ghleann far an robh an tobar anns an robh am breac.

A bhricein, a bhalaich bhig, bhòidhich,” ars ise, “nach mise an aon bhan-righ as brèagha anns an t-saoghal?”

O gu dearbh cha tu.”

eile?”

Tha Craobh-òir, do nighean.”

O, ma , is fhada sin bho nach eil ise beò. Tha bliadhna ann bhon dhith mi a cridhe agus a grùthan.”

O gu dearbh, is ise nach eil sin marbh. Tha i pòsda aig prionnsa mòr thairis.”

Chaidh Craobh-airgid dhachaigh, agus dhfheumadh an rìgh an long-fhada a chur air dòigh, gu robh ise adol a choimhead a h-eudail, Craobh-òir, agus gur fhada bho nach fhac i i. Chaidh an long-fhada a chur air dòigh, agus dhfhalbh iad.

Is i Craobh-airgid fhèin a bha air an stiùir, agus stiùir i an long cho maith agus nach robh iad fada sam bith gun thairis a ruigheachd.

Bha am prionnsa mach anns abheinn-sheilg. Dhaithnich Craobh-òir long-fhada a h-athar atighinn. “O”, ars ise ris na seirbhisich, “tha mo mhàthair atighinn, agus marbhaidh i mise.”

Cha mharbh idir; glaisidh sinne staigh ann an seòmar thu far nach fhaigh i nad chòir.”

Is ann mar seo a bha; agus an uair a thàinig Craobh-airgid air tìr, agus a thòisich i air èigheachd, “Thig an coinneamh do mhàthar fhèin agus i air tighinn gad choimhead,” thuirt Craobh-òir nach burrainn di, gu robh i air a glasadh anns an t-seòmar, agus nach fhaigheadh i às.

Nach cuir thu,” arsa Craobh-airgid, “Do mheur bheag a-mach air toll na h-iuchrach, agus gun toireadh do mhàthair fhèin pòg dhi?”

Chuir ise mach a meur, agus dhfhalbh Craobh-airgid agus stob i bior nimhe innte, agus thuit Craobh-òir marbh.


[116]

An uair a thàinig am prionnsa dhachaigh agus a fhuair e Craobh-òir marbh, chaidh e gu mòr-mhulad uamhasach, agus leis cho brèagha agus a bha i cha do thìodhlaic e idir i, ach ghlais e staigh ann an seòmar i, far nach faigheadh gin sam bithna còir.

An ceann ùine phòs e rìs, agus bha an taigh uile fo làimh na mnà seo ach aon seòmar, agus bha e fhèin agleidheil iuchair an t-seòmair sin. Latha de na làithean dhì-chuimhnich e an iuchair a bheir leis, agus fhuair an dàrna bean a-staigh don t-seòmar. chunnaic i an sin ach an t-aon bhoireannach bu bhrèagha a chunnaic i riamh.

Thòisich i air a tionndan agus a feuchainn, agus thugadar an aire don bhior nimhena meur. Thug i am bior aisde, agus dhèirich Craobh-òir beò, cho brèagha agus a bha i riamh.

Am beul na h-oidhche thàinig am prionnsa dhachaigh às abheinn-sheilg, acoimhead gu math tùirseach.

an geall,” ars a bhean, “a chuireadh tu rium nach toirinn gàire ort?”

O gu dearbh, cha tugadh sam bith gàire ormsa ach Craobh-òir a thighinn beò.”

O, ma , tha i beò agad shìos an sin anns an t-seòmar.”

An uair a chunnaic am prionnsa Craobh-òir beò, rinn e toileachas mòr agus thòisich e air a pògadh, ’s a pògadh, ’s a pògadh. Ars an dàrna bean, “Bhon as ise achiad a bha agad, is feàrr dhuit leantail rithe, agus falbhaidh mise.”

O, gu dearbh, chan fhalbh, ach bidh an dithis agaibh agam.”

An ceann na bliadhna chaidh Craobh-airgid dan ghleann far an robh an tobar anns an robh am breac. “A bhricein, a bhalaich bhig bhòidhich,” ars ise, “Nach mise an aon bhan-righ as brèagha anns an t-saoghal?”

O gu dearbh cha tu.”

eile?”

Tha Craobh-òir, do nighean.”

O, ma , chan eil ise beò. Tha bliadhna ann bhon a chuir mi am bior nimhena meur.”

O gu dearbh is ise nach eil sin marbh; is i nach eil.”

Chaidh Craobh-airgid dhachaigh, agus dhfheumadh an rìgh an long-fhada a chur air dòigh, gu robh ise adol a choimhead a


[117]

h-eudail, Craobh-òir, agus gur fhada bho nach fhac i i. Chaidh an long-fhada a chur air dòigh, agus dhfhalbh iad.

Is i Craobh-airgid fhèin a bha air an stiùir, agus stiùir i an long cho math agus nach robh iad fad sam bith gun ruigheachd.

Bha am prionnsa mach anns abheinn-sheilg. Dhaithnich Craobh-òir long a h-athar atighinn.

O,” ars ise, “tha mo mhàthair atighinn agus marbhaidh i mise.”

Cha mharbh idir,” ars an dàrna bean; “is ann a thèid sinn sìosna coinneamh.”

Thàinig Craobh-airgid air tìr. “Thig sìos, a Chraobh-òir, a ghaoil,” ars ise, “agus do mhàthair fhèin air tighinn gad ionnsaigh le deoch phrìseil.”

Tha ena chleachdadh anns an dùthaich seo,” ars an dàrna bean, “gun toir an neach a bheir seachad deoch balgam e fhèin às an toiseach.”

Chuir Craobh-airgid a beul ris, agus dhfhalbh an dàrna bean agus thug i dòrn da sìos a craos, agus thuit i marbh. Cha robh aca ach a giùlanna closaich mhairbh dachaigh agus a tìodhlacadh.

Bha am prionnsa agus a dhà mhnaoi beò fada an dèidh seo, gu toilichte agus gu rianail.

Dhfhàg mise an sin iad.

titleCraobh-òir agus Craobh-airgid
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textVII. Sgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page