31. Mac na Bantraich agus Rìgh na h-Eireann

Bha rìgh uair ann an Eirinn dam bainm Logaidh Lainnseach, agus ged a bha ceithir ranna na h-Eireann aige air a lùdaig, bu shuarach leis fonn no fearann no fàsach, seach an riobag bu mhiosa de fhalt, ma bha miosad ann, rud nach robh. Cha robh latha dhèireadh e, fhads a bhiodh aghealachna fàs, nach


[145]

cuireadh e fios air h-aon de na gillean òga anns achoimhearsnachd e thighinn thun aphàileis a chìreadh no a bhearradh fhuilt, ach is e seo an a bha cur an iongnaidh air an t-sluagh. Ma chunnacas fear an dèidh fir de na gillean òga dol suas thun aphàileis, chan fhacas fear no fear diubh, no bloigh de dhfhear aca, atilleadh dhachaigh.

Mu dheireadh thàinig fios gu mac bantraich a dhol suas a bhearradh agus a chìreadh gruaig an rìgh, agus, ma thàinig, chaidh abhantrachna boilsna dubh-bhreislich. An uair a shocraich i, smaointich i gu rachadh i fhèin a choimhead air an rìgh a dhfhaicinn ghabhadh deanamh às leth a mic. “Ar leam, a bhean,” ars an rìgh, “gu bheil thu ann an trioblaid.” “Ler cead, a rìgh,” ars ise, “chan iongantach ged a bhitheadh. Chunnaic mi bruadar na dunaidh an raoirmaona mhac a bhith marbh, agus ged bu chruaidh sin is e leòn mi buileach sibh fèin, rìgh na h-Eireann, a bhith marbh ra thaobh.” “Ud, ud, a bhean,” ars an rìgh, “feumaidh sinn seòl a dheanamh air do mhac a chumail beò. Tha e tighinn an seo an diugh a bhearradh mfhuilt, ach mas maith a thig e, is ro-fheàrr a dhfhalbhas e.”

An ceann treise chaidh mac na bantraich suas don phàileas a bhearradh falt an rìgh. “Nis, a mhic na bantraich,” ars an rìgh, “tha beag agam ri ràdh riut. Is iomadh rud a cheileas duine marbh nach ceil duine beò, ach gheall mi do dmhàthair gu fàgadh tu an taigh seo gu slàn fallan, agus, mar a gheall, . Ach a mhic na bantraich, air do cheann is air do chluais is air do chridhe, bheir thu do mhionnan agus do bhòid an ceart làrach nam bonn nach innis thu gu bràth nona dhèidh sin sam bith a chì no chluinneas tu anns an taigh seo.” Air ghaol a bheatha rinn mac na bantraich mar dhiarradh air. Bheàrr agus chìr e falt an rìgh, agus thill e dhachaigh am beul na h-oidhche, is cliabh de bhuinn òir air a mhuin.

Ach, ma thill, cha bann gu ceol-gàire. thagaibh air ach gun tàinig tinneas air, agus thàinig e gu pràmh agus caitheamh air, ’s cha robh ibeag no ubag a dheanadh feum dha. Mu dheireadh chaidh a mhàthair far an robh fiosaiche ainmeil aig an robh an thrian sin den Sgoil-dhuibh a bhiodh aig fiosaichean eile agus trian a thuilleadh air an fhear a bfheàrr dhiubh. “Tha fhios agam glè mhaith,” ars am fiosaiche, “ tha ceàrr air do mhac; tha cuthagna inntinn agus cha toir i fois dha gu bràth


[146]

gus an innis e an sin a tha Logaidh Lainnseach, rìgh na h-Eireann, acleith air an t-saoghal.” “Chan fhaod sin a bhith, fhir na Sgoile-duibhe,” ars abhantrach. “Thug mo mhac mionnan is bòid nach innseadh e gu bràth nona dhèidh sin.” Ma , a bhantrach chòir,” ars am fiosaiche, “seo mo chomhairle dhuit. Rachadh do mhac thun na coille ud thall agus innseadh e don chraoibh as fheàrr leis fhèin an sin a tha Logaidh Lainnseach, rìgh na h-Eireann, acleith. Cuiridh sin aghlas-ghuib air achuthaig a tana inntinn.”

Chaidh mac na bantraich, mar a dhiarradh air, thun na coille; chunnaic e craobh mhòrna seasamh leatha fhèin, agus i ùr-mharbh, agus dhinnis e don chraoibh sin gu bog sàmhach an sgeul beag sin a bha Logaidh Lainnseach, rìgh na h-Eireann, acleith air an t-saoghal. Cha bu luaithe rinn e seo na fhuair e fois on chuthaig a bhana inntinn agus, mar a robh e na bfheàrr na bha e roimhe, cha robh e co-dhiù dad na bu mhiosa.

thachair mun cheart àm seo ach gun do chuir Logaidh Lainnseach, rìgh na h-Eireann, roimhe gun deanadh e cuirm a chuireadh iongantas air an t-saoghal gu lèir, agus thug e sanas don chruitire gu feumadh an ceòl a bhith cho maith ris abhiadh agus gu fòghnadh sin. Ach an rud a bhios an dàn tachraidh e, agus gu tubaisteach bhrist an cruitire a chlàrsach agus thàinig air ùr a dheanamh dha fhèin. Chaidh e nunn don choillidh, agus chunnaic e ach craobh mhòr ioma-dhuilleagach, agus ina seasamh leatha fhèin. “Seo mo chraobh-sa,” ars esan; “ mi clàrsach aisde seo a chuireas uiread de dhiongantas air an t-saoghal agus a chuireas còcaire caol ruadh na feòla le chuid còcaireachd!” Ach a dheanamh sgeòil ghoirid dheth, thàinig latha mòr na cuirme mu dheireadh, agus chruinnich rìghrean an domhain mhòir gu lèir, agus a h-uile fear eile a bfheàrr na chèile fo na rìghrean, an ceann a chèile los a bhith curs acaitheadh na cuirme còmhla ri Logaidh Lainnseach, rìgh na h-Eireann. An uair a bha iad sgìth ag ithe agus ag òl, agus sogan beag baoth beartach air gach aon diubh, ghlaodh Logaidh Lainnseach, rìgh na h-Eireann, air achruitire dol air ghleus. Ach cha luaithe rug an cruitire air achlàrsaich na thòisich i air seinn, às a ceann fhèin, an sgeul beag sin a bha Logaidh Lainnseach acleith air an t-saoghal, ach a dhinnis mac na bantraich don chraoibh mhòir ioma-dhuilleagach às an deachaidh achlàrsach a


[147]

dheanamh. Fhearas a dhaoine, òbh, òbh, òbh, ach aghleadhraichs aghliogadaichs aghlaodhaich a bha sin! Gu fìrinneach, dhùisgeadh iad na mairbh agus bhòdhradh iad am fear nach drugadh, agus le dubh-eagal mo bheatha thug mise mo chasan leam agus, cho fìor ris abhàs, chan fhios dhomh thun an lathan diugh air thalamh a thachairna dhèidh sin.

titleMac na Bantraich agus Rìgh na h-Eireann
internal date1950.0
display date19..
publication date1988
level
reference template

Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid %p

parent textVII. Sgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page