26. Na Trì Coin Uaine

Bha ann roimhe seo prionnsa agus a phiuthar. Chaochail an athair agus am màthair, agus bha iadsan afuireach cuideachd. Bha am prionnsa dol a-mach gach latha dan mhonadh às dèidh nan caorach; agus mus fhalbhadh e dhiarradh e air a phiuthair gun a falt a chìreadh no an uinneag thuath fhosgladh gus an tigeadh esan dachaigh.

Latha de na làithean thachair ris ach duine agus trì coin uaine aige.

An ceannaich thu na coin seo bhuam? ”, ars an duine.

Gu dearbh, chan eil dad agamsa bheirinn duit air an son.”

An toireadh tu molt domh air an son?”

Bheireadh, am fear as fheàrr a tha agam.”

Ma , thèid mise an urras nach gabh thu aithreachas airson


[118]

sin. Is iad na h-ainmeannan aca Fios, Luaths, agus Trom. An uair a thèid thu don bheinn-sheilg, cha bhi agad fhèin ach suidhe air cnoc agus na coin a chur air falbh, agus bidh fhios aig Fios far am bi na fèidh, agus beiridh Luaths orra, agus bheir Trom dhachaigh iad.”

Is ann mar seo a bha. Fhuair an duine am molt agus fhuair am prionnsa na coin. An ath mhadainn, leis an toileachas a bha air aphrionnsa dol a-mach achiad uair dan bheinn-sheilg leis na coin, dhì-chuimhnich e innseadh da phiuthair gun a falt a chìreadh no an uinneag thuath fhosgladh gus an tigeadh esan dachaigh.

Ràinig iad abheinn-sheilg. Shuidh am prionnsa e fhèin air cnoc agus chuir e air falbh na coin. Bha fhios aig Fios far an robh na fèidh, rug Luaths orra, agus thug Trom dachaigh iad. Air an rathad atighinn dachaigh, arsa Fios ra mhaighistir, “Dhì-chuimhnich thu an diugh innseadh do dphiuthair gun a falt a chìreadh no an uinneag thuath fhosgladh gus an tigeadh tusa dachaigh; agus leis a sin, an uair a dhfhalbh thusa, thàinig trì famhairean ga coimhead; rinn iad uamh fon taigh, agus toll troimhn ùrlar. Air an toll chuir iad scuttle (trap-door), agus air an scuttle cathair; agus rinn iad fhèin agus do phiuthar suas eatorra gun iarradh ise ortsa suidhe air achathair, air chor agus gun tuiteadh tusa sìos anns an uaimh agus gun itheadh na famhairean thu. Ach gabh thusa mo chomhairle-sa agus na suidh idir air achathair; agus an uair a bheir thu am brochan againne den teine, càirich air an scuttle e, agus thèid mi fhìn agus an chù eile an caraibh a chèile, cuiridh sinn car den phoit agus den scuttle, agus tuitidh am brochan mu chinn nam famhairean agus thèid an losgadh.”

Is ann mar seo a bha. An uair a thàinig am prionnsa dachaigh, thòisich a phiuthar air a ghaolachadh agus air a ghràdhachadh agus air iarraidh air suidhe air achathair, gur cinnteach gu robh e sgìth às dèidh tighinn dachaigh às abheinn-sheilg.

Cha shuidh”, ars esan, gu maith greannach, “ach suidhidh mi far an togair mi fhìn.”

Dhfhalbh e an uair sin agus thug e am brochan den teine agus chuir e air an scuttle e. Gu tubaisteach, chaidh na coin mun cheart àm a shabaid, agus cuireadar car den phoit agus den scuttle. Thuit am brochan sìos mu chinn nam famhairean, agus


[119]

a-mach air an doras a ghabh iad. A-mach às an dèidh ghabh am prionnsa agus na coin, agus dhall iad orra gus an do chuir iad a-staigh doras na h-uamha iad. Thill iad an sin dachaigh agus ghabh iad mu thàmh.

An ath mhadainn chaidh am prionnsa agus na coin dan bheinn-sheilg. Shuidh am prionnsa fhèin air cnoc, agus bha fhios aig Fios far an robh na fèidh, rug Luaths orra, agus thug Trom dachaigh iad.

An uair a thàinig iad dachaigh, thuirt a phiuthar ris aphrionnsa, “Tha mi gad chur fo gheasa agus fo chroisean agus naoi buaraichean mhnathan-sìth, siùbhlach, seachranach, agus an laogh beag as meata, agus do chluas, agus do chaithe-beatha dhiot, mar tèid thu trì uairean às dèidh a chèile don uaimh agus trì glaodhan a thoirt aig an doras.”

An uair a chuir iad iad-fhèin air dòigh, chaidh am prionnsa agus na coin achiad uair don uaimh am feasgar sin. Chaidh am prionnsa fhèin air muin Luaiths mus beireadh na famhairean air. Ràinig iad an uamh. Thug am prionnsa na trì glaodhan às. A-mach às an dèidh thàinig na famhairean, ach cha bheireadh a h-aon aca air Luaths. Chaidh Fios agus Trom an caraibh nam Famhairean agus mharbh iad aonan diubh. Chaidh iad an sin dachaigh agus ghabh iad mu thàmh.

An ath mhadainn chaidh am prionnsa agus na coin don bheinn-sheilg. Shuidh am prionnsa fhèin air cnoc, agus bha fhios aig Fios far an robh na fèidh, rug Luaths orra, agus thug Trom dachaigh iad.

An uair a chuir iad iad-fhèin air dòigh, chaidh iad an oidhche sin a rìs don uaimh. Chaidh am prionnsa fhèin air muin Luaiths agus thug e trì glaodhan aig an doras. A-mach às an dèidh thàinig na famhairean, ach cha bheireadh a h-aon aca air Luaths. Chaidh Fios agus Trom an caraibh nam famhairean agus mharbh iad aonan diubh. An sin chaidh am prionnsa agus na coin dachaigh, agus gabhadar mu thàmh.

An ath mhadainn chaidh am prionnsa agus na trì coin don bheinn-sheilg. Shuidh am prionnsa fhèin air cnoc agus bha fhios aig Fios far an robh na fèidh, rug Luaths orra, agus thug Trom dachaigh iad. An uair a fhuair iad iad-fhèin air dòigh, chaidh iad don uaimh an treas uair. Ghlaodh am prionnsa trì uairean aig an doras agus a-mach thàinig an t-aon fhamhair a dhfhàg iad beò,


[120]

agus a phiuthar. Chaidh am prionnsa fhèin air muin Luaiths agus cha bheireadh am famhair air. Chaidh Fios agus Trom an caraibh an fhamhair agus mharbh iad e, agus theich piuthar aphrionnsa dachaigh. Chaidh iad an uair sin a staigh don uaimh, agus fhuair iad uidhir òir agus airgid agus a bheireadh Trom dachaigh.

An uair a thàinig am prionnsa dhachaigh, thachair a phiuthar ris anns an doras agus deoch phuinsein aice.

Siuthad, a ghaoil,” ars ise, “agus òl an deoch mhath seo; is cinnteach gu bheil thu sgìth às dèidh crìoch a chur air na famhairean.”

Dhòl e an deoch, agus cha luaithe dhòl e i na thuit e marbh. Thòisich na coin car tacain air caoineadh agus air donnalaich ma thimcheall, agus an sin dhfhalbh iad. Ghabh iad air an aghaidh acoiseachd gus an do ràinig iad tobar far an robh dithis dhaoineaonan alìonadh soithich leis an uisge, agus am fear eile ag amharc gu dùrachdach air.

,” arsa Fios, “tha sibh adeanamh mar sin?”

O”, fhreagair am fear a bha alìonadh an t-soithich, “is e tobar-leighis a tha seo, agus tha mi toirt deur den uisge don duine seo.”

Bfheàrr leam,” arsa Fios, “gun toireadh tu deur dheth dhòmhsa.”

Fhuair e seo, agus tilleadar do thaigh aphrionnsa. Dhòirt iad an t-uisge air aphrionnsa agus dhèirich e gu slàn, fallain.

A-nis,” arsa Fios, “tha mi fhèin agus an chù eile afalbh.”

O gu dearbh, chan fhalbh,” arsa am prionnsa; “bu mhòr mfheum oirbh.”

O ge , feumaidh sinn falbh,” arsa Fios, agus a-mach ghabh iad. As an dèidh ghabh am prionnsa ach ann am priobadh na sùla bha iad às an t-sealladh. Thug e còrr agus seachdain asireadh air an son, ach sireadh esan gus am biodh e sgìth chan fhaigheadh e na coin.

Latha de na làithean mar a bha e agabhail roimhe acoiseachd gu maith tùrsach airsnealach, a thachair ris ach an aon ghille òg a bàillidhe chunnaic e riamh.

Am faca tu trì coin uaine air feadh a seo?” ars am prionnsa.

Chunnaic,” ars an gille òg; “an aithnicheadh tu iad ri am faicinn?”


[121]

Bu choltach gum faithnicheadh,” ars am prionnsa.

Ma , is mise Fios.”

O gu dearbh cha tu.”

Buail thusa an t-slatag seo orm trì uairean,” ars an gille òg, “agus fàsaidh mi am chù.”

Rinn am prionnsa seo, agus mar a thuirt an gille òg dhfhàs ena chù. Bhuail e an t-slat a rithist air agus dhfhàs ena ghille òg. a thàinig an uair sin ach Luaths agus Trom ann an riochd ghillean òga!

Co aca,” ars iadsan ris aphrionnsa, “as fheàrr leat sinn mar tha sinn an dràsd nar gillean òga na mar bha sinn roimhe nar coin?”

Is docha leam sibh mar a tha sibh a-nis nur daoine. Fanaidh sibh a-nis còmhla rium gu bràth.”

Tha eagal orm nach urrainn duinn,” arsa Fios; “Is e clann rìgh mhòir a tha annainn. Chaochail ar màthair o chionn fhada, agus chuir ar muime geasa oirnn gum biodh sinn nar coin gus an deanamaid na nithean sin a rinn sinn-fhèin agus thu fhèin. Tha sinn a-nis adol dachaigh, agus thig thusa leinn agus gum faiceadh tu aphiuthar bhrèagh a tha againne.”

Dhfhalbh iad, agus chòrd am prionnsa agus piuthar nan gillean cho maith ra chèile agus nach robh iad fada sam bith gun phòsadh. Dhfhalbh piuthar aphrionnsa agus chan fhaca iad riamh tuilleadh i. Mar sin bha an taigh aig aphrionnsa agus a mhnaoi dhaibh fhèin; agus cho fada agus a dheanadh beairteas agus gaol eatorra fèin toilichte iad thèid mise an urras gu robh iad sin.

Dhfhàg mise an sin iad.

titleNa Trì Coin Uaine
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textVII. Sgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page